Skip to main content

Full text of "An saoghal a ta ri teachd, no, Seallaidhean nmh agus ifrinn"

See other formats


LIST OF GAELIC BOOKS 

And Works gii the Highlands 

PUBLISHED AND SOLD BT 

MACLACHLAN & STEWART, 

BOOKSELLERS TO THE UNIVERSITY, 

64 SOUTH BRIDGE, EDINBURGH. 

A liberal discount allowed on orders for exportation 
or for private circulation. 



M'Alpine's Gaelic and Englisb Pronouncing Dìc- 
tionaiy, with Grammar, 12mo, cloth^ 
... Ditto ditto half hound calfj 

,.. Gaelic and English, separately, clotli^ 
... English and Gaelic, separateiy, cloth, 

M'Leod and Dewar's Gaelic Dictionary, 8vo, cloth 

AUeìne's Alarm to the Unconverted, 

Saint's Pocket-Book, cloth^ Is. sewed, 

Almanac for 1875, 

Assurance of Salvation, 18mo, sewed, 
Baxter's Call to the Unconverted, 18mo, cloth, 

Saint's Rest, translated by Rev. J. Forbes, 
Beith's Catechism on Baptìsm, 18mo, sewed 
Bsble in Gaelic, 8vo, stronghj hound in calf, 

Boston's Fourfold State, 12mo, clothj 

Bonar's (Rev. Dr II.) Christ is AIl, 18mo, sewed, 

... God's Way of Peace, 

Buchannan (Dugald) of Rannoch's Life and Con 
version, with his Hymns, 18mo^ cloth, 

... The Hymns, separately, 18mo, sewed, 
Bunyan's Come and Welcome, 18mo, cloth, 

... World to Come, or Visions from Hell, cloth 

... Grace Abounding, 18mo, cloth, 

... Pilgrim's Progress, {three parts) cloth, 

Do. do. {two parts) 12mO; 1840, 

... Water of Life, 18mo, cloth, 

64 South Bridae, Edinhurgh, 



9 

10 

5 

5 

10 



d. 


6 


G 



1 6 

6 

6 

6 

1 6 

2 6 
1 
7 6 
4 

3 

1 



2 








3 


2 





1 


6 


2 





2 


6 


2 





1 






Gaelic BooJcs Sold hy Maclachlan and Stewartj 



Bunyan's Sighs from Hell, 18mo, cloth, .., o.. 

... Heavenly Footman, l8mo, clotkj 

... Holy War, ISmo, (in the Press), 

Burder's Village Sermons, 18mo, cZo//i; 

Campbell (Donald) on the Language, Poetry, and 

Music of the Highland Clans, with MusiCj 
Catechism, Shorter, Id. Gaelic and English, 

Mother's, Id. Gaclic and English, 

Shorter, with Proofs, 

Brown's Shorter, for Young Children, 

Confession of Faith, fcap. 8vo, cloth, 

Dairymau's DaughieYj sewed, 

Dàn an Deirg agusTiomnaGhuill, (Dargo and Gaul) 
wiih a new Translation, Notes, and Introduc- 

tion, by C. S. Jerram, 

Dewar's (Rev. Dr.) The Gaelic Pieacher, 8vo, ... 
Doctrine and Manner -^ff the Church of Rome, ... 
Doddridge's Rise and Brogress, 12mo', cloth, 
Dyer's Christ's Famous Titles, 18mo, clothj 
Earle's Sacramental Exercise% 18mo, clolh, 
Edwards' (Rev. Jonathan) Sermon, seivedj 
Elegy on Dr Macdonald of Ferrintosh, 12mo, ... 
English Poems, with Gaelic Translations, arranged 

ou opposite pages, 12mo, Fart 2, 

Finlayson (Rev. R.) Brief Sketch of the Life of, 

by Rev. J. Macpherson, 18mo, clothj 
Flavel's Token for Mourners, 18mo, cloth^ 
Forbes' (Rev. J.) Baptism and the Lord's Supper, 

AnLochran: DialoguesregardingtheChurch, 
... LongGheal: Tlie WhiteShip; aSpiritualPoem,0 
Gael (The), a Monthly Gaehc Magazine, 6s. a-year, 

or each No. 
Gaelic First Book, 18mo, 2d. ; Second do. 

Gaelic Spelling-Book, 18mo, cloih 

Gaelic Tracts, 50 different kinds, sorted, for 

Gaelic Tracts, 8 sorts, ' 100 for 

Grant's (Rev. Peter) Hymns, 18mo, clothj 

Guthrie's Christian's Great Interest, 18mo, clothj 



s. 


d. 


2 





1 





2 


6 


1 


6 


7 


6 





2 





2 





li 





1 


2 


6 





4 


2 


6 





4 





3 


3 





2 


6 


1 


6 





2 





6 


1 


6 


1 





1 








4 





6 


ì,0 


4 





6 





4 





6 


2 


6 


1 





1 


6 


2 






64 ^i^oiUh Bridgej Edinhurgh 



Digitized by the Internet Archive 
in'2013 



http://archive.org/details/saoghaltariteach1873lark 



THE WORLD TO COME; 



VISIONS OP HEAVEN AND HELL. 



WY 



JOHN BUNYAN. 



•' And Jesus said unto him, Verily I say unto thee, To-day 
halt thou be with me iu paradise."— Luke xxiii. 43. 

" For God shall bring every work mto judgment, with every 
secret thing, whether itoe good, or whetheri/ Ife evil."— Eccles. 
xii. 14. 



EDINBUEGH: 

MACLACHLAN AND STEWART. 

MDCCCLXXIII. 



National Library of Scotland 

■iiiiiiniii 

*B000501641* 



AN SAOGHAL A TA RI TEACHD; 



SEALLAIDHEAN NEIMH AGUS IFRINN. 



LE 



lAIN BUINIAN. 



** Agus thubhaìrt losa ris, Gudeimhin thami'gràdh ruit gu'ro 
bi thu maille riumsa an diugh ann am pàrras." — Luc xxiii. 4."* 

'• Oir bheir Dia gach obair chum breitheanais, maille ns gacto 
m diomhain ma's math, no ma's olc e." — Ecles. xii. 14 



DUNEIDEANN: 

MAC-LAOHUINN AGUS STIUBHARD. 

MDCCCLXXIII. 



eieaEOTypE euition 



DO 'N LEUGHADAIR. 



A Leuchadair Cheiosdaii., 

'S E buannachd spioradal t'anma th'ann ani 
bheachd ann a' bhi sgrìobhadh na th'air a' chur 
sìos anns an Leabhar bheag so, chum le bhi 
foillseachadhglòirnamflaitheasdoshùileant'inn- 
tinn,gu'mbiodhdo cheudfaitheanagust'iarrtas- 
an air an gluasad suas gu roghainn a' dheanamh 
dheth mar t'ionmhas is ro luachmhoire. agus 
mar sin far ara " bi t'ionmhas bithidh do 
ehridhe maran ceudna:" agus, theagamh, gu'm 
beil urrad air a' ràdh an so air son ceudfaith- 
ean t'inntinn a' ghlacadh 'sa th'air a sgrìobh- 
adh an àit' air bidh eile air a' phuing so , agus 
a dh'f haodas, tre bheannachadh Dhè, iarrtas a' 
dhiìsgadh annad an deigh an t-sonais mu'm beil 
iomradh air a' dheanamh an so, 's a bheir thu fa- 
dheòigh gu bhi ga mhealtainn gu sìorruidh. — 
Cha 'n eil mi, gu dearbh' a' gabhail os-làimh 
mion-chunntas a' thoirt uime, (oir cha 'n 
eil e soilleir fathasd ciod a bitheas sinn) ach 
tha dòchas agam gu 'm faigh n'a th'air a' chur 
sìos an so, ùghdarras o fhacal Dè, chum 
a leigeadh ris e'àit' am beil nàdur ar sonais, gu 
h-àraid a' co-sheasamh, le bhi toirt freagradh 
do na ceisdibh is doiUeire. agus is deacair' mu 
thiomehioll, a rèir faciìl na fìrinn. 



J DO N LEUGHADAIR. 

Agus do bhrìgh gur e gràdh, agus diàrachd, 
na sgiathaii leis arn beil an t-anam ag èiridh 
suas chum nam fìaitheas, cha 'n eil mi 'n teag- 
amh nach fhaigh an t-anam cràbhach an so, 
na feartan tarrainn a ni thàladh an deigfi 
cusbairean nèamhaidh, ionnan agus gun fhios: 
oir ciod is mò a' chuireas na càileachdan inntinn 
ann am beò-chleachdadh no dùrachd air son a 
bhi 'g amharc air an oirdhearcas bhith-bhuan 
dhealrach sin, a tha uile gu lèir cho taitneach 's 
gu'n iarramaid e; agus mu'm beil an eaglais ag 
ràdh, " gur maisich e na clann nan daoine !" 
Agus,mabhae marsinan laithibhirioslachd,cia 
cho mòr sa tha' ghlòir a nis' air a chrùnadh air 
a righ-chathair le glòir agus onair, mar tha 'n 
t-abstol chum nan Eabhruidheach ag innseadh? 

Ach ged a tha nithe glòrmhor air aithris mu 
bhaile Dhè, a th' air a leigeadh ris dhuinn mar 
oirdhearcas bith-bhuan, agus aoibhneas iomadh 
linne ; gidheadh, an deigh an iomraidh is far- 
suinne, is èiginn dhuinn aideachadh an uair a 
thig sinn do na flaitheas, mar a rinn Ban-righ 
Sheba, 'nuair a chunnaic i glòir Sholaimh^ 
*' Nach robh a leth air aithris duinn." 

Gidheadh, tha ni 's leòir ann chum ar cridhe 
chumail ann am beò-chleachdadh, agus ar ceud- 
faithean èigneachadh chum 's gu'n glaodh sinn 
a mach maille ri Daibhidh, " Cia sgiamhach do 
phailiunn, O, Thighearna nan sluagh !" Agus 
mar a tha gràdh agus dùrachd g'ar tarrainn 
an deigh na nithe a tha sinn a' meas maiseach 
agus ionmhuinn, is amhuil a tha eagal mar an 



DO N LEUGHADAIR. 3 

ceudna 'na bhuaidh de 'n anam, leis am beil 
e seachnadh, agus a teicheadh o na nithe a tha 
e meas a bhi olc ; agus tha 'n lasan so ag 
oibreachadhcholaidir ann ancuiddedh'anman- 
an, 's a tha gràdh agus dùrachd ann an cuid 
eile. Agus dhaibhsan faodaidh taisbeanan na 
h-ifrinn a bhi cho feumail chum eagal a chuir 
annta uaithe, sa bhitheas taisbeanan nam 
flaitheas de chuid eile chum an tarrainn ann. 
Ann an so faodaidh tu, mar gu 'm b'eadh, do 
chluasan a chur ri beul Thopheit, agus tuireadh 
dubhach, brònach, nan truaghanan caillte a 
chluinntinn, a thug iad fein gu truaighe bith- 
bhuan, le bhi gu faoin an tòir air toilinntinnean 
peacach, agus a thanise ro luath a' caoidh na nithe 
a tha ro anmoch air son an leasachadh; thigeadh 
dha sud, a bhi mar cho liugha comharradh 
cuain dhaibhsan a tha glic, chum na nithe ud 
a thoirt fainear, gu bhi a' toirt rabhaidh do 
mhuinntir eile, a leithid do lèir-sgrios siorruidh 
a sheachnadh. 

Tha 'n t-Abstol a' sgrìobh chum nan Eabh- 
ruidheachag innseadhdhuinn, "air do Noah bhi 
air a ghluasad le eagal, gu'n d' ullaich e àirc 
chum a theaghlach a thearnadh ;" agus mas e 
gu'n gluais eagal piantan na h-ifrinn (a th' air an 
leigeadh ris cho soilieir ann aii so,) anam air 
bith gu teicheadh chum na h-àirc, losa Criosd, 
a' los gu'n seachainn e an fhearg a tha ri 
teachd, bithidh e 'na thròcair do-labhairt. 

Agus na tuisleadh neach air bith a chionn 
gu'm beil na nithe so air an toirt seachad 



4 DO N LEUGHADAIR. 

fo shàrahla bruadair ; oir cho fad 's a tha 'n 
fhìriim air a cur sìos an so a* co-aontach- 
adh ri fìor choltas a' chreideirah, faodaidh 
am modh air am beil i air a cur a bhi air a 
ghiùlan. Rinn mis' ann an so mar is gnàth 
leis na leighichean an ìoc-slaint leighis a chur 
ann an soitheach maiseach, chura a bhi ni 's 
taitniche r' a h-òl leis na h-easlaintich ; agus 
mar a bha 'n t-slighe dh'ionnsaidh nèirah air 
a raeas cho taitneach fo shàrahla bruadair, 
c'arson nach biodh ceann na slighe air a 
mheas mar an ceudna fo shàmhla taisbean? 
— C'arson nach biodh e ni bu ro-thaitniche 
agus gur e a' chrìoch is ro urramaiche no na 
meadhonnan, agus na flaitheis no 'n t-slighe 
bheir ann sinn? Choinnich an Criosdaidh 
iomadh cruaidh-chas air a thuras, ach ann an 
so tha iad uile thairis ; agui^ tha na h-uile storm 
agus doireann air an tionndadh gu cliùine. 

Na fanamaid an so ni's fhaide ma ta, ach 
èireamaid suas do'n àit* ud, air sgiathibh òir 
creideimh agus gaoil: " Oir faic, tha 'n geamh- 
radh seachad, tha 'n t-uisge thairis, dh' imich 
e roimhe, chithear na blàthan air an talarah, tha 
àra seinn nan eun air teachd, agus cluinnear 
guth an turtuir 'n ar tìr ; seadh, thara' Fear-nuadh- 
pòsda beannaichte ar 'n anraa ga 'r gairra ; Eir- 
ich, m' aon ghràidh, m' aon mhaiseach, thig air 
fàlbh." Agus, a leughadar, se gu 'n dean thusa 
deifir gun dàil iarrtas agus ùrnuigh dhùrachdach 
Fìor charaid dìleas t' anma, 

lAIN BUINIAN. 



ROIMH-RADH. 



'NuAiR a tha muinntir an-diadhaidh cucorach 
air dol air an aghaidh ann an slighe a' pheac- 
aidh, gus a ruig iad an ceura sin anns an gann a 
dh'f haodas iad earbsa bhi aca gu 'm faigh iad 
mathanas, is gu'm beil aobhar ac'a bhi fo eagal o 
cheart bhreitheanas Dè air son am peacann- 
an, uime sin tha iad a* rùnachadh nach 
biodh Dia idir ann gu peannas a' dheanamh 
orra, ni air leo bhiodh dhaibhsan 'na bhuann- 
achd; mar sin tha iad a lion ceum a's ceum a 
dearbhadh orra fèin nach eil Dia idir ann, agus 
tha iad g' an suigheachadh fèin air cnuasachadh 
chum am bairealan a chumail suas le co-reu- 
sonachadh gus an dearbh iad na nithe a' tha iad 
toileach a chreidsinn.- 'S ann air a h-aon de 
na brùidean so ; (oir is gann is airigh iad air 
ainm dhaoine) a bha mise gu mi-shealbhach 
eòlach ; fear a bhiodh daonnan a' sparradh 
orm, nach robh aon chuid Dia no diabhol ann, 
nèamh no ifrinn, agus nach robh anns na nithe 
ud ach innleachdan amhain, a' dhealbhadh le 
luchd-riaghlaidh a bha 'n geall air an t-saoghal 
a chumail fo 'n uachdaranachd fèin ; ceart (ars 



6 ROIMH-RADH. 

esan) mar a bhios sinne bruithinn mu bhòcanrm 
ehum eagal a chuir air clann. Cha b' ann gun 
chrith agus gun uabhas a chuala mi na nithe 
ud air tùs, agus air son sin bu tric a dh'fhàg 
mi e ^nuair a thoisicheadh e air na puing- 
ean ud; ach air dha bhi ghnà a còmhradh rium 
mu 'n timchioll, bhuadhich e orm fa-dheireadh, 
gun a bhi toirt fainear ciod am bonn a bha 
aig'airson nanithe udabhae daonnan a'cumail 
a mach ; agus o 'n àm sin bha m' inntinn fo 
imcheist le leithid do mhi-riaghailt agus de 
dhòrchadas's gur gann a b' urrainn mi a ghmlan, 
oir cha robh tìos agam cionnus a dheanainn m' 
inntinn a thoileachadh leis na fìrinnean a thais- 
bean dhomh roimhe so le dearbheachd shoill- 
ear, cha b' urrainn mi smuainteachadh nach 
robh Dia ann ach leìs an uabhas bu mho; fòs, 
chuir mi 'n teagamh an fhìrinn gu 'n robh e 
ann, ach air son sin uile cha tugainn thairis 
dhòchas ri nèamh ged gheibhinn an saoghal 
gu lèir, gidheadh bha e mar cheist orm an 
robh leithid de dh' àite no do staid idir ann ; 
agus chuir mi 'n amharas gu 'n robh ifrinn 
ann, ged a shaoil leam gu 'n robh a lasraichean 
a grad lasadh 'nam aodann anns a' cheart 
uair. Bha mi mar so ann an aimhreit agus an 
easaontachd inntinn ; agus air mo dhùnadh a 
steach ann an aimHsg mhi-riaghailt, air nach 
b' urrainn mi dorus f haotainn gu teachd a mach 
as. Chaidh mi mar so fo mhòr imcheist a dh' 
ionnsaidh mo charaide meallta, d' fheuchainn 



ROIMH-RADH. 7 

ciod an sòlas a bheirìdh e dhomh, ach (bha so 
coltach ri Saul an uair a chaidh e chum na bana- 
bhuitseich ann an Endoir 'nuair a thrèigDiae) 
's ann a chuir e mi ann an tuiUe luasgain inn- 
tinn, an àite mo mhisneachadh, is ann a bha e 
deanamh gàire fanaid ri m' eagal, agus ag ràdh 
gu 'n robh truas mòr aige ri mo laigse, agus 
e ga chumail fèin suas le subhachas anns an t- 
saorsa bha e mealtainn. 'S e bha e 'g ràdh, 
nach robh eagalan gruamach na staide bha 
gu teachd, no cunntas dheireannach idir a' 
cuir bruaidhlean air, agus gu'm be Nàdur ban- 
dia mhòr an domhain, agus mar sin gu 'n robh 
e air a riaghladh lea-san ; agus nach robh 
cùram sam bith air ach cionnas a bhiodh e beò 
ann an so, a chum is 'nuair a bhiodh a chrè 
air a bheothachadh a rithist, gu 'm biodh e air a' 
chur ann an seòrsa crutha sgiamhach eile : 
ach bha e 'g ràdh gu robh so mar an ceudna, 
ann an tomhas mòr, a rèir an aite 's am biodh 
e air adhlaiceadh ; oir, na 'm bitheadh e air 
a thiodhlaiceadh ann an eaglais, no ann uaigh- 
lic' fo'n talamh, gu 'n robh e so-dheanta gu 'm 
biodh a dhuslach air a thiondaidh gu damhanan- 
allaidh, mialan-màgach, no naithrichean-nimhe 
— agus mar sin gu'm be a dhìirachd gu 'm 
biodh e air thiodhlaiceadh ann an raon, no 
lios, chum 's gu 'm fàsadh a dhuslach suas na' 
flùraichean dealbhach, gucagach, agus gur e sin 
a mhàin an sonas bu mhò a bha e cuir air letli 
dha fèin ; uime sin gu 'm bu^ nihath leis gu 'ra 



8 ROIMH-RADH, 

bitheadh na spioradan agus gach nith eile dhe 
an robh e air a diieanamh suas, air an cur gu 
dìchiollach anns gach ghnè mhaise nàdurrach : 
agus a thuilleadh air sin bha è 'g ràdh, air son 
na bha dh'f hios aige-san, air an atharrachadh 
a bha nàdur a' deanamh air na beo-bhithibh, 
gu 'm faodadh e tachairt ann an linn an deigh 
so, gu'm biodh e air a chur ann an cruth duine 
a rithist, mar a bha e creidsinn a bha e 
o cheann iomadh linn roimhe so. 

Rinn mi na sgriobturan a' thoirt an aghaidh 
nam barailean dorcha neo-thuigseach so a bh' 
aige ; ach chuir e 'n aghaidh nan sgriobturan, 
ag ràdh gu 'm b' innleachdan iad, a bha luchd- 
staid a cleachdadh chum an crìochan fèin a 
thoirt mu'n cuairt; agus, ars esan, air son a bhi 
dearbhadh gu'm beil Dia ann, leis na sgriobturan, 
cha'n 'eil e ach ceart ionnan 'sa bhi dearbhadh 
ceud thùs nan sgriobturan o bhith Dhè. 

Air do'n chainnt so mo chur ann an tuilleadh 
amharais, dh' f hàs mi cho anshocrach is gu'n 
robh mo bheatha na h-uallach dhonih; bha eagal 
orm creideas a thoirt do na smuaintean mall- 
aichte ud, ach gidheadh bha iad daonnan a 
ruith 'nam inntinn ; 's b'f hearr leam mìle uair 
nach cuala mi riamh iad, gidheadh bha iad a 
ghnà ann am shealladh. " Ciod." arsa mise, 
rium fèin, " am beil ann am uile dhùil ri nèamh 
ach faoin dòchas ?" 

An d'rinneadh sèirbheis leam do Dhia ar: 
diomhanas ? No an do shaoi. mi a mhàin 'nano 



KOIMH-RADH. V 

. inntinn, gu 'n robh e ann, agus nach eil a leithid 
ann idir? Thae do-dheanta dhomh innseadh an 
cruaidh-ghleachd a mhothaich mi 'nuair a thug 
mi slighe rèidh do na smuaintean ud, a bha gu 
minig a' greimeachadh rium le tuille neart, 
gus na chuir iad mi fa-dheòigh, a dh'ionnsaidh 
a' cheum mu dheireadh do dh' an-dòchas — 
C'arson a tha mise a' fantainn eadar da bharail 
(ars mise rium fèin,) nach fearr crìoch a chuir 
air a' bheatha thruaigh so, agus fìrinn na cùise 
ud a dhearbhadh ? 

Mar so rùnaich mi cuir às domh fèin, agus 
a chum na crìche sin, chaidh mi mach aon 
mhadainn do choille a bha fagus domh, far 
an do shònraich mi an droch rùn fuilteach 
so a chuir an gnìomh, ach anns a' cheart uair 
an robh mo làimh gu bhi anns a' chionnt, 
shaoil ìeam gu 'n cuala mi cagair uaigneach, ag 
radh, " O Epenetuis, na tilg thu fèin ann ar 
truaigh neo-chrìochnach, gu toileachas a' thoirt 
do nàmhaid t'anma; daighnichidh a' bhuile 
bhàsmor sin a tha thu dol a' thabhairt dhut 
fèin do dhìteadh siorruidh ; oir ma se is gu'm 
beil Dia ann, mar is fior gu'm beil, cionnas as 
urrainn thu dòchas bhi agad gu 'n dean e tròcaif 
ort, nuair a tha thu gu toileach a' dol a sgrios 
iomhaigh-san ?" Cia as a thainig an cagair 
diomhair so, cha b' f hios domh, ach tha mi a* 
creidsinn gum b'ann o Dhia a bha e ; oir thainig 
e le leithid de chumhachd, is gu 'n tug e ormam 
ball-deis' a bh' ajram chum mi fèin a mhilleadh 



10 ROIMH-RADH. 

a thilgeadh uam^agus d' fheuch e dhomh ann an 
tìotadh an eucoir abhamigudheanamhormfèin. 
— Thuguabhas a' ghniomh' oillteil so a ruìnich 
mi air m' uilt criothnachadh, air dòigh is gur 
gann a b' urra' mi seasamh ; agus bha 'n t' àite 
cianail anns na shònraich mi mi-fein a' sgrios 
air a nochdadhdhomh ann ansealladh cho uabh- 
asach, is neach d' f haod mi gun aideachadh gur 
ann le cumhachd spioradail neo-fhaicsinneach 
eigin a bha mi air mo shaoradh, agus a thainig 
cho tràthail a chum mo dhion; agus airson na 
comain' a chuir e orm, thug mi taing dha mar 
so agus mi tuiteam sìos air mo ghlùinean : — 

" O Chumhachdaich bhith-bhuain neo-fhaic- 
sinneich! a tha 'g amhairc uile ghnìomhan an 
duine, ged nach fhaicear leis-an thu, a chùm 
mise nis' air m'àis o V iomhaigh a sgrios, tha mi 
gu h-umhal a' toirt buidheachais dhut ; tha, O 
thusa a Bhith rioghail, a thug bith do gach 
uile bheò eile, tha mia' toirttaingdhut gu'm beil 
mi fathasd beò, agus comasach a bhi 'g aideach- 
adh gu'm beil do leithid 'a bhith ann ; O ! na 
falaich do ghnùis uam, ann an neòil tiugh' de 
dhorchadas, ach soillsicheadh grian na glòire 
orm, chum 's gu 'n caith i air falbh doiilear- 
achd dhorcha m' anma, air chor is nach euir 
mi ni's mò an teagamh do bhith, no t' uile 
chumhachd, amhothaich mi airmodh cho soiU- 
ear aig an àm so." 



ROIMH-RADH, J 1 

An sin air èiridh dhomh, chaidh mi agus 
shuidh mi air bruaich, air do m' inntinn a bhi 
ann a mòr ghluasad le smuaintean urramach air 
a mhathas bhith-bhuan, a theasairg mi cho 
caoimhneil o shloc uabhasach an lèir-sgrios 
shiorruidh, san robh mi ullamh gu mi fèin a 
thilgeadh, Agus a nise shaoil leam nach b' urr- 
ainn mi ach a bhi 'gabhail iongantais ri m' ain- 
eolas fèin air son a bhi cur an teagamh gu ^n 
robh Dia ann, nith air an robh na h-uile creut«> 
air 'nam fianaisean, a thuilleadh air dearbhadh 
cogais dhaoine fèin' a bha ni bu shoiUeire no 
mìle do dh'fhianaisean eile. 

Nise, am feadh a bha mi 'n am shuidhe air a 
bhruaich a beachd-smuainteach air na nithe 
ud, bha mi gu h-obann air mo chuartachadh le 
solus glòrmhoir cho ro dheallrach is nach f haca 
mi riamh a leithid, chuir e araon iongantas agus 
uabhunn orm ; agus, am feadh, a bha mi fo iogh- 
nadh cia as a thainig e, chunnaie mi sealladh 
glòrmhoir a teachd d' am ionnsaidh, mar chruth . 
duine, ach air a chuartachadh le boiUsgeanan 
dealarach do sholus glòrmhoir, a bha do-Iabh- 
airt soilleir a dealrachadh uaithe mar a bha e 
teachd; bha mòr uabhas 'na ghnùis, ach gidh- 
eadh, air a mheasgadh le aoidh cho suilbhir 
'sa rinn anabarrach maiseach e 'n am shealladh, 
agus a thug dhomh mar an ceudna nith-eigin de 
dhòchas nach ann mar nàmhaid a bha e teachd 
d' am ionnsaidh; ach fòs cha robh fhios agam 
cionnus a dheanainn a mhòr-dhealradh fiiul- 



12 ROIMH-RADH. 

ang; uime sin air dhomh oidhirp a thoirt gu 
seasamh air mo chasan, mhothaich mi gu 'n 
do chaiU mi mo neart, agus mar sin thuit mi 
sìos air m' aghaidh chum na talmhainn ; ach, 
le còmhnadh caoimhneil a ghàirdeanan, thogadh 
suas mi air mo bhuinn a rithist, agus chuireadh 
nuadh neart annam, agus 'nuair a mhothaich 
mi sin, labhair mi ris a chruth shoilleir a bha 
fa 'm chomhair, ag ràdh, O Fhir-shaoraidh 
dhealraich, a chur mar so neart ann am chorp 
fann, agus a dh-aisig mi gu beatha, cionnus a 
nochdas mi dhut taingealachd, agus ciod e 
an dòigh air an dean mi aoradh dhut? 

Fhreagair e mi araon le mòralachd agus tairis- 
neachd, '' loc t'aoradh do dh-ùghdar do bhith, 
agus ni h-ann dhomhsa, nach 'eil ach am cho- 
chreutair a th* air mo chur leis an Tì sin, a 
bha thus' o cheann ghoirid ag aicheadh a bhith, 
a chum stad a chuir ort o thuiteam anns an 
leir-sgrios shiorruidh anns an robh thu dol ga 
do thiìgeadh fèin. 

Bhuin so ri 'm chridhe le leithid do gheur 
mhothachadh air mo neo-fhiùghalachd fèin is 
gu 'n leagh m'anam an taobh a staigh dhiom, 
'cìgus cha b' urrainn mi gun ghlaodh amach, O 
cia cho mi-fhiùghai sa tha mis' air an deagh- 
ghean agus air an iochd so uile a' th'air a 
nochdadh dhomh ? 

Fhreagair an teachdaire nèamhaidh mi, ag 
radh, — " Cha 'n eil an t-Uile-cumhachdach a 
toirt do mhi-fhiìighalachd-sa fainear, an uair a 



ROIMH-RADII. 13 

tha e nochdadh tròcair, ach se a tha e tabhairt 
fainear a mhaitheas gun tomhas, agus a ghràdh 
do-rannsaichte fèin : chunnaic e na bha do 
ghamhlas aig ard eascaraid anmanan dhut, 
agus cho iarrtach 's a bha e air do sgrios; agus 
leig e leis a dhol air aghaidh le dòchas buaidh 
a thoirt ort, ach bha e ga do chumail suas le a 
chumhachd diomhair ; agus an uair a bha an 
diabhol an dòchas cinnteach gu 'n robh thu 
aige, bhris an ribe agus theich thusa." Thug 
na brìathran ud orm labhairt amach le aoibhneas 
do-labhairt drùighteach mar so — 

O ! doimline a ghràidh so co 's urrainn aithris ? 
Shaor m' anam bochd a bha gu teann dol thairis ; 
Glòir agus moladh, do m' Fhear-saoraidh raòr, 
Seinnidh mi gu suthainn sìor a chHù 's a ghlòir ! 
Air son, 'nuair bha mi air bruaich sgrios siorruidh, 
Gun thiorc e m' anam truagh o' uilc an diabhoil 
Ach a nis* is aithne dhomh (cliìi dhut a's glòir,) 
Gur tu 'n Tighearna Dia, seadh, an Dia ro mhòr ! 

Aingeal. 'S ann (ars an aoidh nèamhaidh, 
le gnùis shuilbhir) a chum 's nach cuir thu an 
amharus cinntichead fìrinn nithe siorruidh ni's 
mò, tha mise air teachd gu dearbhadh a'thabh- 
airt dhut orra ; cha 'n ann amhain le creid - 
eamh, ach le sealladh mar an ceudna : oir 
feuchaidh mi dhut nithe, air nach d' amh- 
airc sùil bhàsmhor riamh ; agus chum na crìche 
sin, bithidh do shùilean air an neartachadh, 
agus air an deanamh comasach gu bhi 'g amharc 
chuisbairean spioradal. 
c 



14 ROIMH-RADH. 

Bha mi fo mhòr ioghnadh leis a' chainnt 
iongantaich so a' labhairan t-aingeal, agus bha 
mi fo amharus nach bithinn comasach na nithe 
ud a ghiìilan,uime sin thubhairt mi ris, " O, mo 
Thighearn ! co a tha comasach amharc air a 
leithid sin do shealladh ?" 

Fhreagair esan, agus thubhairt e, '^ Bithidh 
aoibhneas an Tighearn 'na neart dhut." Agus 
an uair a thubhairt e so, ghabh e grèim dhiom, 
ag radh, " Na biodh eagal ort, oir tha mis' air 
mo chur chum nithe 'nochdadh dhut nach fhac 
thu roimhe :" agus mu 'n do mhothaich mi, bha 
mi fada os-ceann na talmhuinn, àite a chunnaic 
mi ro bheag agus gun diù, an coimeas ris an tìr 
dhealraich chum an robh mi nis' air teachd. 

An sin thuirt mi ri m' fhear-iùil dealrach, 
'^ O na biodh miothlachd air mo Thìghearn, ma 
dh' f heòraicheas mi ceist na dhà dhiot. 

Fhreagair e, 'g radh, " Abair romhad : se 
sin m' obair, na nithe a dh' fheòraicheas tu 
dhiom a' fhreagradh, oir tha mis' am spiorad 
frithealaidh, a tha air mo chur amach chum 
frithealadh dhuts agus dhaibh-san uile a bhios 
na 'n oighreachan air slàinte." 

An sin thuirt mi ris, gu'm bu mhath leam 
fios fhaotainn uaithe, ciod e am ball dubh a 
bha mi' faicinn an sud cho fada fotham, agus a 
bha fàs ni bu lugh is ni bu lugh, mar a b' aird 
is mar a b' aird a bha mi 'g èiridh suas, agus a 
bha mòran ni bu dorch* ann am shealladh 
'nuair a thaini;]^ mi do 'n dùthaich shoilleir so. 



ROIMH-RADH. 15 

'Se am ball beag sin (ars m' fhear-iùil)a tha 
nisechodorch'aguschosuarrachannadbheachd, 
an saoghal anns an robh thu a chòmhnuidh o 
cheann ghoirid : faodaidh tu fhaicinn ann an 
so, chobeag 's a tha 'n saoghal ud uile, air son 
am beil cho liugha neach a' saoìthreachadh gun 
sgìos, agus a' caitheamh an neart, agus an ùine, 
chum beagan dhe a chosnadh. 'S e sud am 
ball beag talmhuinn a th' air a roinn agus air 
ath-rionn na iomadh rìoghachd, agus air son 
am bheil a leithid do dhaoidhearachd ghraineil 
uabhasach, agus do mhortadh fuilteach rai- 
nadurra air a chur an gnìomh chum aon dhiu 
a chosnadh. Seadh, se sud am ball beag 
talmhuinn, air son na chuir cho liugha am 
beatha an cunnart agus chum a' chuibhrionn bu 
lugha dhe a bhuannachd, a chaill gu cinnteach 
am beatha, agus an anmannan prìseil neo- 
bhàsmhor mar an ceudna ; a bha cho ro luach- 
mhor, 's gu 'n d' innis Prionnsa na Sìthe 
dhuinn, '* Ged a bhuannaicheadli duine an 
saoghal uile, nach deanadh e suas call cho 
mòr." Agus se an amaideachd, 'n t-aobhar 
nach eil iad ag amhairc air nithe is airde : oir 
mar a thug thu fainear cheana mar a bha thu 
teachd anuas ni b' f haguis air an ionad so, bha 
'n saoghal a' fàs ni bu lugha, agus ni bu shuar- 
aiche, ann ad bheachd ; agus bithidh e mar sin 
do na h' uile a gheibh le creideamh an cridhe, os 
a cheann. Oir, na 'm faiceadh clann-daoine an 
saoghal ceart mar a ta e, cha bhiodh iad ga 



16 ROIMH RADH. 

mhiannachadh mar a tha iad a nis : ach tha iad, 
mo thruaigh ! ann an dorchadas; agus, ni 'a 
measa no sin, is ionmhuinn leo a bhi siubhal 
ann. Oir ged a thainig Prionns' an t-Soluis 
nam' measg, agus ged a d' f heuch e dhaibh 
fìor sholus na beatha (mar tha e fathasd a 
deanamh le 'mhinisteir.) gidheadh tha iad 
a dol air an aghaidh anns an dorchadas, agus 
" cha 'n àiU leo teachd chum an t-soluis, do 
bhrìgh gu 'm beil an gniomharan olc." 

Ephenet. Dh' fheòraich mi dheth mar an 
ceudna, Ciod iad na mòr chuideachdan de 
chruthaibh uaraidh dubha a bha 'n sud ag 
itealaich anns an adhar os-ceann ant' saoghail, 
s' a chuireadh mòr eagal orm gu cinnteach, mar 
biodh gu 'm faca mi 'nuair a bha thusa gabhail 
seachad orra, gu 'n do theich iad air falbh : 
theagamh gur ann a thaobh 's nach robh iad 
eomasach am mòr dhealradh leis am beil thus' 
air do chòmhdachadh a ghiùlan ? 

Aingeal. Fhreagair e mi, 'g radh, 'S iad 
sud na spioradan a thuit o 'n ceud staid, agus a 
bh' air an tilgeadh sìos o na flaitheis air son 
an ceannairc agus an ardain, 's a tha nis' air am 
fògradh anns an iarmailt le òrdugh an Uile- 
chumhachdaich, agus air an ceangal le slabh- 
raidhean dorchadais fa chomhair breitheanais 
an làtha mhòir. Agus uaidh sin tha iad air an' 
leigeadh sìos chum an t' saoghail, gu dearbhadh 
aphobuill taghta, agus chumdìteadh nan eacor- 
ach. Agus ged a tha thusa nise ga 'm faicinn 



ROIM-RADH. J7 

'naii cruthaibh uaraidh dubha, gidheadh bha 
iad 'nuair a chruthaicheadh iad na mic do 'n 
t' solus, agus air an còmhdachadh le trusgan- 
an glòrmhordealrach,mara tha thu faicinn orm- 
sa. Agus ged a b' e duais am peacaidh 
gu 'n chailleadh iad a' mhais ud, tha iad air 
an lìonadh le coraich agus gamhlas an aghaidh 
an Dè a ta siorruidh beannaichte, agus tha iad 
a ghnàth fo eagal roimh 'chumhachd agus a 
mhòrachd-san, agus ann am fuath iomlan da : 
ach air dhaibh an glòir agus an neo-chionntas 
a chall, teichidh iad o na spioradan a ghleidh 
an ceud ionracas, agus tha iad a ghnà umhal do 
*n Cruithear mhòr, agus air an daighneachadh 
anns an ùmhlachd sin le Mac beannaichte Dhè. 
EpheneU Ach, O 1 Fhir-iùil bheann- 
aichte, innis dhomh, am beil dòchas sam bith 
aca a bhi air an rèiteach* ri Dia a rithist an 
ceann ùine, no mar as lugha, aig cuid araidh 
dhiu? 

AingeaL Cha 'n 'eil, cha 'n 'eil idir, (ars 
esan), tha iad caiUte gu siorruidh, oir 's iad-san 
a pheacaich airtùs,agus cha robh cusbair-buair- 
idh aca, agus bha iad uile air an tilgeadh sios 
o nèamh ann an aon uair. Agus, osbarr, cha do 
ghabh Mac Dhè am Mesiah beannaichte trid 
am beil slàinte amhain r'a faotainn, air fèin 
nàdur nan aingeal ach dh* f hag e na h-ainglean 
a thuit chum an sgrios, cha do ghabh e air fèin 
ach nàdur shliochd Abrahaim amhain. Agus 
is ann air an aobhar sin a tha leitliid de mhòr 



18 ROIMH RADH. 

ghamhlas aca do chlann nan daoine, is 
duilich leo gu 'm beil iad 'nan òighreachan 
air nèamh, agus iad fèin a bith fo bhinn 
dìtidh na h-ifrinn. 

Mu'n àm so rainig sinn os-ceann na grèine, 
aig am beil a cuairt mhòr agus ghlòrmhor 
tuilleadh a's ceud uair na's mò n'an talamh. 
agus a dian ruith le luathas cho treun ma 
thimchioil na h-uidhe anns na shuidhicheadh 
i 's gu'n saoilte do-chreidsinn e r' a aithris. Dh'. 
innis m' f hear-iuil dhomh gu'm b'e an ràth mòr 
anabarrach teine a bha 'n sud an crochadh, aon 
de dh' obraichean cumhachdach Dhè, agus a 
bha carachadh cho grad is gu 'n siùbhladh e 
ceud mìie de mhilltean an ùine cho goirid 
ri uair. Agus gidheadh bha i daonnan gu'n 
stad a' ruith a cuairt gu riaghailteach 
na cùrsa laithail, agus bliadhnail ; cho an- 
barrach maiseach 'na cruth is nach b' urr- 
ainn mi amharc oirre, mar be gu'n robh mo 
shùilean air a mòr neartachadh : agus cha be 
iongantas bu lugha na rionnagan mòra cruinne de 
theine d'an goir sinne na reulitan seamach,a tha 
deich mìie thar fhichead do mhiltean os-ceann 
na grèine, us a tha cho ro ard is nach f haic sinn 
iad ach mar choinnlean laiste ged a tha gach 
aon dhiù mòran ni 's mo na 'n talamh; agus na 
tuìteadh ach a h-aon de na lòchrainn nèamhaidh 
ud, ghrad loisgeadh iad an saoghal 'na luaithre 
ann an ticta: agus gidheadh tha iad 'an croch- 
adh 'nan cjja:'* fèin gun taic air bith ga 'a 



ROIMH-RADH. 19 

cumail suas, ach facal an Tì mhòir a chruthaich 
iad air tùs. 

Epheiiet, Tha sud ni 's leòir, ars mise ri 
*m fhear-iùil, gu dearbhadh a thabhairt do 
neach sam bith, air mòr chumhachd a Chruith- 
ear is ro ghlòrmhoir no iadan gu lèir, agus 
mai an ceudna chum dorchadas an as-creid- 
eimh a chaitheamh air falbh a tha cuir an teag- 
amh 'òxi Dia mòr ud a bhi ann a thug cho liugha 
dearbhachd shoilleir do 'n t-saoghal uile air 
u chumhachd, agus air a ghlòir, agus mar biodh 
daoine mar na brìiidean a ghnà ag amharc sìos 
air an talamh, cha b' urrainn iad gun a mhòr 
ghliocas agus a chumhachd aithneachadh agus 
aideachadh. 

Aingeal. Tha thu labhairt na fìrinn., ars 
esan, ach chì' thu ann an ùine ghearr nithe is 
mò na iad sud ; oir cha 'n eil ann an sud ach 
am fàradh air an dìrich luchd-togail na h-ait- 
reamh an coimeas ris an togail ghreadhnach 
anns am beil an shiagh beannaicht' a tha sbuas 
a chòmhnaidh anns an " taigh nach do thogadh 
ìe làmhan a ta siorruidh anns na nèamhan ;'' 
dhe am faigh thu sealladh cho fada sa tha thu 
'n drasta comasach a' thuigsinn. 



AN SAOGHAL A TA RI TEACHD; 
No, 

SEALLADH DE 'NÈAMJl 

AGUS DE A GHLÒIR. 



Bha na nithe a bh' air an aithris dhomh le m' 
fhear-iùil, air an dearbhadh dhomh ann an 
ùine ro ghearr; oir bha mi air ball air mo 
ghiùlan a dh'ionnsaidh ionadan glòrmhor an 
t-sluaigh bheannaichte'. agus chunnaic mi nithe 
nach gabh cur an cèill le cainnt agus chuala 
mi a leithid de cho-shèirm fhonnor, cheòl- 
bhinn nach urrainn mi am feasd aithris : is 
ceart uime sin, a d' fhaodadh an t-Abstol 
ionmhuinn Eoin innseadh dhuinn 'na litir, 
" A nis' is sinne mic Dhè ; agus cha 'n eil 
e soilleir fathasd ciod a bhitheas sinn !" Cia 
air bith nach f hac a ghlòir ud, cha 'n urrainn e 
labhairt ach ro neo-iomlan mu dèighinn; agus 
iadsan a chunnaic e cha 'n urrainn iad am mìle 
cuid a' chur an cèill de na tha de dh' oir- 



22 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD: 

dheirecas ghlòrmhor ann. Agus uime sin, tha 
Abstol mòr nan cinneaeh, ag innseadh dhuinn 
gu'n robh e air a'ghiulan suasguPhàrrais,far an 
cual' e briathran do-labhairt^ nach robh comas- 
ach do dhuine a chuir an cèill, cha'n eil e 'toirt 
cunntas air bith eile uime, ach ** Nach fhaca 
sìiil, nach cuala cluas, agus nach tainig e ann 
an cridh dhuine n'a thaisg Dia suas dhaibhsan 
a tha ga gràdhachadh." Ach bheir mise 
cunntas dhuibh mu n'a chunnaic agus n'a 
chuala mi, agus mu 'n chòmhradh a bh' 
agam ri cuid de 'n mhuinntir bheannaichte, 
cho math 'sa tha 'nam chomas agus 'nam 
chùimhne. 

An uair a bha mi air tùs air mo thabhairtam 
fagus do 'n righ-chùirt ghlòrmhor so, chunnaie 
mi feachd do-àìreamh de luchd-frithealaidh 
dealrach, a ghabh rium le fàilte shuilbhir chum 
suitheachan sona an t-sòlais so, agus bha aoidh 
aoibhneas làn, agus an fhiirmailt bu mhò 
'nan gnùis. Agus chunnaic mi ann an sin an 
solus iomlan air nach thigear dlù a tha 'g 
atharrachadh gach nìth chum a ghnè fèin ; oir 
tha eadhon anmannan nan naomh a th' a:r an 
glòrachadh soiUseach, agus dealrach. Cha 
mhò a tha iad air an soillseachadh leis a' ghrèin 
no le solus cruthaiehte sam bith eile; ach leis an 
t' solus dhealrach, shoillseach sin a tha sruth- 
adh troimh na h-ionadan nèamhaidh, a ta 
brìichdadh o lànachdGlòire na diadhachd; agus 
cha 'n 'eil solus na grèin ach mar dhorchadas; 



NO SEALLADH DE NEAMH. 23 

agus bhoilgeadh an daoimein, is lainnirich, no 
soillearachd a charhuncih an t-saphir, agus an 
r2<è?, agus dearsa dealrach an neamhnaid is ro 
luachmhoire, ach mar ghuaileanan marbha gun 
lasair an coimeas ris a' ghlòir ud : agus air an 
aobhar sin goirear dheth Righ chathair glòire 
Dhè, anns am beii dealradh boisgeil me?achd 
na diadhachd air f hoillseachadh air a mhodh 
is ro urramaiche. 

Bha 'n Dia a tha do-labhairt mòr^ a th" 
air ardachadh air rìgh-chathair ard a ghlòire, 
a* faotainn naomh aoradh o àireamh gun àir- 
eamh do naoimh agus do dh' ainglibh- 
a' seinn halleluia bith-bhuan 'g a chliùthach- 
adh 'na chusbair ro dhealrach r' a amh- 
arc. Uime sin, is ceart a theirear ris Dia 
na glòire, oir is ann le 'làthairachd ghiòr- 
mhor-san a tha na flaitheas mar a tha iad; oir 
tha aibhnichean aoibhneis a' sruthadh gun sgur 
o'n làthaireachd dhiadhaidh, agus a* co-rèite- 
achadh suilbhearachd, aiteas, agus greadhnachas 
ri uile-luchd- àiteachaidh beannaichte nam flaith- 
eas, ionad chòmhnuidh shòlasach, agusa shuidh- 
eachan rìoghail bhith-bhuan fèin ; far am beil 
a Mhorachd dhiadhidh a craobh-sgaoileadh na 
boisgeanan is ro shaibhir d' a mhathas agus d' 
a ghlòir, agus anns am beii a naoimh thaghta 
agus a sheirbhisich 'g a amharc agus a moladli 
oirdheirceis a tha siorruidh ionmholta. Air 
mo shon fèin, bha mo chomas amhairc cho ro 
anmhuinn air son am boisge bu lugha, d' an ard- 



24 AN SAOGHAL A TA RI TEACHO ! 

shollearachd o 'n tobair bhith-bhuan ud d' a 
sholus agus d' a ghlòir a shuidh air an rìgh- 
chathair a ghiùlan, is gu 'm b' èigin dhomh 
glaodh amach ri m' f hear-iìiil. ** Tha'n sealladh 
cho làn so, de ghlòir ro mhòr air son a ghiùlan 
le bàsmhorachd anmhann; gidheadh tha e cho 
ùrail agus cho taitneach, is gu 'm bu mhiann 
leam a bhi 'ga amharc ged a gheibhinn bàs !" 

AingeaL Ni h-eadh, ni h-eadh, ars m' 
f hear-iiìil, cha tig am bàs a steach do'n ionad 
bheannaichte so ; oir an so tha beatha agus 
neo-bhàsmhorachd a' chòmhnuidh ; cha'n eil 
nìth sam bith aig peacadh no doilgheas r'a 
dheanamh ann : oir 'se glòir an ionaid 
shona so gu 'm beil e gu siorruidh saor o na 
h-uile nìth a tha olc ; agus mar bitheadh e mar 
sìn, bhiodh ar sòlas eadhon ann neo-iomlan. 
Ach thig thusa maille riumsa, agus bheir 
mi thu chum aon a tha ann sa' cholluinn, mar a 
tha thu fèin ; bidh còmhradh ris-san rè tacain, 
gus an cuir mise teachdaireachd eile uam, agus 
an deigh sin seòlaidh mi thu a rithist air t' ais. 

Ephenet, O b 'fhearr (ars mise, le rudaig- 
in dùrachd) gu 'n leigeadh tu dhomh fanntainn 
ann an so ; oir anns an àite so cha 'n 'eil feum 
air bùthan a' thogail,oir tha na h-ionadancòmh- 
naidh nèamhaidh an so ullamh rèidh. 

Fhreagair mo theachdaire soiUseach, Ann an 
so, an ceann tamuil, bithidh tu air do shuidh- 
eachadh gu siorruidh; ach feumaidh ùmhlachd 
a bhi air a thoirt an tùs d' an rùn dhiadhaidh. 



NO SEALLADH DE NKAMH. 26 

Rinn e mo thabhairt air ball troi' mhìle 
dhe na spioradan dealrach, sgiathach ud, 
agus thug e mi a dh' ionnsaidh an naoimh 
ainmeil sin, Eliah mòr, bha chòmhnaidh air 
an talamh a bhos o cheann iomadh linn, agus 
gidheadh shaoil leam gu'n d' aithnich mi e air 
a' cheud sealladh cho math is ged a bhiodh sinn 
beò cuideachd air an talamh. 

AingeaL 'So (ars m' f hear-iùil ri Eliah) a 
fear a bha air a cheadachadh le òrdugh o'n 
chaithir rìoghail gu beachdachadh air na h-ion- 
adan soiUseach so; agus thug mis' an so e chum 
is gu 'm fòghlumadh e uat-sa far am beil glòir 
agus sonas an àite so a' co-sheasamh. 

Eliah. Ni mise sin gu toileach, ars am 
fàidh, oir 's e ar biadh agns ar deoch anns na 
dùthchanan beannaichte so a bhi deanamh toil 
Dè agus an Uain, a' seinn moladh dha, agus a' 
deanamh seirbhis dha leisannaomh aoradh isro 
urahail, ag radh. "Beannachd, agus urram, agus 
glòir^ agus cumhachd, gu 'n robh dhàsan a tha 
'na shuidhe air an rlgh-cbaithdr, agus do 'n Uan, 
gu bràth agus gu sorruidh, oir shaor e sinne 
do Dhia le fhuil amach as na h-uile cinneach 
agus teanga, agus pobull agus finne, agus rinn e 
sinn na 'r rìghrean agus na 'r sagairt d' ar Dia ; 
eadhon, mar sin, Amen." Agus chuir mise 
mar an ceudna m' Amen fèin ris na thubhairt 
am fàidh naomha. 

D' fheòraich am fàidh dhiom an sin, c'ar- 
son a bha 'n comas agus an t' saorsa mhòr 



'<2Ò AN SAOGHAL A TA RI TEACHD s 

so air a thoirt dhomh-sa? (leis an do thuig mi 
gu'm beil na naoimh anns na flaitheis gun f hios 
air na thasadeanamh air talamh— cionnas, mar 
sin, a tha ùrnaighean air an. cuir suas fo 'n 
seòladh ? 

Dh'aithris mi 'n sin na chuir mi sìos ann 
an so mar roimh-ràdh 's an uair a chuaF am 
fàidh naomh' e, bhrist e mach ann am briathran 
drùighteach mar so. 

Eliah, " Glòir siorruidh gu'n robh dha- 
san a tha ^na shuidh air an rìgh-chathair, 
agus do 'n Uan, air son a mhaitheas neo- 
chrìochnach agus a mhòr iriosalachd d' a laigse 
peacaich bochd an-earbsach !" 'N deigh sin, 
thubhairt e, Nise thoir an àire do na labhras mi. 
Agus an sin thoisich e mar so — 

Eliah, Tha mi cinnteach nach urrainn thu 
na chunnaic agus na chual thu cheana aithris 
gu bràth, air mhodh 's gu 'n tuigear e ; oir tha 
e os-ceann na chunnaic sùil, no na chuala cluas, 
no na tha 'n comas cridhe duine a bhreathnach- 
adh ; tha mi ciallachadh iadsan nach deach fa- 
thast atharrachadh chum na staide glòrmhoir so, 
agus nach eil air an saoradh o 'n cuirp thalmh- 
aidh neo-thuigseach : ni mo tha mise bhi anns a' 
chorp an so an aghaidh an nith a tha mi nìs' 
a' dearbhadh ; oir ged nach robh e buailteach 
do chrannchur coitcheann dhaoine, se sin am 
bàs, gidheadh dh' fhuilig e leithid do dh' 
atharrachadh 's a bha ann an seadh co-ionnan 
ris; oir tha e air a dheanamh spiuradail, agus 
ged nach urrainn e nise ni 's mo f huiang no na 



NO SEALLADH DE NEAMH. 27 

h-ainglean beannaichte a tha cuartachadh tim- 
chioìl na rìgh-chathach; gidheadh anns an staid 
ionilan shona so, cha 'n urrainn mi innseadh na 
tha mi 'mealltainn uile ; ni mò tha f hios agam 
ciod an ni bhios fathast air a shealbhachadh 
leam, oir tha ar sonas an so daonnan nuadh. 

Ephenet. Ghuidh mi 'n sin air an fhàidh 
bheannaichte gu mìnicheadh e dhomh ann an 
tomhas beag na bha e'g ràdh, thaobh *s nach 
robh mi tuigsinn cionnas a b 'urrainn sonas a 
bhi iomìan, agus gidheadh a gabhail ri tuille 
leasachaidh ; oir, air an talamh, tha sinn gu 
coitcheann am barail gu 'm beil an nìth a tha 
coimhlionta, uil'-iomlan. Tha mi 'n dòchas 
(arsa mise) nach bi na dh' fheòraicheas mi air a 
mheas mar iongantas faoin, ach a mhàin a chum 
's gu 'm bi rrvo thuigse air a leasachadh, aig nach 
eil fathasd ach beachd dhorch' air na nithe 
nèamhaidh so. 

Eliah. 'S e an t-aobhar àraidh air son an 
robh thu air do thabhairt an so, chum is gu 'm 
biodh t-anam amharasach air a' shàsachadh, agus 
do chreideamh neo-bhunailteach air a dhaigh- 
neachadh, le cead na Trianaide mòire; agus, 
uime sin, bheirinn earail dhut fathast, ma dh* 
dhiiisgeas teagamh sam bith ann ad' inntinn 
gu 'n dean thu aithnicht' e. Ach mu thim- 
chioll an teagaimh sin anns am beil thu, 
nach urrainn sonas a bhi iomlan, agus gidiieadh 
a' gabhail ri ath-leasachadh feumaidh mi inn 
seadh dhut, an uair a tha an t-anam agus an 



28 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

corp araon sona, mar a tha m' anam agus mo 
cliorps a nise, gn 'm beil mi 'ga mheas na staid 
iomlan shona : oir trid uile linne do-àireamh 
na siorruidheachd, 's e gu 'm beil an t' anam 
agus an corp air an dlù-cheangal r'a chèile ann 
an staid bheannaichte na h-aiseirigh, a bhitheas 
na stèigh bhunailteach do *n t-sonas so. Ach, 
mu thimchioll cusbair beannaicht' an t-sonais 
ud, 's e an Dia beannaichte tha cliìi-thoilteann- 
ach gu siorruidh, anns am beil sonas an 
t-seaìlaidh àdhmhoirso a' co-sheasamh,agustha 
e gu siorruidh nuadh : oir air do'n iomlanachd 
nèamhaidh a bhi neo-chrìochnaichte, cha 'n urr- 
ainn n' as lugha na bith-bhuantachd a bhi ni 's 
leòir chum an glòir fhoillseachadh, agus se so 
a tha toirt d' ar sonas a bhi gu siorruidh a' 
gabhail ri nuadh-leasachadh : agus air an 
aobhar sin is èigin d' ar n' eòlas a bhi gu 
siorruidh a' meudachadh mar an ceudna. 

Agus, uime sin, cha b' ann gun aobhar a bha 
Abstol mòr nan cinneach (a bh' ann an 
laithibh a staìde bàsmhoir, aon uair air a chead- 
achadh ann an so mar tha thus* a nis') a' daigh- 
neachadh, ^' Nach fhaca sùil, nach cuala cluas, 
's nach urrainn e teachd ann an cridhe duine 
n'a dh' ullaich Dia air son na muinntir sin a 
tha ga ghràdhachadh." Agus gidheadh chunn- 
aic an t-siìil iomadh nithe iongantach anns a' 
chruthachadh nàdurach — chunnaic i beanntan 
de chlachan dealrach, creagan de dhaoimeanan; 
chunnaic i mèinean òir agus oirthirean de 



NO SEALLADH DE NEAMH ^J7 

nèamhnaidean, agus eileanan spìosrach, agus 
gidheadh, an t-sùila chunnaic cho liutha iong- 
antas anns an t-saoghal shìos cha b' urrainn i gu 
bràthamharc air glòir na staide buadhaiche so. 
Agus ged a chuala chias duine iomadh sèirm 
fhonnmhor^ thaitneach, eadhon nah-uile nith a 
b'urrainn nàdur agus ealantachd a thoirt dha, 
gidheadh, cha chual e riamh coimeas do na 
cheòl a tha araon naoimh agus ainglean a* 
deanamh ann an so fa chòmhair na rìgh-chath- 
rach. Agus mar nach fhac an t-siiil, is nach 
cuar a' chluas, mar sin cha 'n urrainn cridhe 
duine bhreathnachadh; agus gidheadh cridhe 
an duine, (obair àraidh a Chruithear a tha uile- 
ghlic anns an inbhe bheag ud,) tha e air a 
dheanamh suas cho grinn agus cho innealta, is 
gu 'm breathnaich e ach beag ni sam bith a tha, 
bha, no bhitheas am feasd anns an t-saoghal 
shìos, seadh, an nì nach bi gu siorruidh. 'S 
urrainn duinea' dhealbh 'na inntinn gu 'm faod 
na h-uile clach a th' airan talamh a bhi air an 
tionndaidh gu nèamhnadan òr-bhuidhe agus 
nah-uilefeòirnein gubhinanusgraicheanspang- 
ach, soillseach: 's urrainn e smaointeachadh, 
gu'm faod gach smìiirnean de 'n duslach a blii 
air an tionndaidh gu bhi 'nan airgead, agus an 
talamh uile gu bhi na mheall iomlan de dh' òr 
fior-ghlan — 's urrainn e a shaoilsinngu 'm bi an 
t àile air a thionndaidh gu bhi na chloich slioiil- 
eir, agus nareulltan uile gu'bhi 'nan grianaibh ; 
agus na h-uilegrian gu bhi mìle cuairt iii 's mò 



30 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

agus ni's maisiche na tha e nise ga'm fhaicinn 5 
agus gidheadh tha sud uile a' tighinn gearr air 
na dh' uìlaich a Mhòrachd bhith-bhuan, a tha 
do-thuigsinn 'na ghniomhan iongantach uile a 
rinn e dahichd-leanmhuinntreibh-dhireachfèin. 
Ach a chum 's gu 'n gìèidh thu air do 
mheoghair 'a bheachd inntinn is fearr de ar 
sonas, .(ars am fàidh) nochdaidh mi dhut ann an 
so gu h-aithghearr (oir, ged a bhiodh linntean 
air an caitheamh le bhi cuir an cèill na 
naigheachd ro thaitneach so, 's gann bu leòìr 
ìad gus ant-iomlan aithris) ciod e bho 'm beìl na 
h-anmannan beannaicht' a th' air an toirt an so 
trìd cosnadh glòrmhor ar Fir-saoraidh, air an 
saoradh ; agus a chum 's gu 'n tuig thu e ni 's 
fearr, ni mi mo dhìcheall chum mo bhriathran a' 
dheanamh so-thuigsinn do chomasan t* inntinn, 
le bhi co-sàmhlachadh nithe a tha shuas ri 
nithe is aithne dhut air an talamh, ged a 
chunnaic do shùilean cho mòr 's a tha nithe 
nèamhaidh a' toirt bharr.thar ni sam bith a 
th' air an talamh. 

Agus, anns an dara h-àite, nochdaidh mi dhut 
(cho fad 's a ghiùlanas comasan t' inntinn) ciod 
e an sonas sin a tha a shluagh beannaichte 
a' mealltainn ann an so. 

Air tùs, mar sin, tha anmannan na muinntir 
beannaichte a th' ann an so uile air an saoradh 
gu siorruidh o ni sam bith a dheanadh truagh 
iad (agus o 'n pheacadh ceannard agus aobhar 
gach truaighe mu nach eil thu aineolach, oir is e 



ISO SEALLADH DE NEAMH 31 

amhàin a tha toirt a' chreutair chum truaighe, 
agus a tha ga dhlù-cheangal mu'n cuairt dha.) — 
Rinn an Dia beaniiaichte, an toiseach na h-uile 
ni sona? agus coltach ris fèin, a tha gu 
h-ard-iomlansona; agus mar b' e gu 'n dhubham 
peacadha mach maise na h-oibreach nèamhaidh 
cha bhiodh f hios gu bràth aig ainglibh no aig 
daoine ciod b;i chiall de thruaighe. 'Se am 
peacadh a thilg na h-ainglean neo-bhunailteach 
sios do dh'ifrinn, agus a mhill, mar an ceudna, 
sgiamh an t-saoghail : 's e am peacadh a dhubh 
a mach iomhaigh Dhè de dh' anam an duine, 
agus a rinn mar an ceudna fear-riaghlaidh na 
cruitheachd 'na thràill do ana-miannan fèin ; 
agus le so a' dheanamh, thilg se e fèin ann an 
cuan do thruaigh shiorruidh o nach eil saoradh : 
agus mar sin is fior gur tròcair ro-luachmhor 
do luchd-àitichidh an ionad shòlasaich so, gu'm 
beil iad saor gu siorruidh o pheacadh, tre f huil 
losa ar Fearsaoraidh-ne " Do 'n robh beann- 
achd, onair, cumhachd, glòir, agus moladh, 
bith-bhuan gu siorruidh." Air an talamh, tha 
na h-anmannan is naomha agus is fearr ag os- 
naich fo uallach truaiUeachd, agus tha peacadh 
a dlù-leanmhuinn na h-uile ni a nidh iad, agus 
gu tric g' an treòrachadh n' am braighdibh an 
aghaidh an toile. B'e " cò a shaoras mi," a 
glaodh iomadh de shèirbhisich threibh-dhireach 
Dhè, agus a bh' anns a' cheart uair ionmhuinn 
le losa. 



32 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD: 

'S e am peacadh cnap-staraidh tròm nan 
naomh fèin, am fad 'sa tha iad an co-cheang- 
al r'an cuirp thruaillidh f heòla ; agus uime 
sin an uair a leagas iad an cuirp do 'n duslach 
èirigh an anmannansuas mar eun airfhuasgladh 
o chliathan le beòspionnadh nèamhaidh gus an 
tìr bheannaichte so, a' deanamh caithream os- 
eeann a' pheacaidh ris an robh iad do ghnà 
'd' gleachd air an talamh. Ach an so tha 
crìoch air a chomraig ud, agus tha 'm '' bàs air 
a slugadh suas le buaidh," agus an so tha 
anmannan dealrach na h-aiteam a bha sa 'n 
t-saoghal air an deanamh mi-dhealbhach leis 
a' pheacadh, air an tabhairt seachad le losa 
ta siorruidh beannaichte do 'n Athair bhith- 
bhuan, ^'gun smal gun phreasadh." 

Ack, anns an dara h-àite, — mar a tha na 
h-anmannan beannaichte tha 'n soair an saoradh 
o pheacadh, s' amhuil a tha iad mar an ceudna 
o gach aobbar peacaidh; ni a tha na leasach- 
adh mòr d' ar sonas. Ged a bha Adhamh fèin 
ann am Pàrras 'na cheud chruthachadh iomlan 
sona, agus saor o pheacadh, gidheadh cha robh 
e saor o bhuaireadh a' pheacaidh, agus be sin a 
mhòr mhi-shuaimhneas ; fhuair an diabhol a 
staigh do Phàtrais chum a bhuaireadh, agus gu 
dòlasach ghèill e d' a bhuairdhean; dh' ith e 
de 'n mheas thoirmisgt' agus thuit e; agus do 
thaobh toradh an tuiteam sin, bha nàdur an 
duine, agus a shliochd uile mar an ceudna, 



NO SEALLADH DE NEAMH. 33 

air an truailleadh : chnàmh am peacadh mar 
chnàmhain nàdur an duine, agus thruaill e 'n 
cinne-daonna gu lèir. 

Agus an truailleachd sin d' am beil na h- 
uil' anam bàsmhor a' tabhairt caidreamh 'nam 
broilleach is ro-chunnardach, agus is minìg gur 
ro threun am buaireadair e : ach an so tha 
na h-uile anam beannaicht' aìr an saoradh 
uaithe sud. Cha 'n urrainn diabhol am buair- 
eadh 'san ionadso, 's cha mhò a gheibh truaill- 
eachd a' steach ann ; agus cha bhi nì sam 
bith air a cheadachadh an 'so, ach na the 
naomh' agus tior-ghlan ; clia chuir cagair chùil- 
bheartach an droch spioraid ud dragh sam bit). 
oirnn san ionad so : agus an leòghan beucaci 
sin, a tha daonnan gun fhois, agus a' gnà- 
shiubhal air aghaidh na talamhuinn, ag iarraidh 
cò a dh-f haodase sgrios,tha e d'ar taobh-ne 'san 
ionad bheannaichte so de bheatha agus de neo- 
bhàs-mhorachd, air a cheangal daingheaii ann 
an slabhraidhean bith-bhuan, agus air a dhruid- 
eadh ann am prìosan ifrinneil fo dhìteadh chum 
dioghaltais teine siorruidh. Cha mhò abhith- 
eas an saoghal (a chaill a sgiamh le tuiteam an 
duine, agus a th' air claonadh gu bhi na bhiìth 
fhalmhachd agus dhiomhanais, a tha nise le 
'dhrùigheachd agus le 'mhealltaireachd a' tarr- 
ainn mhìlltean chum lèir-sgrios) 'na bhuaireadh 
tuille ni's mò,do na h-anmannan beannaicht' ud 
a fhuar buaidh air a chuilbheartan, tre chreid- 
eamh agus fhoighidean, agus a thainig sìibhailt 



34 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD: 

an 80. Air cho iàdair's a tba 'bhuairidheanagus 
a mhealltaireachddo nanaoimhfèin,athafhath- 
ast a co-spàirn ris air an talamh, tha sinne a fh- 
uair sealbh air na h-ionadan nèamhaidh ag amh- 
arc le dìmeas air gach uile shochair talmh- 
aicih : tha sinn an so air faotainn os-ceann 
an t-saoghail agus os-ceann gach ni leis ani 
faodadh e ar buaireadh : agus tre fuil ar Slàn- 
aignear buadhach f huar sinn buaidh orra sud 
mar tha na geugan so a tha sinn a' giùlan a' 
dearbhadh. Cha 'n eil ni sam bith an so 
a chuireas dragh air ar sìth ach tha sàmh- 
chair bhith-bhuan a* crìinadii ar sonais uile air 
dhuinn a bhi saor o pheacadh agus o gach 
buaireadh peacach. Agus mar chomharr' air 
an sin. 

Anìis an treas àite, tha sinn air ar saoradh o 
thoradh a' pheacaidh, agus 'se sin peanas, fo 'm 
beil iadsan a tha fo chuibhrichean ann an 
ionadan dorcha na dòrainn shiorruidh, ag osnaich 
gu bràth mar an ni nach urrainn iad a ghiùl- 
an, ach fòs, a dh-fheumas iad fhulang gu 
suthainn. 'Se am peacadh a thug am bàs a 
steach do 'n t-saoghal : agus ìe ard-chomhairl' 
nam flaitheas, is e ni sin a thuarasdal mar tha na 
h-uile anam bàsmhor ga mhothadhadh ; ach 
trid buaidh Prionnsa na Beatha, Uain Dè, 
a mhàrbhadh o bhunait an domhain, an Tì le 
'bhàs, a fhuair buaidh araon air a' bhàs agus 
air-san aig an robh cumhachd a' bhàis, oirmar a 
bhu 'n diabhol a* deanamh gàirdeachais thar 



NO SEALLADH DE N^EAMH. 35 

peacadh, hàs, agus ifrinn, mar sin tha peacadh. 
bàs, agns ifrinn, air am fògradh amach as an 
ionad so gu siorruidh ; air son am beil òranan 
molaidh bith-bhuan agus caithreamach air an 
deònachadh gu siorruidh da ainm naomh-san. 
'Se so na nithe (ars am fàidh mòr) o 'm beil 
sinne a th' anns an staid bheannaichte so air ar 
saoradh; agusgidheadhcha'n'eil iadso a'dean- 
amh suas achan earrainnjs lughade shonas nam 
flaitheas: tha n-ar n-aoibhneas dearbh-chinnt- 
each mar tha e diomhair, agus a nise nochdaidh 
mi dhut ciod iad na nithe ud anns am beil ar 
n' aoibhneas a' co-sheasamh. 

I. Tha sinn a' sealbhachadh an taisbean 
aidh mhòir an so, an sruth beannaichte agus 
tobar bith-bhuan ar sòlais uile : ach cha mho 
as urra' mis' a chur an cèill ciod e, no 's urrainn 
creutairean crìochnaichte nithe neo-crìoch- 
nach a' thuigsinn ; ach a mhàin gu 'm beil e 
gu bitheant a' soillseachadh ar tuigse, agus a 
lionadh ar n-anmannan leaoibhneas do~labhairt 
agus làn de ghlòir ; agus le gràdh cho laiste is 
nach urrainn ni 's lugha no' n t-Ughdar beann- 
aichte fèin a' shàsachadh, 's air nach cuir bith- 
bhuantachd fèin crìoch ; se ath-sholus deairach 
an làthaireachd dhiadhaidh, agus sruthan ro 
ard urramach glòrmhor de a mhathas, is beatha 
d' ar beatha, agus is anam d' ar n-anam, agus is 
flaitheas d' ar flaitheas ; agus se a tha toirt 
dhuinn a bhi beò, a bhi gràdhachadh, a bhi 
seinn, agus a bhi tabhairt moladh siorruidh dha: 



36 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

agus se a tha co-chùmadh ar anmannan ri iomh- 
aighbheannaichtefèin. Amfeadhathananaoimh 
airan talamh a' siubhalchumnatìrebeannaichte 
so, tha iad air an cumail suas rè an turais le 
'ghàirdeanan siorruidh-san, leis am beil iad air 
an deanamh comasach dol o ghràs gu gràs ; 
ach tha sinne a ràinig gu tearruinte calla an 
t-sòlais shiorruidh, " air ar n* atharrachadh o 
ghlòir gu glòir, eadhon le Spiorad an Tigh- 
earna." Ach, chum nithe a' dheanamh ni's 
soilleire do d' thuigse, le bhi 'g amharc aghaidh 
Dhè mar so, tha fior cho-pàirt agus sèalbh 
againn air a ghràdh, agus tha suilbhearachd a 
ghnùise beannaìcht' a' deanamh ar n-anma subh- 
ach; agus 'na dheagh-ghean tha sinndaonnan a' 
deanamh gàirdeachais, oir 'na dheagh-ghean- 
san tha beatha. Agus, mar sin, leis an t-sealladh 
bheannaichte so de Dhia, tha sinn air teachd 
chum ni's mò de dh' eòlas fhaighinn air no 
f huar neach sam bith air an talamh ; oir is e 
sealladh dhe-san a tha soillseachadh ar tuigse, 
agus ''a tha tabhairt dhuinn soluis eòlais glòire 
Dhè, ann an gnùis losa Criosd ;" air chor, is 
ged a tha e do-dheannta a Mhòrachd dhiadh- 
idh-san a bhreathnachadh(oir cò a tha comasach 
an t-Uile-chumhachdach a rànnsachadh gu 
h-iomlan ?) gidheadh, tha tuigs' iomlan againn 
an so de anàdur, agus deabhuadhan diadhaidh. 

II. Cha 'n e amhàin gu m beil againn an 
so an aislins: àdmhor, leis am beil sinn ag 



NO SEALLADH DE JNEAMH. 37 

amharc Dhia mar a tha e, ach tha fìor shealbh 
againn deth, agus thasinn 'ga mhealltainn ; uime 
sin tha sinn air ar aonadh ris, agus beò ann-san, 
agus e-san annainne; agus air ar deanamh 'n-ar- 
luchd co-pairt dhe a nàduir diadhaidh, a tha 
soillseachadh annainn le dealradh ro bhoisgeil. 
Tha e fìor gu 'm beil na naoimh air an talamh 
a' sealbhachadh Dhè na òrduighean ; ach tha 
sinne uile 'ga shealbhachadh an so aghaidh 
ri aghaidh : air an talamh tha na naoimh a' 
sealbhachadh Dhè ann an tomhas, ach an so tha 
sinne 'ga mhealltainn gun tomhas : tha aca-san 
lànbeòil air uairean de a mhathas; ach tha ar 
sàth againne, agus tha sinn a' snàmh ann an 
cuan gun chrìoch de shonas: tha co-chomunn 
nan naomh ri Dia 'san t-saoghal gu tric air a 
bhristeadh, agus air àicheadh ; ach tha sinne 
gu bitheant' a' mealtainn Dhè gun sgur. 

III. Ann an so tha sinn a' sealbhachadh iom- 
lànachd gach uileghràs: ach'san t-saoghal cha 
n-eil na naoimh a' faicinn ach ann an cuid, no 
ga aithneachadh ach ann an cuid ; ach air 
dhuinne à bhi sealbhachadh sin a tha iomlan ; 
tha na bha neo-iomlan air a chaitheamh as : 
sa'n t-saoghal, thagràdh air acho-mheasgadh le 
eagal, agus tha eagal pianail ; ach an so, tha 
gràdh iomlan, agus tha gràdh iomlan a' tilgeadh 
a mach eagail : tha sinn a' gràdhachadh an Dè 
bheannaichte ni's mo na sinn fèin, agus tha sinn 
a' gràdhachadh a chèile mar sinn fèin ; an so 

E 



38 AN SAOGHAL A TA Rl TEACHD: 

is cloinn aon athar sinn gu lèir, agus tha ar 
bràithrean uile co-ionmhuinn leinn : air an ta- 
ìamh bha ar gràdh roinnte, agus a' ruith ann an 
iomadh sruth-chlais ; ach tha ar gràdh an so, 
'na aon sruth, a' ruith chum an Dia a tha 
siorruidh beannaichte, tobair ar sonais. Bha 
ar n-eòlas, am feadh a bha sinn 'san t-saoghaì, 
ro neo-iomlan ; cha robh sinn a' faicinn ach gu 
dorch mar troimh sgàthan briste, ach an 
80 tha sinn a' faicinn Dhè mar a tha e, agus 
tha sinn 'g a aithneachadh mar tha sinn fèin 
air ar n' aithneachadh. Tha ar n' aoibhneas 
ann an so mar an ceudna foirfe ; ach air an 
talamh bha e air a bhristeadh le bròn agus le 
osnaich ; b' èigin gu 'm biodh e mar sin, oir 
far am beil peacadh, bithidh bròn: ach air do'n 
pheacadh (aobhar gach doilgheis) a bhi air 
a chaitheamh às, uime sin sguiridh gach uile 
bhròn (toradh a pheacaidh,) ni-eadh ach tha ar 
dearbh bhròn air son ar peacannan am feadh a 
bha sinn air an talamh (trid saibhreas ar 
Fearsaoraidh beannaichte,) a' meudachadh ar 
n aoibhneas anis' air dhuinn a bhi 'n so. 

IV. Ann an so tha ar tuìgse air an cur a'm 
farsuinneachd a rèir meud nan cusbairean 
air am beil sinn a' beachdachadh : am feadh a 
bha sinn anns an t-saoghal, cha b' urrainn solus 
soillseachadh ann ar n' inntinn, ach trid uinn- 
eagan ar ceudfathan corporra, agus is ann air 
an aobhar sin a thoilich an Dia beannaichte 



KO SEALLADH DE NEAMH, 39 

tigbinn a nìos cho iosal r' ar tuigse nàdurrach agiis 
cainnt aMhòrachd-san a dheanamh so-thuigsinu 
doV 'n-inntinnean reusanta : ach an so tha 
sealleannan na Diadhachd ni's ro ghlòr- 
mhoire, agus tha ar n' inntinnean air a mion- 
ghlanadh o gach smuain f haoin thalmhaidh a 
bha ruith troimh chlaisean salach ar mothaich- 
idh. 'San t-saoghal shìos bha na barailean bu 
ghlaine a bha againn mu thimchioll Dè ro 
neo-iomlan ; ach an so tha an t-òr eadar- 
dhealaichte on t-sal, agus tha ar beachd-srauain- 
tean ni 's iomchaidh agus ni 's freagarraiche 
ri aon-f hillteachd agus ri glaine Dhè. Air an 
talamh bha na cusbairean glòrmhor air an 
irioslacliadh chum a bhi air am beachdachadh 
le buadhan mothachaidh ; ach an so tha na 
ceud-fathan air an togail suas, air an glanadh, 
agus air an deanamh' nan cusbairean glòire. 
A nis, uime sin, do bhrì 's gu 'm beil an sohis 
nèamhaidh a' soillseachadh le boisgeanan soiìl- 
ear, agus còmhdaichean tiugha na feòla air an 
deanamh spioradail, agus fior-dheairach, tha'n 
t-anam a'faighinnnan seallainean is soiUeire de 
Dhia. Tha sinn a nis' a' faicinn na bha sinn 
roimhe a' /creidsinn mu thimchioli nàduir 
glòrmhor an Dia uile-bheannaichte, agus mu 
thimchioll a reachdan, a chomhairle, a f hreas- 
dal, agus frithealadh a f hreasdail. Tha sinn 
an so a' faicinn gu soilleir, gu 'n robh Dia o 
bhith-bhuantachd 'na bhith iomlan, ach gun 
bhi aonarach, agus nach eil an diadhachd à 



40 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD ! 

òrdugh an aonaidh, no roinnte ann a.n 
àireamh : agus nach eil barrachd urraim a 
measg pearsannan diadhaidh na Trionaide 
do-labhairt, ach gu 'm beil sealbh co-ionnan 
aca, agus an aon tomhas de 'n òirdhearcas 
dhiadhaidh, agus de 'n aon rìoghachd nèamh- 
aidh, agus nan cusbairean co-airigh air an 
aon naomh-aoradh. Tha slighean Dhè, a 
niheas sinne do-rànnsaichte agus mi-laghail 
r'am fiosrachadh air talamh, againn an so gu 
soilleir fo'r beachd, leis an dearbheachd is ro 
chinntiche, gur e toradh a' ghliocais dhiadhaidh 
a th' ann, seadh cho soilleir is nach urrainn an 
f hìrinn fèin a bhi ni'scinntiche. 

'S e na nithe so (ars am fàidh le caochla 
gutha) cuid de na nithibh a tha deanamh suas ar 
sonais. 

Fòs, 's ann a tha na nithe so uile a'toirtcunnt- 
as mu thimchioU ar n' anmanan : ach cha bhi 
sonas luchd-aitichidh an ionad bheannaichte 
so iomlan, gus am bi an cuirp air an togail 
suas, agus airan ath-aonadh r'a n-anmanan ; an 
so f huar Enoch beannaichte agus mi fèin barr- 
achd urraim shònraichte, tre mathas Dè, air 
dhiuinn bhi air ar giùlan an so anns a* cholainn 
mar chomharradh do 'n t-saoghal, araon 
roimh thighinn agus an deigh na dìle, air ais- 
eirighMhic ShiorruidhionmholtaDhè,agus nan 
naomh uile trìd-san. 

A £iise, do bhrì nach robh aon neach ach 
ara Mesiah mòr da rìreadh air an togail o na 



NO SEALLADH DE NEAMH. 41 

maìrbh, air dha'San a bhì 'na cheud thoradh o 
na mairbh, (oir, air son Enoch agus mi fèin, cha 
b' aithne d' ar cuirp am bàs, ged a dh' atharr- 
achadh iad air modh co-ionnan ris), tha e uime 
sin, ro dhiomhair r' a aithris cia mar a bhitheas 
e ann an staid na h-ais-èirigh, do-bhrì gu *m 
beil e gu bhi air a bhreathnachadh a mhàin ann 
an iomlanachd, o chorp glòrmhor Chriosd, ris 
nach eil ni's mò corp Enoch na mo chorp-sa gu 
bhi air an sàmhlachadh thaobh a ghlòir-san, 
ged a tha iad araon *nan cuirp spìoradail, de'n 
nochd mi dhut a nis' am buadhan fa-leth. 

I. Bithidh cuirp na muinntir bheannaichte 
a tha 'n so, aig an ais-eirigh, mar a tha mo 
chorp-sa nise, 'nan cuirp spioradail ; agus air 
dhut cha 'n e a mhàin a bhi ga 'm fhaicinns' 
ach mar an ceudna a' buintinn rium (an so b' e 
toil an fhaidh naomh a làmh shìneadh dhomh), 
faodaidh tu a bhi ni 's comasaich gu thuigsinn 
ciod a tha mi ciallachadh le corp spioradail : 
se sin, corp air a mhion-ghlanadh o gach uile 
shalchar agus truailleachd, agus air a dheanamh 
'na chorp fìor-ghlan, 's gidheadh corporra, agus 
cha n-ann air a dheanamh suas de ghaoith no 
do dh' àile, mar a tha muinntir bhàsmhor an 
t-saoghail gu mearachdach a' sniaointeachadh. 

Ejìhenet, An so ghuidh mi air an fhàidh 
naomha gun giìilanadh e leam ann an leigeadh 
ris dha gu 'n robh mi gu bitheanta 'm baireal 
gu'n rohJb spioradalachd calg-dhìreach an agh- 
aidh corporrachd, agus uime sin gu 'm beil corp 



45 AN SAOGHAL A TA Rl TEACHD : 

spioitdau gun tairbh, 'us mar sin nach moth- 
aiehear e le làimhseachadh, mar tha mi nis' a' 
tuigsinn gu 'm mothaich. 

Eliah Fhreagair am fàidh, ag radh, gu'n 
ro an cuirp-sa spioradail, cha'n ann amhàin mar 
a bha iad air an glanadh o gach uile thruaill- 
eachd, ach mar a bha iad, mar an ceudna, aii 
am beathachadh le a bhi mealltainn Dhè, gun 
ùraehadh tarbhach sam bith, mar a tha biadh, 
deoch, cadal, no àodach, leis am beil na cuirp 
thalmhaidh air ambeathachadh. Nach do leugh 
thu (ars am faidh) gu'n do thaisbeinlosa beann- 
aìcht' anns a' cholainn, an deigh ais-eirigh, d' a 
dheisciobluibh, an uair a bha iad cruinn cuid- 
eachd ann an seòmar, agus na dorsan dùint' 
orra? ni tha gu soilleir a'dearbhadh spioradal- 
achd a chuirp-san ; agus gidheadh ghairm e 
air an abstol Tòmas tighinn agus a làimh a 
shìneadh, agus a cuir 'na thaobh, ni a tha gu 
soilleir a' dearbhadh dhuinn gu 'm beil a chorp- 
san corporra. 'S ann air an taisbean bheann- 
aichte a tha araon ar anmanan agus ar cuirp 
bheò, air an cumail suas, ann an so gu siorruidh. 

II. Bithidh ar cuirp anns an ais-eirigh neo- 
bhàsmhor, agus neo-chomasach air bàsachadh: 
's an t-saoghal shìos, tha 'n cuirp uile bàsmhor, 
a' caitheamh as agus a' dol a dhìth, agus tha iad 
gach tiota buailteach do bhi air am pronnadh 
'nan duslach ; ach an so bithidh ar cuirp 
neo-thruaillidh agus air an saoradh o 'n bhàs 
gu siorruidh ; oir " cuiridh ar truailleachd neo 



NO SEALLADH DE NEAMH. 43 

thruaiUeachd oirre, agus bithidh bàsmhoracnd 
air a shlugadh suas le beatha." 

Ephenet. Dh' iarr mi nis' air an f haidh giùl- 
an leam am feadh a bhithinn ag ìnnseadh mo 
bhairealan fèin mu' n chùis sin. 

Eliak. Abair romhad ; oir tha mise ullamh 
chum do theagamh a ghluasad. 

EpheneL Dh' f hoghlum mi (arsa mise) o na 
sgriobturan naomha gur buaidh neo-bhàsmhor- 
achd a bhuineas do Dhia a mhàin, agus cha 'n 
ann do dhaoine, gu h-araidh do chuirp dhaoine, 
on tha fèin-fiosrachadh gach latha a' leigeadh 
ris dhuinn gu 'm beil sinn bàsmhor. Uime 
sin, tha Pòl ag innse do Thimoteus, '* gur ann 
aig Dia a mhàin a tha neo-bhàsmhorachd." 

Eliah. An uair a tha mi 'g ràdh gu 'm beii 
cuirp an t-sluaigh bheannaicht' an so neo-bhàs- 
mhor, 's ann mu thiomchioll an cuirp ann an 
staid na h- ais-eirigh a tami labhairt, a mach uaithe 
sin cha n.eil iad buailteach do 'n bhàs ni's mò; 
tha 'n duine, ann an staid thruailiidh bàsmhor, 
agus buailteach do 'n bhàs; agus cha n-eil ni 
sam bith ni 's soilleire dhaibh-san tha a chòmh- 
naidh 's an t-saoghal no gu'm beil e mar sin, 
agus tha eadhon cuirp nan anmanna beann- 
aichte a tha 'n so air an glòrachadh anns a' 
cheart àm air an cumail fo chumhachd a' bhàis. 
Ach ann an staid na haiseirigh, an uair a 
bhitheas iadairantogailsuas arithist,ansinbith- 
idh iad neo-bhàsmhor. Agns mu'n ni bha 
thu a' dearbhadh o na sgriobturan, gur ann aig 



44 AN SAOGHAL A TA KI TEACHD : 

*« Dia fèin amhain a tha neo-bhàs-mhoraehd." 
tha e ro cheart : oir is esan a tha gu ro shoill- 
ear agus gu ro f hreagarrach mar sin ; do 
bhrìgh nach eil creutair, eadhon duine no aing- 
eal, ann an seadh iomlan, a tha mar sin ach e 
fèin a mhàin. Tha sinne neo-bhasmhor trid a 
ghràis, agus a deagh-ghean-san ach tha Dia 
neo-bhàsmhor 'na bhith, agus bha e mar sin o 
uile bhith-bhuantachd ; agus anns a t-seadh 
sin, is math a dh-faodar a ràdh gur ann aige- 
san a mhàin '* a tha neo-bhàsmhorachd." Agus 
uime sin cha bhi e neo-fheumail dhuts' an aire 
'thoirt, ge be sam bith ni a tha Dia, gu 'm 
beil e mar sin gu ro shoilleir, agus gu ro 
f hreagarrach ; agus 's ann a thaobh sin a dubh- 
radh mar an ceudna mu thimchioU, Gur 
" Easan a mhàin a tha naomh," agus nach " eil 
a h-aon math ach Dia," cha n eil a h-aon 
ionraic, cha n-eil a h-aon tròcaireach ach Esan : 
do 'n robh beannachd, agus glòir, agus 
urram, agus mohidh, gu bràth agus gu bràth." 
Ephenet. Tha aon ni eile ann am bheachd 
do 'm bu mhath leam freagradh f haotainn, agus 
se sin, air dhomh fhaicinn nach eil a h-aon 
sam bith eile a fhuair cead teachd do 'n àite 
so, anns a' chorp, ach a mhàin thu fèin agus am 
fàidh Enoch, a tha thu 'g radh a dh-fhuilrg 
caochla co-ionnan ris a' bhàs, ach gidheadh 
nach do bhàsaich ; ciod an dearbheadh a th' 
agadsagu'm bi cuirp an t-sluaigh bheannaicht*, 
a tha nise fo chumhachd a' bhàis air an togaii 



NO SEALLADH DE NEAMH. 45 

a rithist', oir tha mi a' faicinn gu 'm beil iad 
glòrmhor^ beannaichte, agus sona as eugmhais 
an cuirp, agus mar nach biodh feum ac' orra, 
's cian o chnàmh agus a chaith iad 'nan 
uaighean: ach tha mi'm baireal gur e 'ndearbh- 
achd is mò agus is soiUeire a th' air a phuing 
so, gu 'm beil losa a tha siorruidh beannaichte 
Uan gun smal Dhè, a bha gu cinnteach agus 
gu 'n teagamh màrbh, " a nise beò, agus gu'm 
bi e beò gu siorruidh." 

Eliah. Chuir am faidhe stad air mo chòradh, 
agus thubhairt e Ciod an dearbhachd na's 
mò na sin bu mhath leat iarraidh ? 

Ephenet, 'S e na th' agara r'a radh mu'n 
ni sin, so, nach f haca corp losa bheannaichte 
riamh truaiUeachd ; agus nach mò dh'èirich 
neach sam bith eile, a chunnaic riamh truaill- 
eachd gu beatha agus neo-bhàsmhorachd. 

Eliah. Fhreagair am fàidh mi rithist,ag ràdh, 
ged a tha e fior nach do thachair a leithid sin 
gidheadh tha 'n aiseirigh a cheart cho cinnteach 
do 'n chorp s a tha glòrachadh an anma a nis' _; 
oir raar a bhàsaich an t-Iosa beannaichte na 
phearsa follaiseach, is amhuil sin a dh-èirich e 
rithist; agus uime sin a dubradh gur easan 
" an ceud toradh o na mairbh," is esan ceann 
na h-Eaglais, agus cha 'n urrainn e bhi coimh- 
liont'as eugmhais a' chuirp,agus bithidh achorp 
(se sin) na naoimh air an togail suas a rèir 
òrduigh-san, gu bhi raaille ris gu siorruidh. 
Bithidh an cuirp air a mosgladh as an cadal 



46 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD l 

màrbh, agus> mar a bha mi cheana 'toirt fain- 
ear, air an athbheothachadh chum beatha 
ghlòrmhor neo-bhàsmhor : tha 'n corp na 
earrainn fheumail de 'n duine, mar a tha 'n 
t-anam ; agus ged nach eil iad idir coimeas 
ann an oibre naomha, gidheadh tha 'n co-aon- 
achd ro fheumail. Tha efior, anns an t-saogh- 
al gu 'n robh gniomharran math air an sònrach- 
adh le rùn agus comhairl' an anma, ach bha 
iad air an coimhlionadh le còmhnadh sl chuirp ; 
agus do brìgh sin tha gach gràs 'ga nochdadh 
fèinann an gniomharran faicsinneach. Ann am 
bròn an aithreachais bha deòir air an sileadh 
leis na sùilean corporra ; ann am breth-buidh- 
eachais bha 'n teanga air a cleachdadh ann am 
moladh Dhè : agus gach buaidh a f huaradli 
leis an anam, os-ceann gach toil-inntinn pheacach 
air talamh, 's ann ann an co-chomunn ris a' 
chorp a bhuadhaich e orra. Agus an urrainn 
thusa a shaoilsinn (ars am fàidh) gu 'm buiii 
an Dia mòr mhathasach riu cho leth-bhreith- 
each is gu 'm biodh an t-anam gu siorruidh 
sona, agus an corp air a thilgeadh air 
chùl gun siiim : a h-aon dhiù air a ghlòr- 
achadh anns na fìaitheas, agus an t-aon eile 
a' fanntainn anns an duslach? O 'n thòisich 
iad an turas 'san t-saoghal, gus an deach 
an corp 'san uaigh, ruith iad an rèise araon 
an co-chuideachd a' chèile agus uime sìn 
sealbhaichidh iad araon an aon duais. An 
dair a bhitheas crùn fireMnterichd agus gKÌre 



NO SEALLADH DE NEAMH. 47 

air a thabhairt dhaibh-san a tha beannaicht', 
air an latha mhòr, ann an sealladh gach uile 
shluaigh, co-shealbhaichidh araon an t-anam 
agus an corp an aon urram. Agus tha mi 
creidsinn (ars' am faidh,) gur leòir na thubh- 
airt mi riut, chum 's nach cuir thu 'n teagamh 
tuilleadh, staid a'chuirp aig an ais-eirigh. 

Ephenet. Fhreagair mi am faidh, ag radh, 
nach robh mi a cuir an teagamh ni sam bith 
tuiUeadh mu 'n phuing sin. Agus dh' iarr mi 
air dol air aghaidh chum abhi nochdadh glòir a 
chuirp ann an staid na h-ais-eirigh. Mar sin 
chaidh e air adhart, ag radh ; — 

Eliah, Dh' innis mi dhut cheana gu 'm bi 
cuirp na muinntir bheannaichte neo-bhàsmhor; 
ach gidheadh, cha 'n urrainn iad a bhi cho 
neo-bhàsmhor, ri Dia, a tha mar sin air modh 
cho soilleir agus cho freagarrach, is gur math 
a thug thu fainear "gur esan a mhàin aig am 
bheil neo-bhàsmhorachd ;'' cha mhò a tha 
na h-ainglean beannaichte neo-bhàsmhor, a 
th' air an cruthachadh neo-chorporra, ach 
chruthaicheadh an duine bàsmhor, agus 's 
ann trid ceannach an Fhir-shaoraidh bheann- 
aichte, agus ath-nuadhachadh na h-iomhaigh 
dhiadhaidh a tha e air a dheanamh neo-bhàs- 
mhor. Ni mo tha 'n neo-bhàs-mhorachd a 
cheannaicheadh mar so air ar son-ne, coltach 
ri neo-bhàs-mhorachd nan spiorad a thuit o 'n 
ceud staid, oir tha iadsan neo-bhasmhor mar an 
ceudna: ach tha 'n neo-bhàsmhorachd-san do 



48 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD ! 

ghxìè a tha toirt cudthrom ro anabarrach do 
thruaà^he; agus tha e na mhallachd cho mòr 
dhaibh, 'us gn 'n dùirigeadh iad mile do 
mhìltean uair gu 'm biodh iad air an caitheamh 
às: ach se an neo-bhàsmorachd bheannaichte 
a tha sinn a' mealltainn, sonas nam flaitheas, 
agus se a tha toirt dhuinn làn-dearbhadh, gu 
'm bi sinn a* mealltainn, trelinne na siorruidh- 
eachd an sonas a' tha sinn a nis' a' sealbhach- 
adh, agus uime sin, 's ceart a ghoirear dheth 
an neo-bhàsmhorachd ghlòrmhor. 

III. Tha cuirp an t-sluaigh bheanaichte a 
th'anns anionadso, a' sealbhachadhsochaireile, 
agus 's e sin nach comasach gu 'm fuilig iad 
doilgheas sam bith, oir tha iad air an saoradh 
o gach ni o 'm faodadh iad fulang: 's an 
t-saoghal shìos tha cuirp nan naomh fèin gu 
minig 'nan pàiUiunan làn de thruaighe ; no 
mar thaigh-eiridinn, làn de ghalairean, a tha 
gu coitcheann a' deanamh bàis ni's ròghnaiche 
leo na beatha. Cia cho tric'sa tha daoine matha 
fèin air am pianadh gu geur le galar-nan-alt, 
agus air an claoidh gugoirt leis a' ghalar-fhuail, 
agus le iomadh galar cràiteach eile ? Mar sin, 
ged a bhiodh iad làn de gach ni ris an can 
daoine bàsmhor beannachdan aimisireil, gidh- 
eadh,thaiadsud uile air an deanamh ro shearbh 
dhaibh, leis na galairibh pianail ud a tha 'nan 
cuirp. Agus far nach eil a leithid so do 
chruaidh chasaibh, 'us ann an uair a tha cuirp 



NO SEALLADH DE NEAMH. 49 

dhaoìne slàinteacli fallain, laidir, agus beothail 
sunntach, tha iad gu tric buailteach do chruaidh- 
chàsibh eile, mar a tha acras, padhadh, fuachd, 
agus nochdachd ; nithe a ta deanamh am beatlia 
ro mhi-shuaimhneach dhaibh : tha iad gu tric, 
an sud, air an druideadh suas ann am prìosanan, 
agus air am mùchadh eadar ballachan cloiche, 
mar gu 'm biodh iad air an tiodhlaiceadh beò, 
agus mar dhaoine air an di-chùimneachadh 'san 
t-saoghal ; nithe, an uair a bheir sinn fanear 
gu 'm faod sinn a thuigsinn gu 'm beil am 
beatha ro shearbh dhaibh, fad an cuairt air 
thalamh. Ach cha 'n eil a leithid sud de 
dh' uilc a buntainn rinne, 's an ionad shòl- 
asach so: oir cha'n urrainn mallachd sam bith 
teachd diù dhuinn ; oir is ann mar mhallachd- 
an tha iad sud uile, do bhrìgh 's gur ann de 
toradh a' pheacaidh iad. Tha mo chorp sa 
'nis neO'Chomasach olc sam bith fhulang, o 
pheacadh, no bho dhòrainn; agus tha e, tre 
gràs Mac Beannaichte Dhè a nise na ionad 
tasgaidh araon de sholus agus de ghlòir; agus 
's amhail a bhitheas cuirp nan naomh uile mar 
an ceudna ann an staid ath-chruthaiclite na 
h-aiseirigh. Agus tha so ga mo thoirt air m' 
aghaidh chum a' cheathramh sochair a' chur 
an cèiU leis am bi ar cuirp gu siorruidh air am 
beannachadh. 

IV. Tha sonas eile a bhitheas ar cuirp a' 
mealtainn, mar an ceudna, ann an staid bhean- 
p 



50 AX SAOGHAL A TA RI TEACHD! 

naichte na h-ais-eirigh, agus 's e sin, gu 'm bì 
iad, làn-mhaiseach agus cha 'n i so idir aon 
dhe na sochairibh is lugha; do thaobh nach eil 
ar cuirp air an talamh, ach 'nan cuirp shuarach, 
ag aomadh chum truailleachd 's an uaigh, tha 
ur feòil a' cnàmh agus na lòn do na cnuimhean 
o 'm beil bòladh gràineil breun ag èirigh ; 
cha n-eil iad anns an t' seadh is feàrr, ach 
na'n taighean creadha, agus aig am beil an 
stèigh anns an duslach : ach an so bithidh 
^ air modh eile; oir bithidh cuirp nan naomh 
air an saoradh o'n anmhuinneachd neo-chiont- 
ach sin a bha neo-dhealaichte ri Adhamh ann 
am Pàrrais, oir be gu 'n robh anam air aonadh 
r' a chorp a thug bheatha mhothachail nadurra 
dhasan, a bha gu bitheanta a' ruith seachad, agus 
mar sin a bha daonnan feumach air ùrachadh 
chumabheatha chumail suas ann an neart. Ach, 
anns an staid bheannaichte so, bithidh an corp 
air a dheanamh spioradail ann am bhuadhan, 
agus bithidh beò-bhith na beatha air a chumail 
suas le cumhachd miorbhuileach an Spioraid as 
eugmhais beathachadh faicsinneach sam bith ; 
'us cha n e sin a mhàin, ach soillseichidh 
glòir bhunailteach neo-sheargte annta, a bhith- 
eas mòran ni's òirdhearc na greadhnachas 
suarach neo-sheasmhach an t-saoghail, agus 
maise na feòla ; agus bithidh iad air an 
deanamh eoltach ri corp glòrmhor Chriosd, a 
chruth-atharraicheas ar corp dìblidh chum an 
deanamh coltach r' a chorp ghlòrmhor fèin ; 
agus ni e so le mhòr-chumhachd, leis am 



SO SEALLADH DE NEAMH. 51 

beil e comasach na h-uile nithe a thoirt gu 
ùmhlachd dha fèin. 

A mhaise ro-urramach òirdheirc so, a chuir- 
eas e air a' chorp, s e obaìr a làmhan fèin a 
bhios ann : agus far an cuir an t-Uile-cumh- 
achdach a làimh, cha n-eil ni sam bith- 
do-dheanta. Oir tha e cho comasach do'n Dia 
Uile-chumhachdach, a mhais' oirdhearc so a 
chuir air a' chorp ann an inbh àrdaichte, agus a 
thoirt gu staid ghlòrmhor neo-bhàsmhor sa 
bha e dha a dhealbh air tìis anns a' bhroinn. 

V. 'S e cuid eile dhe ar sonas, gu 'm bi 
ar cuirp beòthail, lùghor, air chòr 's gu 'n 
glìiais iad le luathas do-bhreathnaichte. Bha 
ar cuirpe, am feadh a bha sinn anns an t-saogh- 
ai shìos, 'nam millthroma, agus 'nan hichd d'ar 
n-anmaibh; ach 'nan staid àrdaichte bithidh iad 
air dhòigh eile, oir bithidh iad coltach ri càrb- 
adan Aminadab ; agus gluaisibh iad mòran ni's 
luaithe na'n eunlaith ann an speuran nèimh. 

VI. 'S e ni eile, anns am bi ar sonas a 
co-sheasamh ann an tomhas mòr an so gu 'm 
bi ar cuirp ann an staid ath-cruthaichte na h- 
aisirigh (mar tha mo chorp-sa nise) fior-ghlan ; 
agus is sochair ro urramach so ; oir ged a 
bhiodh gach uile shochair eile a chaidh 
aìnmeachadh, neo-bhàsmhorachd, spioradal 
achd, neo-bhuailteach do fhuhmgas, maiseal- 
achd, agus lùghorachd againne, gidheadh, 
na 'm biodh iad peacach mhiileadh e each 



52 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

socbair dhiù sud, agus bhitheadh na tha sinn 
a' sealbhachadh d' a shonas anns na h-ionadan 
glòrmhor so, air an truailleadh, na 'm b' 
urrainn peacadh a' thighinn a steach annta. 
Ach 's ann a tha e an ceart aghaidh sud, oir 
's e ar glòir gu 'm bi ar dearbh chuirp fior- 
ghlan, agus cha bhi am ball is lugha de smàl 
a' pheacadh idir orra. Is fior gu 'm beil 
cuirp nan naomh 's an t-saoghal shìos air an 
luchdachadh leis a' pheacadh^ agus air an 
ribeadh le buairidhean, air chor 's gu 'm beil 
iad a glaodhach amach, " Och, as duine truagh 
mi ! co a shaoras mi o chorp a' bhàis so ?" 
Ach an so meallaidh iad saorsa ghlòrmhor do'n 
cuirp, air son am beil iad a nis' a' feitheamh gu 
foighidneach an sud. 

VII. Agus anis' co-dhùnaidh mi le a bhi 'g 
innse dhut gu 'm bi cuirp nan naomh, ann an 
staid na h-aiseirigh' nan cuirp ghlòrmhor — cho 
glòrmhor is gu 'm bi iad ro-choltach ri corp 
glòrmhor ar Fear-saoraidh beannaichte ; mar 
a tha na sgriobturan ag innseadh, agus mar an 
ceudna an dòigh air am bi sinn air ar n-ath- 
arrachadh. 'S e Uan glòrmhor Dhè, losa 
beannaichte, a dh' atharraicheas ar cuirp 
thruaillidh, agus ghràineil, agus a nì iad col- 
tach r' a chorp glòrmhor fèin ; 's ann le 'chumh- 
achd-san a bnitheas cuirp nan naomh, a chuir- 
eadh SLnn an truaiUeachd agus ann an eas-urram 
air an togail ann an glòir ; agus deàlraidh iad 



NO SEALLADH DE NEAMH. 53 

'san ais-eirigh an rìoghachd ghlòrmhor an 
Athar, ni 's deàlraiche na ghrian. 

Agus mar so, a mhic (ars' am fàidh mòr,) 
nochd mi dhut gu h-aith-ghearr far am beil 
glòir agus sonas na staide beannaichte so, tha 
sinn a' mealltain, a co-sheasamh. Cha n-e 
gu'n d' aithris mi a' mìle earrann de na dh' 
fhaodadh abhi air iomradh, 's cha mhò athuig- 
eadh tus e, ged a dheanainn-sa iomradh air, 
oir tha sinn a' sealbhachadh nithe ann an so, 
mar a' clack gheal, agus an i-ainm nuadh, 
nach fhios de neach sam bith cò iad, ach 
iadsan amhàin a tha d'a mealtainn. 

Ephenet. Air do 'n f hàidh sgur do labhairt 
thug mi taing dha air son an f hiosrachaidh 
a thug e dhomh ; agus thubhairt mi ris, ged a 
bha mi neo-chomasach (air dhomh abhiairmo 
chòmhdachadh le brat cho tiugh agus cho neo- 
ghlan de dh' f heòil) na nithe a chùala mi a 
thuigsinn uile, no idir na chunnaic mi aithris, 
gidheadh, gum faca agus gu'n cùala mi ni bu 
leòir air son dearbhadh a thoirt dhomh gu 
siorruidh mu òirdhearcas agus cìnntichead na 
nithe nèamhaidh, a tha cho liutha's ant-saoghal 
shìos a' cuir an teagamh, agus cho tearc 8 
creidsinn. Ach na biodh miothlachd air mo 
Thigearna(ars mise ris an fhàidh,)ma dh'iarras 
mi freagradh ann am beagan nithe fathast. 

Eliah. Labhair ; agus ni niise mo dhìchioll 
air do làn thoileachadh. 

Ephenei* 'Se *cheud ni a b'àiU ìeam fhoiclh- 



54 AN SAOGHAL A TA Tli fEACHD : 

neachd(ars mise)cioDnasis urrainn a'mhuinntir 
bheannaichte a th' ann an so (nach eil ach nan 
creutaìrean crìochnaichte, ged a tlia iad mar 
so air an glòrachadh) beachd-inntinn cho iom- 
lànabhiacado'n Trionaid a tha do-rànnsaichte, 
agus neo-chriochnaichte, 'us gu 'n aithnich 
iad e " amhuil mar a tha sinn fèin air ar n' 
aithneachadh," mar dhearbh thu dhomh 
cheana, mar do thog mi mearachdach thu tre 
'm aineolas ? 

Eliah, 'Ann an labhairt mar sin riut, cha 
do dhearbh mi dhut ach na tha do rèir nan 
sgriobturan ; oir dh' innseadh le abstol nan 
cinneach, ann an laithibh fheòla dhaibh-san 
a bha san àm ag àiteachadh an domhain, 
" nach fhac iad ach gu dorch mar troimh 
ghlaine" — ach anns na h-ionadan dealrach so 
*' gu 'm faiceadh iad e aghaidh ri aghaidh ;" 
's an àm sin nach b' aithne dha fèin ach ann an 
cuid, ach an uair a thigheadh e do'n àite so, " gu 
'n aithnichadh e eadhon mar a bha aithne air a 
ghabhail air fèin." Ach, a mhic (ars am fàidh) 
cha n-eil na briathran so gu bhi air an tuigsiuii 
do rèir seadh lòm na litreach, oir 's co maih 
dh' faodadh a' ghrian, a tha toirt soluis do'n 
t-saoghal, a bhi air a còmhdachadh ìe srad de 
theinb 's a dh' faodadh an Dia a tha neo- 
chrìochnach do rànnsaichte, a bhi air a bhreith- 
nachadh leis an ìnntinn crìochnaichte a tha 
againne : ach fada os-ceann na seaìlaidhean is 
soiUeir' a tha so-dheannta dhuinne f haotainn de 



NO SEALLADH DEJ NEAMH. 55 

Dhia, gìdheadh tha lanachd fhoirfeachd, air 
nachruig èolas nan spiorad dealrach, glòrmhor, 
is ro-fhòghlumte tha ghnà a' feitheamh 'na 
rìgh-chathrach ; agus, uime sin, tha 'm facaì 
sin, *' mar a tha sinn air ar n' aithneachadh,*' 
a thug dhuts ceannfàth, a sheadh fheòraich 
dhiom-sa, gu bhi air a thuigsinn mar cho- 
sàmhlachd a mhain, tha solus dorch na coinnle 
a' soiìlseachadh cho cìnnteach ri solus dealrach 
na grèine ; ach cha ^n eil iad co-ionnan ann an 
greadhnachas. Agus, uime sin, se an tiomlari 
do ni's urrainn mis' a ràdh mu na phùing so, gu 
'm bei.1 eòlas againne 'san àite so cho iomlan 
air an Dia bheannaichte 'sas comasach de 
chreutairean cruthaichte fhaotainn, no iarr- 
aidh le'n cridhibh. 

Ephenet Thug mi an sin taing do 'n fàidh 
mhòr, agus thuirt mi ris gu'n tug a fhreagradh 
làn riarachadh dhomh ; agus gu 'm faca mi 
nach e a mhàin fàillinn a bhi na 'm thuigse, a 
thug orm an dragh a chuir air. 

Eliah. Tha thu fathast ann am mearachd 
mu thimchioll na staid^ anns am beil mis, ars 
am fàidh ; oir cha 'n eil trioblaid no a leithid 
idir an so ; cha 'n urrainn e a bhith : oir se 
a bhi craobh-sgaoileadh eòlas an Dè a tha siorr- 
uidhbeannaichte, agus a' nochdadh a bhuadhan 
oirdheirc dealrach bith-bhuan, agus a' foill- 
sachadh a ghlòire tha, agus a bhitheas a' toirt 
an toileachas-inntinn agus an tlachd is mò do n 



56 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

t-sluagh bheannaichte a tha 'n so ; tre linntean 
do-àireamh na siorruidheachd. 

EpheneL An sin, dh' innis mi do *n fhàidh 
naomh' le aoidh earbsach am ghnùis, gu'n 
robh ceist eile agam f hathast d' am bu mhath 
leam freagradh fhaighine uaithe. 

Eliah. Abair air t-adhaidh agus bheir mise 
freagradh dhut. 

Ephenet. Chunnaic mi am measg a mhor 
àireamh de dh' anmannan beannaicht' air an 
deach mi seachad, mar a bha m' f hear iùil ga'ni 
threòrachadh gu so, cuid a bha soillseachadh 
'nam bheachd-sa ni bu ro shoilleire no cuid eile ; 
agus a thaobh so 'se mo dhùrachd f hiosrachadh 
am beil no nach eile, eadar-dhealachadh ìnbhe 
am measg an t-sluaigh bheannaicht' a th' ann 
an glòir. 

Eliah. Se gràdh do Dhia, agus co-chomunn 
ris, is ceannfàth do 'n t-sonas agus do 'n 
ghlòir a tha 'n slùagh beannaicht' a tha 'n so 
a' mealtainn ; agus se a ghnùis àdhmorsan, 
mar a thuirt mi roimh, an tobar bhith-bhuan 
o 'm beil e sruthadh. Mar is mo a chì sinn, 
's ann is mo ar gràdh : agus tha gràdh a co- 
chumadh ar anmannan ri gnè beannaichte cus- 
bair a ghràidli: agus is anr. uaithe sin a tha ar 
glòir ag èirigh : agus feumaidh e bhith gu'n 
dean sin eadar-dhealachadh ìnbheachd an glòir 
Cha n-e gu 'm beil cion gràidh do Dhia 
ann an neach sam bith do 'n t' sluagh bheann- 
aichte an so, oir tha sin do-dheanta: oir cha n- 



NO SEALLADH DE NEAMH. 57 

eil aon anam am measgluchd-àiteachaidh beann- 
aichte an ionad dhealraich so, nach eiì a' cliiìth- 
achadh agus a' gràdhachadh an Dia a ta siorr- 
uidh beannaichte le 'n uile chumhachd agus 
le uile bhuadhan anma. Ach gidheadh, do 
bhrigh 's gu 'm beil eadar-dhealachadh cumh- 
achd agus bhuadhan ann feumaidh an gràdh, 
agus an glòir a bl^* mar sin mar an ceudna. 'S 
cha mhò a tha gearan na diomb air neach sam 
bith, air son glòir aoin eile a bhi ni 's mò na 
'ghlòir fèin : ach 's ann a tha Dia air àrdachadh 
ni 's ro mhò leo mar thobar shiorruidh an uile 
shonais. 'S cha mhò a tha àite annta air son 
smuaineachadh air dhòigh eile: oir cò is urrainn 
gearan a' dheanamh, 'nuair a bhitheas uile 
chomasan gach anambeannaichte choath-lionta 
de sruthaibh deàlrach na Diadhachd, us 
nach urrainn e tuilleadh a chumail. Tha 'n Dia a 
ta siorruidh beannaichte na chuan gun chrìoch 
de shohis agus de bheatha, agus tha aoibhneas 
agus sonas daonnan a' lionadh gach soitheich 
a th' air a churann, gus nachgabhiad tuilleadh; 
agus ged a tha na soitheichean de dh' iomadh 
seòrsa, am feadh a tha gach aon dhiìi làn cha 
n-urrainn iad a' bhi gearan. Thuilleadh air sin 
tha gach anam beannaicht' a tha 'n so air an 
tabhairt, cha 'n-ann a mhàin gu bhi a co-aont- 
achadh, ach eadhon a chum bhi 'gabhail a 
leithid de thoil-inntinn agus de thlachd ann an 
deagh-ghean Dè, 's gu 'm beil an sòlas gu 
h-iomlan a co-sheasamh ann-san. Mar so. 



58 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

ged a tha na reuììtan a th' anns na speuran fa 
leth glòrmhor, gidheadh, do bhrìgh 's gu 'm 
beil iad eadar-dhealaicht ann am meudachd, 
" tha aon reull a toirt barr air aon eile 
'an glòir ;" agus uime sin, mar tha na sgriob- 
turan ag innseadh, is amhuil a bhitheas ann 
an staid na h-aiseirigh. Se mo fhreagradh 
uime sin, do 'd cheist, gur iadsan aig am beil 
na cumhachdan inntinn is farsuinn 's mò a tha 
gràdhachadh Dhè, agus le sin tha iad air an co- 
jhumadh ni 's mò r' a choltas glòrmhor fèin 
agus 'se sin inbhe no staid is glòrmhoire ni a 
ta so-dheanta do nèimh a bhuileachadh — 
Agus na cuireadh so ioghnadh ort ; oir, eadh- 
on am measg luchd-frithealaidh deàlrach Dhè, 
na h-ainglean bheannaichte, tha caochla ìnbhe 
'nan dreuchdan, agus eadear-dhealachadhìiibhe 
an glòir. Agus theagamh gur cuid dhiu-san 
air na ghabh thusa bheachd air dhut a bhi 
tighinn an so. 

Am fea,dh a bha mi mar so a' còmhradh ris 
an fhaidh naomha, agus le mòr thlachd ag 
èisdeachd freagradh nan ceistean diomhair a 
ghuidh mi air f huasgladh dhomh, chunnaic mi 
cruth dealrach a' tighinn d' am ionnsaidh, ag 
radh, " O! Ephenetuis^ am beil thus' an so?" 

Air dhomh a bhi fo iongantas a' cluinntinn 
luaidh air m' ainm mar so, thionndaidh mi gu 
grad, agus bhreathnaich mi air ball e lunius 
uasal, mo charaid a dh' eug o cheann ghoirid 
a labhair rium mar so. 



NO SEALLADH DE NEAMH. 5^ 

lunius^ Ephenetuis mo gbràidh, is èibhìnn 
leam t' fhaicinn anns na h-ionadan beann- 
aichte so; ach tha iongantas orm t* fhaicinn 
ànn gun a bhi dealaichte bho do chorp bàs- 
mhor: — innis dhomh, a charaid, cionnas a 
thainig tu 'n so, agus raar an ceudna cia mar 
a fhuair thusa an comas so; oir 's e gu 'm beil 
e cho mi-ghnàthaichte is aobhar gu'm beil mi 
cho dèigheil air f hiosrachadh. 

Epkenet, Bha mi cho èibhinn air son 
fear do'm shean luchd-eòlais f haicinn, agus 
fear a bha cho caoimhneil rium anns an t- 
saoghal shìos, 's gu 'n rùnaich mi a' ghlacadh na 
'm uchd ; ach dhiùlt e so, ag ràdh rium gu 
ciùin, gu 'n do leag e sios a chorp o cheanu 
amuill, agus gu 'n dh' fhàg se e air an talamh 
aig fois (ann an dòchas) gus an tigeadh an ais- 
eirigh ; agus ged a bha e fathast gun amharas 
tàrbhach, gidheadh gu 'm bu tàirbh e, a bha 
neo-mhothaicht le aon dhiùsan a tha bàsmhor. 

Ach cionnas a thainig thu 'n so, (ars esan, a 
rithisd ni bu ro dhèinne) a' d' chorp bàsmhor 
neo-atharraichte ? 

Ephenet. Dh' aithris mi 'n sin dha n'a 
thubhairt mi ri Eliah, agus dh' innis mi an t- 
iomlan dha de na chuir mi sìos mar roimh- 
radh do 'n aisling so, mu thimchioll an dòigh 
air an robh mi araon air mo bhuaireadh agus 
air mo shaoradh. 

lunius. Ma tha, Ephenetuis, ars lunius òir- 
dheirc, tha mi faicinn mar sin, gu'n robh feum ni 



60 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

bii leòir air son a leìthid de theagasg a chiiir a**' 
chois 's an t-saoghal bhochd a tha shìos 's a dh' 
òrduich mis' an deigh mo bhàis gu dearbhadti 
a thoirt air bith Dhè an aghaidh an t' seòrsa 
dhaoine sin is measa gu niòr na iadsan a th' 
ann an ifrinn, oir tha iadsan a' creidsinn bith 
Dhè, agus a criothnachadh roimh 'cheartas. 
Ach gu 'n cuireadh tusa, a charaid, ars esan, 
a rinn aideachadh o cheann fhada d' a fhìrinn, 
agus a mhothaich a mhathas ann an tomhas 
cho mòr, a bhith an teagamh, gu cinnteach is 
ni neo-àbhaisteach e, agus ni gur gann a 
chreidinn e, tha sin a' toirt aobhar as ùr dhomh 
gu 'bhi 'cliùthachadh an Dè ta siorruidh 
beannaichte, a shaor mi nise tre lànachd a 
mhaitheas, o gach ceap-tuislidh a bha nàmhaid 
cuilbheartach anmannan a' cuir romham ; agus 
a ghlèidh mi mar so sàbhailt tearuinnt* air son 
a rìoghachd nèamhidh fèin : gu ma beannaichte 
gu sìorruidh gu 'n robh ainm naomha-san ! 

Air do Eliah beannaichte na thuirt mo char- 
aid lunius rium a chluinntinn, thuirt e rium gu 
'm fàgadh esan mi nise maille ri mo charaid ; agus 
mu'n do mhothaich mi dh' fhalbh e mar le 
sgiathibh. Agus air dhasan ar fagail labhair 
mi mar so ri mo charaid òirdheirc: — 

Ephenet. lunius mo ghràidh (arsa mise) cha 
do chuir mi riamh an teagamh nach robh thu 
air aon de luchd-àitichidh beannaichf' an ionaid 
so; oir dh'fheumadh e bhi gu'm faigheadh 
aon a bha cho cliùiteach riut-sa air son t* eud 
lasarach, soilleir, duais da rèir. 



NO SEALLADH DE NEAMH. 61 

Iiinius. 0,Ephenetuis! (ars esan) na'm biodh 
tusa air do rùsgadh de do bhàsmhorachd aon 
uair, smuaintioheadh tu air mhodh eile •. ehith- 
eadh tu an sin cho fada 's a tha iadsan gearr 
air an duais is lugha thoilltinn, a rinn 
na b' urrainn ia nns an t-saoghal shìos ; agus 
chitheadh tu mar an ceudna gur gràs a mhàin 
a tha saor agus, a' toirt an anma chura glòir 
neo-thoillteaunach, oir cha do cheannaicheadh 
na flaitheas le luach sam bith eile ach le 
fuil luachmhor an Fhir-shaoridh; aig anrobha 
ghràdh 'na bhàs, agus a thròcair ann an saor- 
adh, cho do-labhairt agus cho ro rahòr 's gur 
gann a bhitheas bith-bhuantachd fada ni's leòir 
gu chur an cèill. 

Edhenet. Ma tha (ars mis') luniuis aithrigh. 
lunius, Na gairm mis' (ars esan,) airigh 
oir cha n-eil a h-aon aithrigh an so, ach Esan 
a tha 'na shuidh air an rìgh-chaithir, agus Uan 
Beannaichte Dhè, agus 's e gach uile ghlòir 
a chur as a leth-san, cuid mhòr de ar sonas 
an so ; oir tha àireamh raòr de dheich mìl- 
tean de naoimh agus de dh' ainglean timchioU 
na righ-chathrach, a ghiià a glaodhaich le 
guth aird, agus ro bhinn, '• Is aithrigh an 
t-Uan a chaidh a mharbhadh, air cumhaclui, 
agus saibhreas, agus gliocas, agus neart, agus 
urram, agus glòir, agus moladh fhaotainn." 
Cha n-eil, cha n-eil (ars esan) Ephenetuis, 
ni sam bith air a chuir à leth nan creutairean 
an so: oir tha iadsan a tha 'g iomchar nan crùn 
G 



62 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

is dealraich ga'n tilgeadh sìos an làthair na rìgh- 
chathrach, ag radh, " Is aithrigh thusa, a 
Thighearn, air glòir, agus urram, agus cumh- 
achd fhaotainn." 

Ephenet. luniuis mo ghràidh (arsa mise) cuir 
suas leam, rè tiota, do bhrigh 's gu 'm beil mi 
fathast air mo luchdachadh le bàsmhorachd : 
O nach ann a bhithinn air mo sgaradh uaithe, 
chum 's gu 'n amhaircinn maille riutsa air an 
Trionaid mhòir I agus gu amharc mar sin, 
chum a bhi air mo chruth-atharrachadh coltach 
ris-san, an ni is e (mar chuala mi Eliah 
beannaichte ag innseadh) iomlanachd gach 
sonais. 

lunius., Ephenetuis mo ghràidh(ars Iunius,Ie 
gnùis a bha araon taitneach agus caomhail) 'se 
an taisbean àdhmhor gun teagamh iomlanachd 
ar sonais uile an so, 's a tha mar an ceudna a' 
lionadh ar n- anmannan le gràdh agus caoimhneas 
a tha do-labhairt, agus nach eil aithnichte ach 
dhaibhsan a mhàin a tha'ga mhothachadh. Ach 
innseam dhut, Ephenetius, nach urrainn na 
comasan is neartmhoir' agus is ro f harsuinn' a tha 
aca-san aig am beil na beachdan inntinn is ro 
shoilleire an so, ach tomhas ro bheag a ghiùlan 
dhe na baoisgeanan ro bhoisgeil a tha sruthadh 
o ghlòrmhorachd na diadhachd, tha iad cho 
10 ard urramach ; oir cha n-eil cosamhlachd 
sam bith eadar na bitheannan cruthaichte isurr- 
amaich agus glòir do-labhairt a Chruthadair 
mhòir. 



NO SEALLADH DE NEAMH. 63 

Ephenet. O luniuis uasail, (ars mise) tha mi 
cheana toirt creideas iomlan do na labhair thu; 
ach gidheadh air leam gu *m bu mhath leam 
uirread 's as comasach dhomh fhiosrachadh 
de na nithe sin nach urrainn mi ni's leòir 
fhiosrachadh am feasd. Agus do bhrìgh 's 
gu*m beil fhios agam nach eil ni sam bith is 
taitniche leatsa no bhi daonnan, a' nochdadh 
glòir Ughdair mòr ar sonais, na diùlt luniuis 
chaoimhneii, do d' charaid an toileachas-inn- 
tinn cluinntinn o d' bhilibh-sa, mu oibribh 
cumhachdach, iongantachaghràidhdhiadhaidb 
a chum 's gu 'n cuidich mi thu gu bhi seinn a 
chliù ; agus foillsich dhomh mar an ceudna, 
diomhaireachdan a fhreasdail, nithe tha do 
luchd-àiteachidh an t-saoghail shìos na'n 
ceisdean dorcha, ach a tha nis' air am breith- 
nachadh gu soilleir leatsa, do bhrigh gu 'm 
beil do thuigs air a soiUseachadh. 

lunius. 'Se cliùna Mòrachddhiadhaidh'Eph- 
enetuis mo ghràidh,abhitheas na stèigh chumh- 
achdach do 'r n-òrain tre uile linn nasiorruidh- 
eachd, s' am beil naoimh agus ainglean a co- 
sheirm le chèile, ann an togail fonn nan òran 
as aird sèis. Agus, uime sin, bheir mise 
freagradh dhut gu suilbhir anns an ni sin a 
dh' fheòraich thu dhiom ; chum 's gu 'm faic 
tiiu, anns na rinn e, gur aithrigh esan a mhàin 
air do ghràdh, agus air gach moladh a bheir 
sinn dha. Oir cha n-eil an gràdh is laiste tha 
na naoimh bheannaichte agus na h-ainglean 



64 AN SAOGHAL A TA RI TEACKB', 

glòrmhor uile a tabhaìrt dha, ach na bbois- 
geannan de 'n ghaol leis am beil e fèin ga 'r 
gràdhachadh; oir tha esan a' laidhe ann an iichd 
a ghràidhj ag innseadh dhuinn, " Tha gràdh 
againn dhà-san, do bhrìgh gu 'n do ghràdhaich 
esan sinne air tùs." Uime sin^ m' Ephe- 
netuis ionmhuinn, do bhrìgh 's gur e gràdhDhè 
dhuinne is stèigh d* ar gràdh dhàs-an, leig 
dhomh air tùs beachd air a' ghràdh dhuinn 
a nochdadh dhut, agus na buannachdan a tha 
'g èirigh dhuinn uaithe sin, a tha cho ro-Iìon- 
mhòr 's gu 'm beil iad do-àireamh, tha 'n àir- 
eamh cho anabarrach is nach measar iad le 
cunntas sara bith. Ach, a chum 's gu 'n nochd 
mi dhut e mar bha thu 'g iarraidh, ann a 
fhior sholus, feuchaidh mi dhut air tùs cho 
fada 's a tha sinn an comain a ghràdh agus a 
mhaitheas-san, air son gach caoimhneas agus 
deagh'ghean a dheònaich e dhuinn anns an 
t-saoghal gu saor agus gu neo-aithrigh. Agus, 
uime sin, gu toiseachadh — 

Juìis a cheud àite* Bha sinn an comain 
fhiì^ighantais anns an t-saoghal shios air son 
gach ni math a shealbhaich sinn ; oir 's ann 'na 
chomain-sa bha sinn gu h-iomlan air son gach 
ni a bha sinn, agus a tha sinn gu shealbhach- 
adh — ''oir 's e rinn sinn 's cha sinn fèin ;" agus 
bha sinn 'na làmhan sa coltach ris a' chriadh 
ann an làmhan a' chriadhadair, air chor is gu'm 
faodadh e creutairean sam bith eile a dhean- 



NO SEALLADH DE NEAMH. 65 

amh dhinn : ni-eadh, ach ni's mò, bha an 
ni dhe an d' rinneadh sinn cho beag is na 'm 
b'e a thoil fèin e, gur math a dh* f haodadh e 
ar fàgail ann an staid na ceud neoni anns an 
d' fhuair sinn ar bith an tùs. Feumaidh e bhi, 
mar sin, gur e ghràdhsan toiseach agus ceud- 
thùs tobar nam beannachd ; cha n-eil gach 
uile bheannachd eile ach mar shruth-f headanan, 
troimh am beil a ghràdh a ruith thugainn ; 
agus esan nach eil a breathnachadh sin uile 
tha e gun lèirsinn. Theagamh gu 'm faigh 
duine cliù le 'ghliocas, agus le' shaothair- 
eachadh gu dìcheallach, a' càrnadh suas ionmh- 
asan ; ach nach ann o Dhia a f huair e an glioc- 
as sin, agus nach tug e dha comas gu saoth- 
aireachadh, agus soirbheachadh mar an 
ceudna, ged a rinn e-san uaill à' chinneas fèin ? 
Tha Dia a' toirt dhuinne na h-uile ni a tha 
sinn a' sealbhachadh, ceart cho cinnteach 'sa 
bheireadh duine uasal saibhir gach ni aimsir- 
eal a bhiodh a dh'uireasaidh air dèirceach bochd 
dha,'nuair a bheireadh e dhaniìle pund-Sasunn- 
ach, oir le sin dh' f haodadh e aodach, a's lòn, 
agus gach ni eile abha dhìth air a cheannach. 

Anns an dara h'àile. Ach a bharr air uile 
thiodhlaicean luachmhor a tha e toirt dhuinn 
dhe a thoirbheartas, bha iomadh ni o 'n robh 
sinn air ar saoradh 's an t-saoglial shìos, a 
tha deanamh maitheas Dhè ni's ro hiach- 
mhoire dhuinn; nithe theagamh nach robh cho so- 



66 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD ! 

f haicsinneach 's an t-saoghal sin, gidheadh nach 
robh air am meas ni bu lagha luach leosan a 
bhreithnich iad gu ceart, agus nithe nach measar 
ani fior luach ach leo-san a mhàin a tha da'n 
easbhuidh. Ged nach deannain-sa, Ephenetuis 
mo ghràidh, ach do smuaintean a ghiùlan 
gu long-iomraidh nan tràillean agus na braigh* 
dean truagha tha ceanghailt le slàbhruidhean 
nan ràimh, agus buailteach do na h-uile doil- 
gheas agus cruaidh-chas o'n chuan doinnionnach, 
agus gidheadh, a thaobh an laimhsichidh an- 
iochdmhoir a tha iad a faotainn air tìr, 's lugha 
an eagail o'n chuan na o chala sam bith eile, ach 
am bàs: no na'n togainn cùirtinean leapaichean 
na muinntir thìnn, agus iad-san a th' air an leap- 
aichibh bàis, agus gu 'm feuchainn dhut an 
sealladh, gruamach,muladach,sin,'s am beil cho 
liugha sa tha fann agus air seargadh as le pian 
an easlaintibh, 's a tha cho cràiteach ri 'n giùl- 
an, 's gur e am bàs bu roghnaiche leo na beatha: 
no na tugainn thu a steach do na taighean 
eiridinn, agus gu 'm feuchainn dhut gach 
seòrsa riochd' agus cumaidh anns am beil 
truaighean an duine r* a f haicinn an sin^ nach 
smuaintichadh tu, Ephenetuis chaoimh, gu'm 
bu tròcairean a bhi saor o'n leithidibh sud? 
Agus nach tigeadh dhuinne mòr mheas a 
chuir air sàr-mhathas an Dè sin a rinn 
sinn eadar-dhealaichte uapa-san mar so, 's a 
shaor sinn o gach seòrsa thruaighean do 'm 
beil feòil bhàsmhor buailteach ? Cha 'n 



NO SEALLADH DE NEAMH. 67 

e nach eil a ghliocas a' faicinn i omchaidh air 
uairean a chloinn ionmh linn fèin fhiosrach- 
adh agus a smachdachadh le tinneasan fada 
agus le pìantan geura, agus cruaidh-chas- 
ean duilich eile o 'n leth a muigh : ach tha so, 
Ephenetuis, mo chridhe na dhearbheachd ni's 
mò air a ghaol, chum an coimhid o ghalaraibh 
gabhaltach am peacannan a tha mòran ni's 
miosa na iad sud, agus chum an leighis o na 
droch cleachdanan a bha aca roimhe. Nach 
f hac thu, Ephenetuis (anns an t-saoghal shìos), 
màthair caomh a cuir cungaidh leighis loisg- 
each gheur ri muineal a leinibh, ionmhuinn, 
'nuair a bha eagal oirre gum falbadh e le grad- 
thinneas ? Agus nach do thuig thu uaithe sin, 
gu 'm beil dragh agus goirteas an iocshlaint 
leighis air a mheas ni's lugha cunnart nan 
tinneas tuiteamach ? Mar sin, 'nuair a chì sinn 
an Dia a ta siorruidh beannaichte, ar n-Athair 
nèamhaidh, a cur anmhuinneachdan agus càmp- 
aran an car na muinntir sin a ghràdhaich e, 
chum ansaoradh ouachdaranachd a'pheacaidh ; 
do bhrìgh 's gu 'm beil e 'na leigh ro ghlic 
agus ro chaoimhneil, air son leigheas le ioc- 
shlaint a bhiodh ni's mios a na'n galar. 

Faodaidh tu a chùimhnachadh, Ephenetuis, 
gu 'm beil Dia le Maois a' toirt rabhadh faic- 
ill do na h-Israeliticli, air eagal gu'n tugadh 
soirbheas (a tha cho ullamh gu daoine a chur an 
di-chùimhne air gach ni eile ach an toilinn- 
tinnean fèin)orr' aradh'nan cridhe, "Fliuar mo 



68 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

chuiiihachd, agus neart mo làimhe, an saibhreas 
so dhomh ;" ach 's ann a tha e a' toirt àithne 
dhaibh ceartan aghaidh sin, agradh, '' Cùimh- 
naichidh tu 'n Tighearna do Dhia, oir is esan a 
bheir comas dhut beartas fhaighinn." Agus bha 
feum ni bu leòir air a leithid so do rabhaidh, 
oir bha sinn ro ullamb gu di-chumhnachadh gur 
e " Dia a thug 'dhuinn ar sìol ar f ìon, agus ar 
ii-ola ;" ach, — 

Anns an treas àite. Tha 'n Dia matbasach 
gu mòr a moladh dhuinn buanachadh 'na 
ghràdh, thug e dhuinn 's an t-saoghal shios, 
earlais air nithe matha spioradail, agus air gach 
aoibhneas ris an robh ar dùl, agus rinn e eadh- 
on an t-earlas mòr n'as leòir chum a bhi beatb- 
achadh air tre chreideamh le muinghinn ; nithe 
a bba da rìreadh de luach ni bu mhò, agus fada 
os-ceann na h-uile toilinntinnean diombuan a 
bh' air iarraidh oirnne a thrèigsinn, chum ar còir 
do tboilinntinnean siorruidh a chumail. 

Ach ged a bba na beannacbdan a bhuilich an 
Dia uile beannaicht' oirnne 'm feadh a bba 
sinn annsant-saogbaì cho mòr agus cbo Hon- 
mhor 's gur math a thigeadb dhuinn an gbabbail 
mar stèigb iomcbaidh air son a bhi 'ga chliìitb- 
acbadh anns na flaitheas ; gidbeadb tha 
a gbràdb-san ni's buaine no ni sam bitb a 
tha 's an t-saoghal shìos : cha n.eil e bàsach- 
adh maille ri ar cuirp : na coltacb ri gnà 
cleacbdacb ar càirdean anns an t-saoghal sin, 



NO SEALLADH DE NKAMH. 69 

a thèid leinn gu bruach na h-uaighe, agus a 
dh'f hàgas sinn an sin ; cha n-eil Ephenetuis, 's 
ann a tha gràdh Dhè a' soillseachadh ni 's ro 
shoilleire, 'nuair a tha ar sùilean dorch air au 
dùnadh ; agus sann a tha e dlu-leanmhuinn 
ni's dlùithe ris an anam 'nuair a tha e air a 
thrèigsinn leis a' chorp ; agus a toirt deagh 
aobhar do gach anam beannaicht' a tha teachd 
an so, gu ràdh mu thimchioll, mar thuirt 
Naomi o chian ri Boas, " nach do leig e dheth 
a chaoimhneas do 'n t-sluagh bheò agus do na 
mairbh." Agus uime sin, *' a nise gu cinnteach 
(mar thubhairt an tì a b' ionmhuinn le ar 
Slànaighear mòr) is smne mic Dhè, agus cha 
n-eil e soilleir fathast ciod a bhitheas sinn : 
ach a ta f hios againn 'nuair a dh' f hoiilsichear 
esan, gu 'm bi sinn coltach ris." Agus 's e sin 
an t-aobhar mu'm .beil mis' an dràsta 'toirt ciiù 
dha. 

'Se gràdh Dhè, an Dia a ta siorruidh beann- 
aichte, Ephenetuis, a tha mar so ga 'r gabhail 
a steach do na flaitheas : tha na nèamhan 'nan 
ionadan dealrach anns am beil uirread de 
shonas, 's gur gann a tha sinn a meas a measg ar 
sòlasan gur e na nèamhan an t-ionad 'sa m beil 
sinn 'ga 'm mealtainn. Agus tha oirdhear- 
cas nan nithe a tha sinn a sealbhachadh an so, 
cho fada os-ceann na bha sinne an dùl 'sa bhios 
nithe talmhaidh meallta dhaibh-san a tha 'ga 'n 
sealbhachadh, 'nuair a bhitheas iad air an dean- 
amh falamh dhiu. Oir chual thii cheana an 



70 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

t- Abstol ag inriseadh dhuinne, ** Nach f haca siàil, 
's nach cuala cluas, 's nach tainig e riamh an 
cridhe dhuine, na nithe a dh' ullaich Dia 
dhaibh-san a tha ga ghràdhachadh." Agus a nis' 
Ephenetuis, tha ar fèin-fhiosrachadh ag inns- 
eadh dhuinn gur ann mar so a tha : cha n-e gu 
'm beil na sòlasan fior-ghlan a tha sinn a'sealbh- 
achadh, a' striochdadh d' ar comasan breith- 
nachaidh, ach tha iad glòrmhor ni 's leòir chum 
ar beachd- smuaintean a thogail suas. Oir ge b'e 
sam bith ni a dhealbh ar mac-meanmain 'san 
t' saoghal shìos, mar na beachdan-inntinn a b' 
i omlaine, agus nabarailean bu shoilleire de shonas 
coimhiionta, tba ar mothachadh fèin a nis' air ar 
sonas ni's mò no bha sinn an dùl a' dearbhadh 
(Ihuinn gu soilleir, gu 'n tainig sinn fada gearr, 
air na tha sinn a nis' a' fiosrachadh. Tha na 
tìaitheas na fhonn cho torrach air son sonas 
a mhàin, 's gu 'm beil eadhon ar mearbhuill 
agus ar mearachdan, am feadh bha sinn 's an 
t-saoghal shìos a co-oibreachadh le chèile an so 
chum ar sonais, agus tha e 'na ionnd anns am 
beil uirread de ghnè mòrachd an Tì do 'm buin 
an tiodlilaic so, is nach eil eadhon na sgriob* 
turan fèin a' toirt dhuinn ach cunntas ro ghearr 
mu thimcinoll; agus cha n-e mhàin gu'm beil 
e togail ar smuaintean de cusbairean^saoghalt, 
ach tha e mar an ceudna ag ardachadh ar 
sniuaintean os-ceann ni sam bith a b' urrainn ar 
mac meanmainn a' dheaibh 'san t-saoghal. 
Agus cha ghabh thu longantas, Ephenetuis, 



NO bEALLADH 1>£ NEAMH. 'JÌ 

gu'm beil a' chùis mar sin, ma bheir thu fainear, 
nach e a mhàin gu'm beil ar comasan tuigse aìr 
an sàsachadh le cusbairean freagarrach taitneach, 
ach gu'm beil iad mar an ceudna air an ardach- 
adhagus air an cuir am farsuinneachd, air choir 
*s gu'm beil ar cumhachdaninntinn araon afàs 
mòr agus air an lionadh* Tha fhios agad, anns 
t-saoghal shìos, an naoidhean sin a tha fathast 
druite anns a' bhroinn, nach urrainn beachd- 
inntinn a bhi aige an sin air an taitneas, a bhith- 
eas aige o'na caithreaman binn' agus o na cusbair- 
ean soillseach a bhios air an nochdadh dha 'n 
deigh a bhreith. Agus an naoidhean ceudna, 
am feadh a tha e an aois a leanbachd, ged a 
dh' fhaodas e amharc le tlachd air dealbhan a 
tha gu snasmhor ai/ an tarrainn, agus air an 
dath, gidheadh cha'n urrainn e smuaineachadh 
air an toileachas a bheir na cusbairean ceudna 
dha 'nuair a bhios a bheachd-inntinia air 
deanamh tuigseach le aois agus fòghlum, agus 
an uair a bhios e air a dheanamh comasach gus 
na modhannan urramach a th'air an ciallachadh 
leis na dealbhan ud a thuigsinn. Tha leith- 
id so do shochairibh dà-fhillte aca, Ephe- 
netuis, maille ris gach beannachd eile a th* air 
an deònachadh dhaibh-san a th' air an leigeadh 
astaighdo nah-ionadannaomhaso. Oir athuill- 
eadhairant-seòrsachusbaireanso(madh'fhaod- 
as mi chainnt a chleachdadh) atha cho nuadh 
agus chodualachdo'nionad so 's nach b'urraìnn 
na beachdan ud a theachd ^u bràth fo'n 



72 AN SAOGKAL A TA RI TEACHD^ 

aire mar bitheadh iad air an ceadachadh an so : 
a bharr air so, tha ar cumhachdan inntinn a tha 
nis' air am meudachadh ga 'r deanamh comas- 
ach, eadhon gu cusbairean aitheneachadh bha 
buileach neo-aithnichte dhuinn roimhe, agus a 
chum na nithe sin a bhreithneachadh a bha 
roimhe do-bhreithnaichte leinn, o 'm beil ni's 
mò gu mòr de thoil-inntinn agus de thait- 
neas ag èirigh dhuinn, no bh' againn rìamh 
roimhe. 

Na biodh iongantas ort, Ephenetuis, air son 
gu'm beil mise cleachdadh cainnt* nach b' àbh- 
aist dut a chluinntinn^ ann an toirt mion- 
chunntas dhut mu na nithe glòrmhor-so, do 
bhrìgh 's gu 'm beil mo chusbair dealrach 
ni's fhaide gu mòr os-ceann ar molaidh-ne, na 
tha ^n t-ionad beannaichte so os-ceann na tal- 
mhuinn. Oir ged a dh' f haodas tu mo bhriath- 
ran a mheas atmhor le ro dhealas, gidheadh 
is math a dh' fhaodar nithe a mheasar thar 
chòir, a chleachdadh ann an toirt mion-chunn- 
tas air na beannachdan sin, nach eil a' deanamh 
nan nithe sin a mheasar thar chòir, ach a mhàin 
mar gu 'm biodh iad mar sin ; oir tha aoibh- 
neasa nam flaimheas a' taisbeanadh (mar tha 
na reuUtan anns an t-saoghal shìos, do bhrìgh 
's gu 'm beil iad cho fad as) gìe bheag, ged a 
tha iad gu 'n amharas cho romhòr 's gu 'm 
beil an aon is lugha dhiù ni 's mò gu mòr na 
cusbair sam bith a th' air an talamh ; ni-headh, 
ach ni's mò na'n cruinne-cè gu lèir. Agus, 



NO SEALLADH DE NEAMH. 'JS 

uime sin, Ephenetuis, tha mi feuchamn (le bhi 
toirt fainear gu 'm beil thusa fathast air do 
chòmhdachadh le bàsmhorachd,) air cunntas 
a thoirt dhut mu nithe nèamhaidh, le iìr-iom- 
radh os-ceann do bheachd-sa, chum beachdan 
ni's urramaiche na iad sin a th' agad a nise 
thoirt dhut. 

Oir an so, Ephenetuis, tha 'n sluagh beann- 
aichte a* mealtainn sonais ni 's leòr chum nam 
bairealan mearachdach a dhealbh sinn dhuinn 
fèin 'san t-saoghal-shìos a chur ceart. Tha 
sinn air ar teagasg an so, gus na beannachdan 
a tha sinn a' sealbhachadh ainmeachadh, agus 
gu 'n luach mar an ceudna a mheas, beannach- 
dan a th' air an deanamh suas le co-thional gach 
iomlanachd, agus le bith-bhuantachd de gach 
fior shonas a' làn mhealtainn ar n-uile iarrtas. 
Cha n-e mhàin gu 'm beil sinn a' faicinn nan 
naomh beannaichte ann an so, a bha sinn le 
mòr mheas ag amharc air an talamh, ach tha 
sinn air ar deanamh coltach riubha. Se spior- 
adan nam fìrean sin mu'm beil na sgriob- 
turan naomha 'g innseadh dhuinn a tha aìr 
an deanamh foirfe is còmpanaich chaoimhneil, 
bhunailteach dhuinn an so, an co-chomiuin 
beannaichte, tha, cha n-e mhàin a' ghabhail 
rinn gu suilbhir, ach a tha raar an ceudna air 
a meudachadh leinn. Ann an so, tha sinn ag 
amharc nan spiorad glòrmhor, d' an gnò a 
bhi air an còmhdachadh le soilleireachd ro 



74 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD. 

dhealaracb, ìs ged a cbuir siad iad-fèin ann an 
rioehd cho dìblidh dhuinne air an talamh, 
gidheadh gur gann a chùmte sinn o chusbair- 
ean aoraidh a' dheanamh dhiù an so. 

Ach os-ceann na h-uile ni eile, Ephenetuìs, 
mo ghràidh tha sinn a' faicinn an so sealladh, 
agus is math a b' fhiach dhuinn bàsachadh air 
a shon. Uan beannaichte Dhè a mharbhadh 
o bhunait an domhainn, ann an comhairl na 
diadhachd, an Slànaighear glòrmhor sin, mu 
'm beil na sgriobturan a' toirt dhuinn cunntas 
cho urramach agus cho taìtneach ; a rinn agus 
a dh' f huilig air ar son-ne nithe cho ro thoill- 
teannach, araon le fhoirfeachd neo-chrioch- 
naichte, agus le 'thiodhlaicean do-mhiosraichte. 
Tha, Ephenetuis, tha sinn 'an so a' faicinn am 
pearsa diadhaidh naomha sinn, a strìochd e 
fèin, chuma phailliuin a thogail a measg chlanna 
nan daoine, agus còmhnaidh a ghabhail maille 
riu air an talamh, chum an deanamh freag- 
arrach tre nhoillteanneas, agus le eiseamplair, 
gu còmhnaidh a ghabhail maille ris-san anns 
na nèamhan an tì sin rinn a mhòrachd 
uabhasach a mheasgadh air modh cho 
urramach r'a mhacantachd iriosail, agus a 
ghabh anmhuinneachd nàduir na daonnachd, 
maille r' a chumhachd diadhaidh, 'sa nochd 
a leithid de dh' eiseamplair iomlan de dheagh 
bheus rè àm a bheatha uile, le urad de mhac- 
antachd agusde chaomhalachddhaibh-san a bha 



NO SEALLADH DE NEAMH. 'jÒ 

leanmhainn eiseamplair (ged a thaining iad cho 
fada gearr air) 's gu'n robh eadhon na h- 
ludhaich fèin ag radh mu thimchioll, " gu 'n 
d' rinn e na h-uile ni gu ro mhath ;" ni-eadh, 
ach ni 's mò, oir dh' aidich a dhearg nàimh- 
dean, a bh' air an cur a mach gu ghlacadh mar 
f hear droch-bheirt, dhaibh-san a cuir uap' iad, 
" nach do labhair duine riamh coltach ris." 
Ach an sin, Ephenetuis, bha Mac beannaicht* 
Dhè, ann an riochd sèirbheisich, a chuir e 
uime, chum 's gu fuìigeadh e air ar son-ne, agus 
gu'n cleachdadh e 'dhreuchd sagairt agus 
fàidh anns an t-saoghal: ach ann an so tha 
sinn 'ga amharc anns an inbhe rìoghail sin, a 
bhuineas d' a dhreuchd mar rìgh, air son ani 
beil e gu h-urramach agus gu dligheach air a 
ghairm, ** Rìgh nan rìgh, agus Tighearn nan 
tighearn,"^ — tha na h-uile cumhachd agus ìigh- 
darras air a thoirt dha, araon anns na flaith- 
eas agus air talamh agus tha e air a chòmh- 
dachadh le mòrachd cho dealrach agus le 
greadhnachas cho lainnireach 's gur math a dh' 
f haodas sinn a mheas, mar a thubhairt fàidh 
mòr soisgeulach o chian " an t- iongantach." 
Oir an so tha ar n-anmanan a th' air an tarrainn 
'na dheigh, le beachd-smuaineachadh dùrachd- 
ach air a ghlòrmhorachd-san, daonnan a 
faighinnni's mò dedh'aobhar agus de dh' iarrtas 
gu bhi air ar deanamh ni 's coltaiche ri cèile 
Sholaimh anns an òran phòsaidh dhiomhair, an 
tì air dha a bhi sèinn mu mhaise gach cliù 



7() AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

òirdheircabhacomh-oibreachadhle chèile anna 
bhi deanamh an Fhir-nuaidh-phòsda ghlòrmhoir 
coimhlionf, a bhruchdamach leis a cho-dhun- 
adh ghearr so, " Tha e gu lèir ionmhuinn !" 
Tha a shùilean lainnireach ann a ìnbhe ghlòr- 
mhor ardaichte air a rìgh-chathair, r'an amharc 
(mar a dh'aithris an deisciobuil ionmhuinn o 
chian), coltach ri lasraichean teine, bho 'm beil 
boisgeanan a' lasadh ann am broilleichean an 
luchd-amhairc, cho dealrach, cho naomha, agus 
cho bèo. ris na seraphim fèin. Agus gu cinnt- 
each, Ephenetuis, o 'n tha na sgriobturan 
naorah' ag innseadh dhuinn, mar a thubhairt 
mi cheana, " Nach tainig e an cridhe duine 
gu bhreathnachadh na thaisg Dìa suas 
dhaibh-san, a tha ga ghràdhachadh." Cha 
'n urrainn a' ghlòir a tha 'n Dia beannaicht' 
a' tabhairt do dh' aon ghin Mic a ghràidh mar 
dhuais air son fhulangais buadhach. agus 
ùmhlachd iomlan, 'us air sgàth 'm beil e làn- 
thoiliclite gu bhi buileachadh a leithid so de 
ghlòir do-rannsaichte air a shluagh taghta 
fèin, a bhi air a thuigsinn leis an fhacal lom 
do-bhreithnichte. Esan a tha deònach- 
adh do cho liugha dhe a shèirbheisich deal- 
radh mar na reulltan, an urrainn thuasmuain- 
eachadh, Ephenetuis, nach toir e dealradh 
mòran ni 's lainnirich do Ghrian na Fìrean- 
tachd ; ged a tha do staid bhàsmhor-sa aig an 
àm a bacadh dhut amharc airdealradh aghlòire 
Ach cha n-eil mòrachd ghlòrmhor so ar 



NO SEALLADH I)E NEAMH. 77 

Fir-saoraidh beannaichte 'ga dheanamh ni's 
neo-chaoimhneile dhuinne, 's ann a tha e a cnr 
ni's mò de chomainn oirnn • oir cha mhasladh 
leis, eadhon an deigh ardachadh an so, aràdh, 
'* Feuch, tha mi am sheasamh a' bualadh aig an 
dorus — ma chluinneas duine sam bith mo 
ghuth, agus gu 'm fosgail e, thig mi steach, 
agus ni mi mo shuipeir maille ris-an, agus esan 
maille rium sa/' Agus an rìgh sin anns a cho- 
samhlachd, leis ambeil arTighearna beannaicht' 
air a chiallachadh, is toil leis fèin a bhi toirt 
di-beatha sònraichte do gach aon de a 
shèirbheisich fhìrinneacb, ag ràdh, " Is math 
a dheagh shèirbhisich fhìrinnich." 

Na biodh iongantas ort, Ephenetuis, air 
son gu 'm beil mise cho diirachdach a' thoirt 
cunntas dhut mu mhòrachd iongantach, agus 
sonas ard-urramach ar Slànaighear àrdaichte, 
agus air son gu 'n d' oithirpich mi mar so a 
ìeigeadh ris dut, nach comasach a nise do 
Ghrian na Fìreantachd, a bhi fàs dorcha, ach 
gur ann a tha e' soillseachadh le mòr ghreadh- 
nachas gun sgàile gun duibhre ; agus gu 'm 
beil mi nis' a' faicinn losa, a bha (mar a tha 
an t-Abstol chum nan Eabhruìdheach ag ràdh) 
air a dheanamh rè ùine bhig ni b' isle no na 
h-ainglean, air a chrùnadh le glòir agus le 
onair. Or tha na flaitheas air an deanàmh 
ni's mò no na flaitheas dhom-sa, le 'bhi 
'ga fhaicinns' a' riaghladh an so, a dh'f huiìig 
U'à h-uirid air mo shon anns an t-saoghal ; 



78 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD: 

agus tha sonas ar Fir-saoraidh, a tha cho ro 
mhòr, agus cho do-Iabhairt a' meudachadh ar 
sonais, do rèir deothas ar gràidh dha-san 
Ni-eadh, ach ni 's mò, Ephenetuis, innseam 
dhut, ged a tha ar sòlasaibh cho mòr an so 's 
nach eil feum againn air ni sam bith gu 'n 
deanamh ni's ionmhuinne leinn (ged a tha 
e a meudachadh ar sonas do bhrì 's gur 
dearbheachd e air gràdh ar Fir-saoraidh 
dhuinn,) ach gur tiodhlac de a dheagh-ghean- 
san, agus de a phailteas a th' ann. 

Ma bha e na aobhar gàirdeacAais do na h-Ab- 
stoil mhaslaichte gu 'n robh iad air am meas 
aithrigh chum nàire fhulang air sgàth ainme, 
cia cho mòr, smuainich thusa/ s a tha 'n aoibh- 
neas a nise, 'nuair a tha comas aca 'bhi riaghladh 
maille ris ? Air dha ar cuideachadh agus ar 
cumail suas fo na cruaidh-chasan agus na 
doilgheasan do 'n robh sinn buailteach ann an 
staid an-shocrach ar neo-bhàsmhorachd, agus 
mar an ceudna a lughdachadh ar n-àmhgharan, 
agus ga'r n-ùrachadh fopa, eadhon anns an 
t-seadh so, 's math a dh' fhaoidte ràdh, 
" leagadh air-san smacbdachadh ar sìth, agus 
le 'chreuchdaibh-san shlànaicheadh sinne/' 

Ach an urrainn thusa a shaoilsinn, Ephene- 
tuis, nach dean esan a shaor sinn le 'chrann- 
ceusaidh, ni's mò gu mòr air ar son le 'chrùn ? 
Cha n-e mhàin gu 'm beil e ceadachadh 
dhaibh teachd an so, ach tha e toirt cuireadh do 
gach sèirbheiseach fìrinneach, comh-pàirteach- 



NO SEALLADH DE NEAMH. ^9 

adli do bheannachd nach lugha, na imeacnd a 
steach do dh' aoibhneas a Thighearna. Rinn 
Criosd e fèin 'na thobar sòlais ro shaibhir 
dhuinne 'n a dhreuchdan uile, agus anns gach 
inbh anns am beil e 's na flaitheas, agus anns 
an robh e air an talamh ; bha agus tha 
e 'na chleachdadh gnàthach mathasach dha, a 
bhi araon iig iomchair ar doilgheasan, a comh- 
pàirteachadh ruinn à shòlasaibh ; a lughdach- 
adh ar truaighean le 'fhulangas, agus a 
meudachadh ar sonais le 'bheannachdan. 

Airdhomh a bhimar so ag iomradh mu shon- 
as nan ionadan nèamhaidh so a ta sruthadh 
o ^n t-sealladh bheannaìchte sin d' ar Fear- 
saoraidh glòrmhor, crùn ar n-aoibhneis uile, 
tha mi nise dol air m' aghaidh a' thoirt 
iomraidh, Ephenetuis, air ni, theagamh, a thug 
thu fainear cheana : nach e mhàin gu 'm beil 
sinn a' faicinn Chriosd ar bràthair is sine an 
so, ach gu 'm beil sinn maran ceudna 'faicinn ar 
càirdean, ar luchd-dàimhe, agus ar luchd-cinn- 
idh a bha beò anns an t-saoghal shìos naeagal- 
san, agus a bhàsaich 'n a dheagh-ghean — 
ni a tha 'na leasachadh mòr do 'r sonas. 
Cha n-e mhàin gu 'm beil sinn an so ag aith- 
neachadh ar càirdean, ar luchd-dàimh' agus ar 
co-aoisean air an talamh, ach tha sinn mar an 
ceudna 'g aithneachadh nan naomh uile, a bha 
beò anns gach linn de 'n t-saoghal. 

Mar so, ged a bha Eliah (a bha còmhradh 
riut 'nuair a thainig mise ga t' ionnsaidh,) beò 



80 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD . 

anns an t-snoghal shìos fada mu 'n tainig am 
Mesiah beannaichte anns an fheòil, gidheadn 
cha luaithe dh' amhairc thu air na dh' aithnich 
thu e ; agus is amhuil a dh' aithnicheas tu 
Adhamh mar an ceudna, 'nuair a chì' thu e. 'S 
cha chreid mi gur barail ùr so dhut-sa, oir 
dhThaodadh tu fhòghlum o chian bho na 
sgriobturan naomha ; air do'r Slànaighear 
beannaichte fèin innseadh dhuinn nach e 
mhàin " gu 'm bi clann na h-ais-eirigh colt- 
ach ris na h-ainglean," (a tha eòlach air a' 
chèile, mar tha araon seallaidhean an fhàidh 
Daniel, agus an Abstoil Eoin. a' nochdadh), 
agus mar an ceudna mar tha sàmhla an duine 
shaibhir thruaigh, agus an dèirceich shona, a' 
leigeadh ris duinn nach e mhàin gu 'n robh 
Athair nan creideach eòlach air pearsa agus 
cor Làsaruis anns an àm, ach gu 'm b' aithne 
dha an eachdraidh roimhe sin ; Agus bha 
Abstol nan cinneach, 'nuair a bha e 's an 
t-saoghal shìos, an dòchas gu 'm biodh na 
Tesalonianaichchràbhach a bh'air an iompach- 
adh leis-an 'nan criìn dha aig an latha mhòr, 
'nuair a bhios dealradh neo-bhàsmhor, mar na 
reulltan, air a bhuileachadh orra san a thionn- 
daidheas iomadh gu fìreantachd. Agus tha mi 
cinnteach, Ephenetuis, gu'n do leugh thu gu 
minig mu chruth-atharrachadh ar Slànaighear 
beannaicht' air a' bheinnnaoimhe, far an robh 
Mhoìs agus Eliah a' còmhradh, agus tha cùimhne 
agad gun teagamh, cho luath 's a dh' aithnich an 



NO SEALLADH DE NEAMH. 81 

triiiir dheisciobuil iad. Cha bu ni sara bith 
eile so, ach sàmhla de fhlaitheas, far am beil na 
naoimh gu lèir eòlach air a' chèile. Am beil 
thusa am barail gu 'm beil ar n-eòlas an so ni's 
lugha na bha eòlas Adhaimh ann an staid 
a neo-chionntais ? Agus gidheadh tha fìos 
agad gu'n d' aithnich Adhamh a' bhean, 
Eubha ; 'nuair a bha i air a' toirt fa-chomhair, 
thubhairt e rithe " gu 'm be chnàimh dhe a 
chnàmhaibh, agus feòil de fheòil-san i." Ach 
ciod am feum a th' agad air tuille dearbhaidh 
air a' chùis ? Nach eil t' f hiosrachadh fèin 
cheana a' nochdadh gur ann mar so a tha ; agus 
na'm biodh tusa air do rùsgadh de do bhàs- 
mhorachd, mar a bitheas tu ann am beagwn 
laithean, gheibh thu 'n sin dearbheachd mòran 
ni's soilleire. 

Ach nochdam dhut, Ephenetuis chaoimh, a' 
bhuannachd mhòr a tha 'g èirigh do na mhuinn- 
tir bheannaichte bho 'n eòlas a th' ac' air a' 
chèile. 'S ann an so^ a tha'n sluagh beannaichte 
a' chòmhnaidh ann an aonachd, agus ann an 
co-chomunn iomlan ri Dia gun bhristeadh agus 
ri càch a chèile ; oir as èugmhais eòlais air a 
chèile cha 'n urrainn comh-aont a bhith, agusas 
eugmhais comh-aont cha'n urrainnco-chomunn 
a bhith ; agus far nach eil co-choniunn, cha 'n 
urrainn sonas a bhith : — mar sin, a bhi 'm 
barail nach aithne dhuinn san àite so a' chèile, 
b' ionann sin 'sa bith am beachd gu 'm beil 
sinne a teachd gearr air sonas. — An so, 



82 AN SAOGHAL A TA RT TEACAD : 

Ephenetuìs, mar a tha co-chrninneachadh 
coitcheann nan ceud bhreith, a* faighinn an 
sonas o aisling dhealrach an Dè a ta siorruidh 
beannaichte, mar sin thaiadsana'compàìrteach- 
adh an toilinntin is glaine do càch a chèile ; 
cigus tha gràdh dùrachdach neo-chealgach a' 
co-aonadh a' cho chomuinn bheannaicht* so ri 
chèile. Anns an t-saoghal shìos bha ar gràdh 
ag èiridh o chàirdeas ar luchd-dàimhe, no bho 
cheangal caoimhneil eigin eile ; no theagamh o 
neach sònraite 's an robh buadlmn unamach 
follaiseach a mheas sinn fiùghail, agus mar sin 
a roghnaich sinn mar charaid : ach 'an so tha 
ar cusbairean mòran ni's mò agus ni's aithrigh, 
agus tha inbh ar gràidh mòran ni's eudmhoire; 
oir anns an staid urramaich so tha gach uile 
cho-cheangal agus mhiadh feòlmhor air sgur. 

Mar a tha 'n t-abstol beannaichte 'g innseadii, 
eadhon 'nuair a bha e anns an t-saoghal " ged 
a b'aithne dha Criosd a reir na feòla, gidheadli, 
a nis nach b' aithne dha e mar sin ni's mò," oir 
le aiseirigh agus le ardachadh ar Tighearna 
beannaichte, tha e air a thogail suas gu saogh- 
ai eile, agus a nis' gu 'm beil a cho-chomunn ris 
mar Rìgh nèamhaidh, gun spèis sam bith do 
'n t-sochair aimsireil sin, a bhi còmhradh ris 
gu corporra air an talamh. Tha ar càirdeas 
spioradal 'an so mòran ni's dìsle agus ni's 
bunailteich na na banntaibh is treise th' ann 
an càìrdeas saoghalta ; ann an so tha ar daimh 
gu h-iomlan ris an aon Athair nèamhaidh, agus 



NO SEALLADH DE NEAMH. 83 

ri losa Criosd, Prionnsana Sltb' agus ceannard 
ar cuideachd' shona. 

'S e rùintean sònraicht a' ghràidh air an 
talamh buadhan òirdhearc a ta fuaighte ris an 
tì do'n toirear gràdh. Se gliocas, naomh- 
achd, maitheas, agus treibhdhireas le'n dlù- 
tharrainn cumhachdach gu gràdh, a tha 
deanamh co-cheangal ni's ionnmhuinn eadar 
anmannan is cha n-e càirdeas nàdurrach fala no 
dàimh fheòlmhor. Tha subhailc ceutach ann 
an neach aosda ged a bhiodh a chraiceann air 
sreamadh, agus ged a bhiodh e duaicnidh 'na 
phearsa ; agus tha dubhailc fuathach ann an 
neach òg, ged a bhiodh e sgiamhach 'na chruth. 
Agus chunnaic thusa air an talamh^ Ephenetuis 
ghràidh, sùilean ni bu shoilleire no siìilean 
nàdurrach, agus solus bu dealraiche no solus a 
chithear gu corporra, agusmaise ni bu spiorad- 
ailena mais' fheòlmhor, agus gràdh a b' urram- 
aiche na gràdh saoghalta, nith a thug air an 
f hàidh rìoghail a' ràdh, " gu 'n robh a thlachd 
anna muinntir òirdheircna talmhainn." Ach fòs, 
tha fuigheal fòtuis ann an gràdh spioradal 
fèin san t.saoghal shìos ; oir' tha fuighleach do 
dh' anmhuinneachd pheacach anns na daoine is 
fearr air an talamh : agus ciorraman a tha 
ga 'n deanamh mi-mhaiseach ; ach an so tha 
iomhaigh Dhè coimhhonta, le aonachd gach 
uile sbubhailc ghlòrmhor a tha feumail, ann 
am foirfeachd; agus tha nah-anmannan beann- 
aichte gu lèir a co-aontachadh gu freagarrach 



84 AN SAOGHAL A TA RI TEACIID: 

ris a cheud eiseamplair; 's tha maise dhiadhaidh 
a' soiUseachadh annta gu sior-mhaireannach ; 
maise nach cuir as do *n mhais' a tha timchioU 
air, mais' a tha neo-sheargte, 's nach comasach 
dochann f hulang. 

Cha n.eil fior luach n n naomh *s an 
t-saoghal shìos ri fhaicinn ach ann an tomhas 
gle bheag, oir cha n-eil ach an earrainn is lugha 
dhe r' a f haicinn. Tha 'n talamh ro-thorrach 
le luibhean agus blàithean nòsara, maiseach, 
ach 's ann a tha beartas an domhain falaicht' 
'ancridhe natalmhinn annammèinibhde mheat- 
ailt luachmhor agus do mharbhal.* Tha fior 
ghràs air fhoilìsachadh ann an gniomharran 
faicsinneach, ach 's ann a tha òirdhearcas a' 
ghràis anns an taobh a steach : ach an so tha 'n 
òirdhearcas fosgailte d'ar beachd ; agus tha 
glòiran Dè bheannaicht'air f hoillseachadh annta. 
Agus, 0! cia cho gaol-dhrùiteach 's a tha 'n 
iomhaigh dhiadhidh do shùil naoimhl Cia mar 
a tha e ga 'm èigneachadh a bhi 'g amharc mo 
chomh-naomh a' dealradh le gràdh neo-bhàs- 
mhor! agus tha 'n gràdh aonachdail cothromach 
do rèir a* chusbair. Tha lasair comh-ionan 
bunailteach air a cumail beò de gràdh fior- 
ghlan : an so tha gach aon iomlan àluinn, agus 
gu buileach an gràdh air càch a chèile. 

Agus O cia cho sona 'sa tha 'n staid ionmh- 
uinn so ! 'S math a dh'f haodadh an Sàlmadair 

* Marble. 



NO SEALLADH DE INEAMH. 85 

brìsteadh amach gu dmighteach anns na 
briathransa, '' Feuch eia math agus cia taitneach 
an ni, do bhràithrean còmhnaidh a ghabhaiì 
euideachd ann an aonachd f' Ach 's ann anise 
tha e faicinn, agus a* mealltainn, an co-chom- 
uinn sòlasaich ud, maille ris na f ìreanan* 'S 
e gràdh mais' a^us neart gach co-chomuinn, 
agus 'se mòr thlachd ar beatha anns an 
t-saoghal e. Cia ro urramach mar sin 's a dh' 
fheumas gàirdeachas an t-sluaigh bheannaichte 
a bhith a tha mar fhianaisean air coilionadh na 
nithe air son an robh ar Slànaighear ag ùrnaigh 
'nuair a bha e air an talamh, " chum 's gu 'ni 
bi iad 'nan aon, mar a tha thusa Athai.' 
annamsa, agus mise annadsa, gu 'm bi iadsan 
mar an ceudna 'nan aon annainne/' Tha 'n 
Dia beannaichte gu h-iomlan, na aon ann an 
ghnè agus *na thoil ghiòrmhor, agus uime sin 
tha e neo-chaochlaidheach sona; agus tha 
aonachd neo-sgaraichte an gràdh nan naomh, 
na bhoisge dealrach dhe an aonachd spioradail 
a tha eadar na pearsachan naomh ud: agus tha 
gràdh gu gniomhach a co-chumadh aon anam 
ri anam eile, agus a' toirt air glòir gach aon de 
na naoimh a bhi ag ath-shèirm chum an aoibh- 
neis uile. Tha leithid de chumhachd anns 
an teas-ghràdh nèamhaidh leis am beil sinne 
a' lasadh, 's gu 'm beil e a' leaghadb agus a co- 
mheasgadh ar anmannanann an aonachd iomlan, 
le gàirdeachas a tha làn de chaoimhneas, tha 
sonas na h-uile 'an so, mar gu 'm biodh e freag- 
arrach do gach aon fa leth, mar gu 'm biodh 



86 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

gach aon fa leth air an cuir an cridhe nan 
uile, agus na h-uile ann an cridhe gach 
aon fa leth ; agus gu cinnteach, far ara beil 
gràdh mar so, feumaidh e bhith gur mais' 
uile e. Agus cionnus is urrainn e bhith air 
dòigh eile, o'n tha iad gu minig a' gabh- 
ail agus a' toirt gràidh agus aoibhneas do 
càch a chèile, anns a' cho-chomunn bheann- 
aichte so, le co-ghniomhachadh aontachail de 
ghràdh, agus le 'n cainnt 's an coiuadar a tha 
cho milis. Smuaintich thus, Ephenetuis, air na 
cùirmean de thoileachas-inntinn agus de gràdh 
a bhiodh aca eadhon na'n conaltradh 'san 
t-saoghal shìos aig coinneamh chàirdeach, 
chàidreach, mar tha iad tàite ri chèile, mar 
shlàbhraidh tinne an glaic tinne air a deanamh 
suas de spioradaibh soillseach gniomhach, a 
greimeachadh agus a tarrainn an anmannan gu 
chèile ; agus ged nach 'eil càirdeas dàimhe 
'san t-saoghal shìos gun fhuigeal fòtuis 
fòs tha beannachd a ghràidh a co-sheasamh na 
'n comhluadar; ach ge b' e sam bith ni a tha 
urramach ann an càirdeas 'san t-saoghal, tha e 
'an so ann am foirfeachd ; agus ge b' e sam 
bith sàl, a bha ann an daoine, do bhrìgh an 
amaideachd agus an anmhuinneachd, tha sin gu 
buileach air a chuir as an so. Tha 'n sluagh 
beannaichte a th' anns an ionad so, le gràdh a 
tha cur thairis, ag ath-mheas nan sochairean 
spioradail, agus an dòigh iongantach, air an do 
tlioisich beatha nan gràs annta, 's mar a bha 
iad air an gleidheadh, agus air an toirt air a 



NO SEALLADH DE NEAMH. 87 

n-agliaidh am measg bbuaireanan ; agus mar a 
bha tròcairean a dlù-leanmhuinn a chèile an àm 
an dòchais, agus a nis' an iomlanachd uile, an 
àm dhaibh a bhi 'g an làn mhealtainn. 

Nach cual thu fathast, Ephenetuis, an ceòl a 
tha araon naoimh agus ainglean a' deanamh 
tiinchioll na rìgh-chathrach ? Agus mar tha 
iad uile a co-chuideachadh a chèile an àm 
breth-buidheachas do Dbia, air son gu 'n d' rinn 
e iad 'nan creutairean reusanta, a tha araon 
comasach a ghràdhachadh agus a mhealtainn, 
'nuair a dh' fhaodadh e an deanamh nan 
creutairean tàireil dìblidh, agus air son a 
chùraim iochdmhor, bàigheil, agus an f hreasdail 
spèiseil mu 'n timchioll anns an t-saoghal ; ach 
gu h-àraidh air son a thròcair shònraichte 'na 
ard-uachdaranachd, gu 'n do do thagh e iad gu 
bhi nan soitheichean onair, agus gu 'n do shaor 
e iad le ghràs cumhachdach o dhaorsa mhaslach 
an-iochdmhor a' pheacaidh, agus air son a shaor 
ghràidh, leis an d' rinn e am f ìreanachadh o 
chiont am peacaidh uile le bàs aon ghìn Mhic, 
agus a nise gu 'n ghlòraich e iad maiUe ris fèin ? 
Cha n-eil sinne a' gabhail sgìos, Ephenetuis, 
agus cha mhò a ghabhas sinn sgìos gu 
bràtb, de'n obair shòlasaich so ; ach tha sinn 
do ghnà 'ga bheannachadh air son a thròcair, a 
tha sior-mhaireannach ; seadh, tha na cherubim 
agus na seraphim sgiathach a tha timchioll na 
righ-chatbrach, a' gblaodhaicb r'a cbèile ann 
an cuir an cèill an dealais agus an gàirdeachais 
le a bhi cùimhnacbadh a dbealradb agus a 



88 AN SAOGHAL A TA Rl TEACHD : 

chumhaehd bhith-bhuan, agus gìùir a mhaith- 
eis. Agus. O, cia do-ìabhairt taitneach 's a 
tha an co-shèirm so ! air do gach anam ceòl 
mhor binn a bhi toirt an cùir fèin fa leth docheòL 
iomlan nam flaitheas. O ged nach cluinneadh 
iadsan a th' anns an t-saoghal shìos ach ath- 
shèirm mhic-talla nan òran so leis am beil talla 
nan nèamh a co shèirm, agus leis am bheil na 
naoimh a' deanamh caithream le fior mholadh, 
agus le aoradh dùrachdach do Rìgh nan 
spiorad ! Cia mar a lasadh e an tograidhean 
chum a bhi 'nan comunn san. 

Ach a thuilleadh air na h uile sonas a tha 'g 
èiridh dhuinn o ar n-eòlas air ar càirdean, ar 
cinneadh,agus air arluchd-dàimhe, agusan sòlas 
a tha sinn a' faotainn o cho-chomunn ri Dia, 
agus ri càch a chèile, ann an so. Tha e dhom- 
sa 'na sonas ro mhòr, Ephenetuis, gu 'm beil 
mi anns an ionad so, gu h-iomlan a' tuigsinn 
diomhaireachdan domhainn dorcha nan Sgriob- 
turan, nach bu nàr leis an luchd-teagaisg 
a b' fhòghlumte a bh anns an t-saoghal 
shìos, aideachadh nach robh iad comasach an 
tuigsinn gu h-iomlan; ach an deigh na h uile 
saothair agus dìchioll a rinn iad gu ro-dhian 
chum an rànnsachadh, b' eigin daibh suidh sìos, 
mar rinn an t-Abstol mòr (Rom. xi. 3.) ann an 
iongantas ris an doimhne sin, nach ruigear 
gu bràth iochdar. Agus 's èigin domh aideachadh, 
gu ^m beil e 'na shòlas glè mhòr leam a nis' 
gu 'm beil mi a' tuigsinn na h-earrannan diomh- 
air sin de na sgriobturan naomha, a dh'oidheirp- 



NO SEALLADH DE NEAMH. 89 

ìch tiolpairean ro chomasach, agiis luchd- 
mìnichidh ro f hòghlumte. f hoillseachadh, ach a 
tha fathasd a dh'aindeoin na rinn iad, na 
dhiomhaireachd dhaibh-san a th' anns an 
t-saoghal shìos : 's cha mhath is urrainn e a 
bhi air mhodh eile, a thaobh 's nach urrainn iad 
a thuigsinn cho òirdheirc 's a tha gach earrann 
fa-leth de na sgrìobturan a' freagradh ri ùine 
gach neach fa leth. agus gach freasdal 's 
na rùnaich an t-Ughdar uile-fhaicsinneach an 
cleachdadh ; nithe a tha uile soiUeir dhuinn 
an so,uime sinthasinn a' faicinnan co-chòrdadh 
iomlan a tha eadar na cuibhrionnan sin dhe na 
sgriobturan. bu mhò a bha iad-san a meas an 
aghaidh a chèile 's an t-saoghal shìos. Ann an 
so, Ephenetuis, tha ceistean doiUeiran Fhreas- 
dail. air an làn mhìneachadh dhuinne, a rinn 
eadhon daoine matha fèin a bhuaireadh gu ro 
thric air an talamh gu bhi cuir an teagamh, 
an dòigh aìr an robh Dia a' riaghladh an domh- 
ain, 'nuair a bha cruaidh-chàsan agus geur- 
leannmhuinn na muinntir shubhailceach, agus 
nan neo-chiontach coltach ra bhi taitneach 
am fianais an Tì a tha càrnadh suas saoirbhreis 
orra-san a bha 'nan nàimhdean ciontach dhaibh. 
Tha sinn an so làn dhearbhte gu 'm beil na 
nithe a mheasadh mi-righailteach, (agus a bha 
na cinnich a cuir as leth ban-dia eatrom fhaoin, 
cha n-e a mhàin a co-sheasamh ri ceartas agus 
ri maitheas Dhè. ach gur iad, dearbh thoradh 
nam buadhan ud. Airus ^ed a tha leithid 



00 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

so do chreideimh, air a meas san t-saoghal 
shìos le daoine beachdail na earrainn mhòr de 
dh* fhèin-aicheadh, gidheadh an so tha e a 
taisbeineadh dhuinne cho ceart 's a tha iadsan 
'ga mheas deacair. 

Oir dh' innis Bildad dhuinn o chian, (fear do 
luchd-comhfhurtachd mi-chaoimhneil Iob,)ach 
gidheadh a bha 'n deagh riàn dha, " Nach eìl 
iadsan a th' air an talamh ach mar o 'n dè, 
agus nach aithne dhaibh a bheag, achionn gu'm 
beil an laithibh an sin mar sgàile." Agus 
a chionn 's nach ceadaich giorrad agus diom- 
buaineadh am beatha dhaibh fuireach fada ni'^ 
leòir na'n luchd-amhairc air an talamh, 's nach 
fhaic iad mar is fhaide ach sealladh no dha 
dhe na chleasachd mhòir sin, a tha 'n cinne- 
daonna ag iomairt ann an taigh-cluich' an 
t-saoghail, cha n-eil e na iongantas ged a bhiodh 
iad ullamh gu 'm bairealan fèin a smuainteach- 
adh mu fhear-deilbh na h innleachd, 's nach 
aitbne dhaibh aon chuid a thoiseach no 'dheir- 
eadh : ach an uair a bhitheas seòl riaghlaidh 
freasdal Dè air f hoilisachadh, mar a tha e an 
so, oir tha gach uile chaochladh tha teachd air 
dùthachan, air rìoghachdan, air teaghlaichean, 
agus air daoine fa leth, agus ris am beil daoine 
bàsmhor, cho ulìamh gu bhi a connsachadh, ann 
ar beachd-ne 'anso, cho ceart, cho feumail, agus 
cho tràthail, 's a thachair iad sud uile, 's gu 'm 
beil na dearbh nithe sin a bha ga 'r buaireadh, 
'iii feadh a bha sinn 'san t-saoghal shios, gu Dia 
àicheadh, 'an so a nis' a' toirt fàth dhuinn gu 



NO SEALLADH DE NEAMH. 91 

bbi 'ga cbliùthachadh ; agus gu dearbh, cha 'o 
eil e cho ceart a ràdh gu 'm beil sinn air ar 
sàsachadh, 's a tha e gu 'm beil sinn gu dian 
air ar n'^èigneachadh, le mais' agus le gliocas a 
fhreasdail. 

Ach, Ephenetuis, a bharr air freasdal coit- 
cheann Dhè, agus a ghliocas oirdheirc leis 
am beil e ga 'm fiosrachadh mu 'n robh mi a 
labhairt, tha sinn an so, gu sònraichte air ar 
togail suas le iongantas, agus le taingealachd, 
air son gu 'n do thoilich e Dia 'na mhathas, 
fhoillseachadh dhuinne, an t-aobliar air son am 
beil e fiosrachadh gach aon fa leth lefhreasdal. 
O, Ephenetuis ! chunnaic mise, do 'm thaobh 
fèiuj ni h-e mhàin cho feumail agus cho ceart, 
ach eadhon cho iochdmhor, 's a bha na dearbh 
àmhgharan leis an robh mi air m' f hiosrachadh, 
agus a bha mi aon uair a cuir as leth a gheur 
an-iochd-san ; ach a nis' tha mi dearbh-chinnt- 
each, nach dh' fhuair mi buiUe anns an t- 
saoghal (agus is urrainn thus innse, Ephentuis, 
gu 'n d' f huair mi iomadh buille, agus mòr an- 
shocair) ni bu luaithe, ni bu truime, no ni bu 
mhairtheanaiche, na bha an t-aobhar air son 
an smachdaicheadh mi 'g agairt : agus tha mi 
dearbh chinnteach nach robh mo dhòchas rìamh 
air a mhealladh, ach ann an daighnachadh mo 
chòir air nithe ni b' f hearr no na nithe sin ris 
an robh mo dhùil. Ni mo bha mo bhuannachd 
(no co dhiù na mheas mise mar sin) air a 
dhochann rìamh, ach an uair a bha e ni bu mliò 



92 AN SAOGHAL A TA KI TEACHD : 

gu buannachd an ni a bha d'a rìreadh na 
bhuannachd dhomh. Tha, Ephenetuis, tha 'n 
dòrchadas mi-taitneach a b'ha cuartachadh mo 
thuigse ghearr-sheallaich, air an talamh an 
80 air caitheamh às, dh' f halbh e leis a' cheud 
boisgeadh de 'n latha dhealrach bhith-bhuan 
so, far am beil fosgladh gach cruaidh-cheist, 
a bha sàrachadh mo chreideimh, agus 'ga 
chumail an cleachdadh air an talamh, a nis' air 
a dheònachadh dhomh mar dhuais. 

Ann an so, Ephenetuis^ gu bhi a' co-dhùnadh, 
tha sinn, cha n-e a mhàin a còmhradh ri naoimh 
agus ri ainglean, ach ris an Dia sin a tha gu 
mòr ni's giòrmhoire no iadsan, an Tì a rinn 
iad a ni a tha iad, gun e fèin idir a lùghdach- 
adh : 'us cha n-e à mhàin gu 'm beil sinn a 
sealbhachadh nam flaitheas an so, ach tha 
sinn a mealltainn Dhè, an Tì a chruthaich iad; 
agus tha sinn 'ga f haicinn mar a tha e, an Tì 
gur e ar n-Uile anns na h-Uile; anns am beil 
na h-uile math do'm beil spèis againn anns na 
creutairean,. ni's ro ard-urramaich' agus ni 's 
coimhlionta na tha grìan dhealrach an latha' 
toirt barr airrionnagan drìsleach nah-òidhche ; 
oir tha sinn 'an so, air ar togail suas ann am 
meorachadh agus ann am mealtainn a chusbair- 
ean glòrmhor (aig am beil na h-uile mais- 
ealachd a tha sinn a meas luachmhor anns na 
ereutairean, air an tional agus air an sgaoileadh) 
air chor is gu'm bi lintean do-àireamh na bith- 
bhuantachd ro ghoirid air son cuid dearn'ùine 



NO SEALLADH DE NEAMH. 93 

a bhnileacbadh air sòlasan inntinn sam bith eile, 
ach na*tha so fèin a gintinn annainn, sonasan a 
tha cho lionmhor agus cho iomlan's nach eil sinn 
a miannachadh ni sam bith nach eil againn, 
ach tuiUeadh theangannan gubhi sèinn'tuilleadh 
molaidh do'n Dia bheannaichte, no comasan 
ni's farsainne, gu bhi 'g ìocadh ni's mò de 
thaingealachd dha air son na th' againn : agus 
tha e gu caoimhneil a' tabhairt freagradh d' ar 
n' iarrtasan, oir cha luaithe tha iad air an gintinn 
iio tha iad air am freagradh. Oir 's gànn is 
aithne do luchd-àiteachaidh nan ionadan deal- 
rach so uireasbhuidh sam bith eile, ach miann 
dùrachdach ; air do shonas iomlan ar staid a 
bhi g'ar cur ann am fonn taitneach, togarrach, 
le bhi 'tabhairt dhuinn làn shealbh roi-làimh 
de ar n-iarrtasan uile. Tha'n ùine ann an so col- 
tach ris an teine, air dha na h-uile ni a ghlac- 
as e a sgrios, tha e fà-dheòigh air caitheamh às 
e fèin, agus mar sin a ruith a mach ann an 
siorruidheachd. Agus tha ar sòlasan an so, 
de a leithid do ghnè is ged a thèid mìltean de 
bhliadhnaibh thairis's gu'n saoilte gu 'm fàsadh 
lad ni bu shine, le bhi air am mealtainn rè cho 
liugha linn, gidheadh tha iad a buanachadh cho 
taitneach agus cho ùr 's a bha iad air tùs : 'se 
buaidh shònraichte ar sonas gu 'm beil e do 
ghnà an ni ceudna, agus gidheadh nuadh. 

Tha ar sonas cho mòr an so, is nach eil 
feum air nithe eugsamhail gu bhi cur ris, nogu 
mheudachadh,agusna'm biodh e comasach tuill- 



94 AN SAOGHAL A TA EI TEACHD : 

eadh sòlais a' chuir ris be barrach eòlais air Dia, 
an ceud chusbair ; coltach ris au daoimein 'san 
t-saoghal iochdrach, anns am beil iomadh gnè 
shoiilse le thionndaidh gu tric Tha shamhuil 
sm ann an Dia (ma dh' fhaodas mi chainnt a 
chleachadh,) tha cho liugha soillse de dh'aon 
ghnè ann, 's gu 'm beil ar n-iarrtasan araon air 
an sàsachadh agus air an gintinn le bhi'ga 
mhealtainn-san, air ar sàsachadh gun a bhi 
sàsaichte, agus ar n-iarrtasan air an gin gun a 
bhi 'g ionndrainn. 

Tha toil-inntinnean eile coltach ris an aodach 
is gnà le daoine a bhi caitheamh, a fàs grÒd, 
agus gu h-aithghearr a teireachdainn; ach tha 
na sonasan a tha sinn a sealbhachadh an so, 
coìtach ri trusganaibh sònraichte nan Is- 
raelitich 's an fhàsach, nach robh air an caith- 
eamh le bhi fad am feum ; ach mar shnàthad 
cùmpaist a' mharaiche a bheanas aon uair ris a 
chloich-iùil 's nach trèig i tuille da dheoin, 'us 
an deigh do dh' iomadh linn a dhol thairis, 
'sann atha i dlùthachadh ni'sdeinne rithenobha 
i 'nuair a bhuin i rithe air tùs, 's amhail a 
tha 'n sluagh beannaicht' an so a sealbhachadh 
an sonasaibh leis an aon annas sheasmhach, mar 
gu 'm b' e na h-uile tiotadh a' cheud àm 's na 
ghabh iad sealbh orra. 

Agus mar eil ar sonas a fàs air dhuinn a 
bhi 'ga mealtainn, theagamh gur ann do bhrìgh 
's gu 'm beil e cho ro mhòr is nach comasach 
dha f às ni 's mò : no mu tha e comasach da 'r 



NO SEALLADH DE NEAMH. 95 

sòlasibh f às ni 's mò, 'sann a tha iad a' faotainn 
sin mar an ceudna o 'n dearbhachd a th' 
againn, gu'm bi sinn a blasad orra gu siorruidh, 
agus 'g an ath-shealbhachadh as ùr gu tric fad, 
h'nne na bith-bhuantachd sin, a th' air a dean- 
amh ionmhuinn dhuinne lèis an fhois shuaimh- 
neach a tha sinn a' mealtainn, chum is gu 'n 
gnàthaich sinn i ann an cur an cèill moladh 
lehobhaih; agus mar leasachadh ri sonas na 
foise so, gu 'm beil sinn le sin seachad air olc 
a chuir an ghniomh, no fhulang. An aon 
f hacal, tha ar sòlasan, do-thràighte an so cho 
do àireamh, agus cho neo-crìochnach, 's gu 'm 
feum sinn (mar a bhios againn) bith-bhuantachd 
fèin chum blasad orr' uile. 

Ach tha mi cùimhneachadh, Ephenetuis^ 
gu 'm beil thu fathast anns a' cholainn, agus 
gu 'n sgìthich thu theagamh do bhi 'g èisd- 
eachd na nithe sin a b' annsa leamsa bhi 'g 
aithris gu siorruidh, aig ro mheud an t-sonais a 
tha mi mealtainn, agus cho ro thaitneach 's 
a tha 'n t-iomradh. Uime sin, cha dean mi 
luaidh ach air aon bhuaidh eile, de 'n t-sonas 
a tha sinn a' sealbhachadh: agus 'se sin, nach 
eil an t-àireamh mòr de dh' anmannan beann- 
aichte a tha na 'n luchd comh-pàirt do 'n aoibh- 
neas, agus do 'n ghlòir so, idir a lùghdachadh 
cuibhrionn iomchaidh gach neach fa leth, no 
beagachadh an còir-shealbh a th' aig gach 
naomh sona fa leth ann : oir tha 'n cuan sòlais 
a tha'n so cho neo-chrìochnach, 's nach urrainn 



96 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

cuideachd do-àireamh nan naorab agus nan 
aingeal gu bràth a thràghadh ; is ina n-eil so 
idir iongantach, oìr anns ant-saoghal shìos 's am 
beil cbo liugha dùthaich mhòr, agus mòran 
dhiù air an dealachadh o chèile le cuaintean 
fursainn, gidbeadh tha gach dùthaich fa leth 
dhiiì araon a' sealbhachadh solus na greine; 
*s cha n-eil a h-aon a' gearan gu 'm beil ro 
bheag soluis aige do brìgh 's gu 'm beil e aig 
neach eile, ach tha na h-uile a th' air aghaidh 
an domhain 'ga shealbhachadh cho iomlan 's 
ged nach biodh e aig neach sam bith eile ach 
aca fèin a mhàin. Is fior gu 'm beil an 
t-eadardhealachadh so eadar Grian na Fìr- 
EANTACHD agus grian an t-saoghail : tha grian 
an t-saoghail a toirt dubh-sgàil air gach reull- 
iùil eile (a tha 'ga còmhdachadh) le 'dears- 
adh, ach 's ann a tha Grian na Fìreantachd, 
ged a tha dealrachadh le greadhneachas ni 's 
ro mhò gu mòr, le 'làthaireachd a' comh- 
pàirteachadh a dhealradh d' a shuagh naomha; 
agus 's amhail a tha Abstol mòr nan cìnneach 
ag innseadh dhut, far am beil e 'g ràdh, 
'^ Nuair a dh' f hoillsaichear Criosd, neach a 
'se ar beatha-ne, an sin bithidh sinne mar an 
ceudna air ar foillseachadh mar ris ann an 
glòir.'' 

'Se cainnt gach anam beannaicht r'a Fhear- 
saoridh, '< Is le Fear mo ghràidh mise, agus is 
Jeamsa Fear mo ghràidh;" oir tha coir thagraidh 
shònraicht aig gach aon fa leth air. Agus tha 



NO SEALLADH DE NEAMH. 97 

Daibhidh (a bha ra' linn fèin cho fìleant* 
air seinn òranan molaidh d' a Fhearsaoraidh) 
ag ràdh mu 'n timchioll-san uile a tha cur 
an dòchais an Dia, " gu 'n sàsaich e iad 
gu mòr le sàill a theach, agus à abhainn a shòì- 
asaibh gu 'n toir e orr' òl gu pailt :" mar gu 'iii 
biodh e 'cumail amach 'nuair a dh' òlas àir- 
eamh mòr de shluagh as an aon abhainn, agus 
gun iad a bhi comasach atràghadh, agus gidh- 
eadh làn chomas aig gach aon dhiù an sàth òl, 
no urrad sa b^ urrainn e ged nach biodh neach 
eile 'g òl as ach e fèin : mar sin ge b' e sam 
bith a tha mealtainn Dhè, tha e ga mheal- 
tainn gu h-iomlan, na co dhiù cho iomlan a rèir 
a chomais, 's ma tha bheag air àicheadh dha 
de shealbh an Dè, gur ann, do bhrìgh ro mheud 
glòir 'a chusbair a tha e air a thoirmeasg, agus 
cha n-ann do thaobh na tha 'cho luchd-sealbh- 
achaidh ga mealtainn. 

Mar so Ephenetuis, thug mi cunntas ghearr 
dhut mu ar Canàan Nèamhaidh ; ged is fior, 
nach eil na thubhairt mi na mhìP earrann dhe na 
dh' fhaodadh a bhi air aràdh, gidheadh 's leòir 
e gu leigeadh ris dhut gur tìr e tha sruthadh 
le mil agus bainne ; agus faodaidh e bhi ni's 
leòir chum t' iarrtas a gheurachadh gu eòlas 
fiosrachail ni's ro tharbhaich* f haighinn air ; 
oir cha 'n urrainn eòlas iomlan a bhi aig neach 
sam bith air an t-sonas a tha sinne a' mealtaiim 
an so, gus an tig iad gu bhi nan luchd-conih- 
iL>airt dheth. 



98 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD • 

Ephenet, Air do dh' lunius còir crìoch a chur 
air an ùr-iomradh urramach so, thug mi taing 
dha, agus thuirt mi ris, gu 'n robh mi gu 
cinnteach cho fada bho bhi sgìth's gur ann a bha 
mi 'gabhail mòr thlachd ann a bhi 'g èisd- 
eachd a sheanachais, a bharrachd air na dh' 
f hòghlum mi leis ; agus nach b' urra mi ach a 
bhi ro thoilichte 'g èisdeachd min-chunntas 
mu 'n t-sonas sin, a bha mi 'n dòchas tre 
thoillteanas anabarrach mòr m' Fhir-saoraidb 
beannaichte, de am bithinn an ùine ghearram' 
f hear comh-pairt. 

lunius. 'S e a bhi feitheamh le creideamh 
agus foighidean, ars' lunius, gus am bi do 
chorp bàsmhor air a leagadh sìos, is obair dhut 
a nis' : agus an deigh sin bithidh fios agad air 
mòran a bharr air na dh'innis mise dhut. 
Cluinnidh tu, agus chì thu, agus aithnichidh tu 
nithe an sin, air dòigh ni's soilleire no tha thu 
'deanamh aig an àm so. Cha n-eil do chluas- 
an air an deanamh freagarrach fathast chum 
a bhi 'g èisdeachd nan òran fonnmhor binn 
a tha naoimh agus ainglean a' seinn fa chòir na 
rìgh-chathrachj 's cha mhò isurrainndo theanga 
na h-òranan molaidh tha 'n sluagh beannaichte 
daonnan a' deanamh an so aithris. Cha n- 
urrainn do shùilean (ged a tha iad air an neart- 
achadh ni's mo no sùilean corporr' eile) amh- 
arc fathast air dealradh na ghlòire sin a thalion- 
adh an ionaid shona so ; ged is eigin dhomh 
aideachadh gu 'n tug na chunnaic thu beachd- 



NO SEALLADH DE NEAMH. 99 

an ni's iomchaidh dhut mu nithe nèamhaidh, 
no 's urrainn a bhi aca-san uile tha chomh- 
naidh air an talamh ; ni tha na shochair cho 
mòr agus cho do-labhairt, is gn 'm beil deagh 
aobhar agad a' bhi 'g àrdachadh mòr ghean 
math an tì sin is ann tre shaibhreas a dheagh- 
ghean a bha thus' air docheadachadh gu teachd 
an so. 

Ephenet. Cha n urra mi(arsa mìse) toiseach- 
adh air an obair blieannaichte sin tuilleadh as 
luath; agus is obair i tha mi 'g earbsa air nach 
tig ciìoch gu bràth, ach a bhitheas cho mair- 
eannach ris an iàghdar fèin. Ach, luniuis, 
o'n bha mi cho sona 's gu 'n robh an coluadar 
so agaiii riut-sa, nacii faod mi mo mhàthair^ 
fhaicinn an so mar an ceudna, oir tha rm 
cinnteach gu 'm beil i measg an t-shluaigh 
bheannaichte. Is moch a theagaisg i mise ann 
an nithe Dhè, agus thug i orm na Sgriobturan 
Naomh' a* Jeughadh na h-uile latha : 'be 
h-earalan cràbhacha thug orm air tiìs sealltainn 
an deigh nithe nèamhaidh, agus bith-bhuan- 
tachd ; agus air a leabaidh bàis thug i àithne 
dhomh (ge b' e sam bith n'a dheanadh muinn- 
tir eile) gn 'n deanainn-se sèirbhis do 'n Tigh- 
earna. Tha mi cinnteach gu 'm biodh i ro 
thoilichte m' fhaicinn anns an àite so. 

luniuis, Tha do mhàthair, Ephenetuis, ann an 
so gu 'n amharas, agus ni i gun teagamh uaill 
agus gàirdeachas ann an Dia air do shonsa, mar 
a tha i do ghnà a' deanamh air a son fèin ; ach 



100 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD ! 

anns an ionad shona so, tha gach dàimhe 
saoghalt' air sgur; 's cha n-eil " fìrionn agus 
boirionn 'an so, ach tha na h-uile mar na h-aing- 
lean," agns uime sin tha na h-uile cho-cheangal 
(uìirdeach 'an so air an slugadh suas an Dia ; 
co-dhiìi, chì thu ise ris an abradh tu do mathair 
'san t-saoghal shìos an ceart-uair. 

Cha iuaithe a labhair e, na ghlac e air làimh 
mi agus ni bu luaithe gu mòr na saighead o 
bhogha, chaidh sinn seachad air iomadh cuth 
dealrach, a bh' air an sgeudachadh le trusgain 
neo-hhàsmhor^ agus bha iad, mar gu 'm biodh 
iad, fo ìognadh air dhaibh mise fhaicinn a' dol 
seachad orra, do bhrìgh, mar shaoil leam-sa, 
gu'n robh mi air rao chèmhdach'le luideagan 
bochda, gròda na bàsmhorachd. Ach air do 
dh'Iunius mo thabhairt a dh'ionnsaidh mo mhà- 
thar, (oir shaoil leam gum b'i bh' ann, ged nach 
robh i ach mar chruth dealrach) thuirt e rium. 

Iimiuis. Beannachd leat, Ephenetuis ! rinn 
mise nise na dh' iarr thu orm, agus bithidh 
t'aingeal-iijil agad an ceart-uair, gu do threòr- 
achadh a rithist air t-ais do 'n t-saoghal shìos; 
agus cùimhnich, an uair a ruigeas tu 'n t-àite 
sin, nach sguir thu do chuir an cèill iongantasan 
cumhachdacha ghràidhdhiadhaidh achuir suas 
le t'anmhuinneachd ann an tomhas cho mòr, 
's gu 'n tug e comas dhut teachd do 'n ionad 
so, agus a bhi 'g amharc le d' shùilean corporra 
glòir neo-chorporra na muinntir beannaichte. 
Ephenet. Air do dh' lunius òirdeirc m' f hàgal, 



NO SEALLADH DE NEAMH. 101 

cbaidh mi ball dhireach adh' ionnsaidh a chruth' 
dhealraich a sheas fa m' chomhair, cruth a bha 
air a cuartachadh le boisgeannan de lainnir cho 
soiUseach, 's gu 'n robh e anabarrach glòrmhor 
'n am shealladh-sa. 'S gann a b' urra mi amh- 
arc air le cho ro dhealrach 's a bha 'ghnùis 
(cho dhiù' shaoil leam-sa sin,) a chionn 's 
gu'n dhearc mi air ni bu dùrachdaich na 
dh' amhairc mi air Eh'ah, no air lunius uasal : 
ach anns a' bharail gum b'i mo mhàthair a bh' 
ann, labhair mi mar so : — '' A mhàthair 
ionmhuinn, tha mi ro thoilichte t' f haicinn air 
do chòmhdachadh leis an trusgan dhealrach sin 
de ghlòir, mar aon de luchd-àiteachaidh nan 
ionadan beannaichte so de shonas agus de neo- 
bhàsmhorachd." 

Màthair, Ephenetuis mo ghràidh (ars mo 
mhàthair rium), air son mar tha mi, gun robh 
na h-uile cliù agus glòir do*n Tì sin a tha 'na 
shuidhe air an rìgh chathair agus do'n Uan, oir 
is Esan a mhàin a rinn mise an ni tha mi nise. 
An trusgan glòire tha thu faicinn umamsa cha 
n-eil ann ach ath-fhaileas dhe a bhoisgeanean 
dealrach fèinl O Ephenetuis! mar deanadh 
losa naomha, ar Fear-saoraidh a ta siorruidh 
beannaichte, mis' a chòmhdachadh air tùs 
le trusgan fìreantachd, cha chuirinn gu 
bràth an trusgan glòire so umam. Cha n-eil 
mi 'feòraich dhiot, Ephenetuis cionnas afhuair 
thu comas teachd do 'n ionad so; oir fhuair 
mi cunntas iomlan cheana mu thimchioll, o 






102 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD l 

Eliah, agus feumaidh mi aldeachadh gii 'n 
robh irioslachd na diadhachdanabarrach mòrdo 
d' thaobh leis a' chomas so thoirt dhut ; agus 
air son sin gu 'n robh cliù shiorruidh do Dhia. 
O Ephenetuis ! .cia cho lionmhor 'sa tha na 
cunnartan tro' am beil an caoimhneas nèamh- 
aidh a' toirt anmannan chum glòire ! Cha 
n-urrainnmismuaineachadhaira*ghràdhdhiadh- 
aidh ach leis na beachdan is ro ionmholta : 
cho fagus sa bha mi aon uair air sgrios 
siorruidh! bha mi aon uair " ainniseach, agus 
dall, agus lomnochd; air mo thilgheadh a mach 
chum gràin m' anma, agus am' laidhe salach 
'n am' fhuil is 'n am' shalcharfèin :" ach O! an 
caoimhneas saibhir a nochdadh dhom-sa anns 
an staid thruaigh, bhrònaich ud, agus gidheadh 
rinn e dhomhs e na àm gràidh, *' dh' ionnlaid 
e mi o' m shalchar uile, agus ghlan e mi o m' 
pheacannan !" Bha mi aon uair 'n am dhòrch- 
adas uile, ach, O mhiorbhuile shona! tha mi 
nise làn de sholus, agus de ghràdh, agus de dh' 
aiteas : bha mi aon uair ainniseach agus truagh, 
ach a nise tha mi air mo dheanamh saibhir 
leis na h-uile ni is urrainn na flaitheas a thabh- 
airt, no is urra' mi ghabhail : bha mi aon uair 
lomnochd agus fosgailtedo nàire,ach tha mi nis' 
air mo chòmhdachadh agus air mo dheanamh 
mhaiseach le trusgan soluis agus le glòir. 
Bha mi aon uair fo bhinn sgaraidh bhith- 
hhuan o'n làthairPHchd dhiadhidh, ach a nise 
tha mi mealtainn Dhè, an Tì gur e mhàin 



NO SEALLADH DE NEAMH. 103 

iiìo hheatha, ra' aoibhneas, agus mo mhath is ro 
airde. O cia cho taitneach 's a tha e dhomh-sa a 
bhi sàmhlachadh na h-inbhe so a ta cho fada an 
aghaidh a chèile ! Agus O cia cho tlachdmhor 
sa tha latha dealrach na bith-bhuantachd an 
deigh òidhche cho dorch agus cho doinnion- 
ach ! Cia mar a tha beò fhaireachadh air na 
h-uilc ud a chaidh seachad a' toirt mothachaidh 
dhomh, air ro mheud an t-sonais a ta mi nis' 
a' mealtainn I agus tha so a' deanamh na h-al- 
leluia bith-bhuan a tha mi seinn d' am Fhear- 
saoraidh buadhach, ni's ro thaitnich' agus ni's 
ceòlmhoire. 

Ephenet. Feumaidh mi aideachadh gu 'n 
robh ioghnadh orm 'nuair chunnaic mi mo 
mhàthair ann am fònn cho aighearach agus cho 
naomha ; agus cha b* urrainn mi gun a ràdh, 
" O mhàthair ionmhuinn ! tha thu 'labhairt 
coltach ri aon a tha do rìreadh anns na flaitheas, 
agus aig am beil mothachadh air na sòlasan 
cumhachdach a tha thu sealbhachadh." 

Màihair. O Ephenetuis ! cha tigeadh dhut a 
bhi smuaineachadh gu 'm beil so neònach. 
'S e oibre cumhachdach iongantach a ghràidh 
agus a ghràis nèamhaidh a bhitheas na chus- 
bair òrain dhuinn gu siorruidh. 'S cha mhò 
thigeadh dhut "' mo màthair" a ràdh rinm-s' 
an so, ged a bha mi mar sin aon uair; oir tha 
leithid sin de chàirdeas air teireachdainn an 
so, agus tha na h-uile air an slugadh suas 
an Dia. Tì is e Athair mòr an teaghlaich 



104 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

nèamliaidh uile: agus innseam dhut, Ephene- 
tuìs, gu 'm beil thu gu mòr ni 's dìlse dhom-sa, do 
bhrìgh 's gu 'm beil thu gràdhachadh an Tigh- 
earna agus beò 'na eagal, agus tre chreideimh 
'na d' leanabh uchd-mhacaichte, na tha thu mar 
mhac a bh' air do bhreith o m' chorp-sa. 'S e 
ar tiodhlac is ro mhò an so, gu 'm beil Dia 
againn 'na thobar sonais, agus gur ann da 
thrid-san agus ann-san a tha sinn a sèalbhach- 
adh gach ni, an Tì sin a tha na chusbair 
cho freagarrach air na h-uile dòigh do ar 
comasaibh is ro fharsuinne gu leir, 's gu 'm beil 
smn, le b'ii 'ga mhealtaìnn-san, a' mealtainn 
nan uile ni is urrainn sinn iarraidh no smuain- 
eachadh. 

Ephenet Dh' fheòraich mi rithe an sin, an 
innsinn d'i ciamar dh' fhàg mi m' athair agus 
mo bhràithrean 's an t-saoghal shìos an uair a 
bha mi air mo thogail suas an so. 

Màthair. Fhreagair i, 'g ràdh, " cha n-eil mi 
'g iarraidh naìgheachd mar sin, o'n chuir 
mi dhiom a' cholainn chuir mi gach dàimh 
fheòlmhor dhiom mar an ceudna: ann an so 
tha Dia uile anns na h-uile dhomh-sa^agus cha 
n-eil cèile eile agam ach Fear-pòsda m' anma, 
an tì sin is maiseiche na clann nan daoine : 
agus a tha mhàin cho taitneach 's gu 'n iarr- 
ainn e, is ni 'm beil luchd dàimh' eile agam 
ach e. Is clainn aon Athar, agus is 
sèirbheisich aon Tighearna sìnn uile an so, 
agus 's e shèirbheis bheannaichte-san ar 



NO SEALLADH DE NEAMH. 105 

saorsa' iomlan : agus air an son-san a dh 
f hàg mi am dheigh 's an t-saoghal, dh' fhàg 
mi iad ann an earbsa Dhè, an tì sin 'na thoil 
mhaith 's am beil mise sona, ge b' e sam bith 'i^ 
àill leis. Ach bithidh mi subhach, agus ni mi 
gàirdeachas gu suilbhir, ma chì mi iad nan 
òighreachan air an òighreachd bheannaichte 
so: oir 'an sin bithidh mi dearbh-chinnteach 
gur e toil mhaith Dhè gu 'm biodh iad mar sin. 
Ach ma thèid iad air an aghaidh a' deanamh 
seirbhis do dh' eascaraid an slàinte, agus gu'n 
diùlt iad an deagh-ghean a tha 'nan tàirgse, 
agus le sin gu 'm bàsaich iad *nan as-creid- 
eamh, 'an sin bithidh Dia air a ghlòrachadh, 
agus 'na cheartas, agus 'na glòir-san ni mise do 
ghnà gàirdeachas. Ach, Ephenetuis ionmh- 
uinn, do bhrìgh 's gu 'm feum thusa dol sìos 
a rithist do 'n t-saoghal iochdrach, cha 'n 
urrainn thu do ghràdh agus t' eud a chum glòire 
Dhè a chur air aghaidh, a nochdadh air modh 
ni *s taitniche dha, no ann a bhi deanamh do 
dhìcheiU chum ara pilleadh o'n sligheachan 
aindiadhaidh : agus cba n-eil fios agad nach b'e 
sudaon dena crìochan air son anrobh an com- 
as sònraichte so air a thoirt dhut. 

Am feadh a bha mi mar so a còmhradh ri mo 
mhàthair, chaidh cuideachd mhòr seachad fa m' 
chomhair, air an sgeadachadh le trusganan fada 
geala, soiUeir mar dhealradh na maidne, ni bu 
shoiUeire gu mòr na ni sam bith a fhuair an 



106 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

t-ainm sin riamh, ai^ an robh air an cinn crùin- 
tean glòire, a bha soillseachadh le dealradh boisg- 
eil, agus gach aon dhiìi a' giùlan gheugan 'nan 
deas làmhan mar chomharradh air am buaidh; 
agus mar bha iad a dol seachad orm, chuala 
mi iad ag radh, " Slàinte d' ar Dia-ne a tha na 
shuidhe air an rìgh-chathair, agus do 'n Uan !" 
Agus bha cuideachd eil' ann, a bha 'g amharc 
rò ghlòrmhor, aig an robh an aghaidhean air an 
còmhdachadh le'n sgiathan, buidheann a ghabh 
mise an riochd ainglean, agus a thug freag- 
radh dhaibh-san ag radh, — " Moladh, agus 
gliocas, agus buidheachas, agus urram. agus 
cumhachd, agus neart, gu robh d' ar Dia-ne 
tre uile linntean na siorruideachd." Amen. 

Dh' f heòraich mi 'n sin, cò iad a' chuideachd 
mhòr ud a bha air an sgeudachadh le culaidh- 
ean cho ro gheal, agus le pailm bhuadhach 
'nan làmhan ? Agus dh' innseadh dhomh gu'm 
bu chuideachd òirdheirc de dJi -fhianalsean 
tiaomh' iad, a dh' fhuilig mòr àmhghar 'san 
t-saoghal, agus a leag sios am beatha " air son 
fhacailDè,agus air son an fhianais a chùm iad," 
agus a nis' " aig an robh an trusganan air an 
glanadh ann am fuil an Uain, agus aig an 
robh pailm 'nan làmhan mar chomharradh 
buaidhe." — Dh' fheòraich mi 'n sin cia as a 
thainig iad, agus dh' innseadh dhomh gu 'n 
tàinig iad o iochdar na h-altrach, far an robh 
iad a' glaodhaich, *' Cia f had, O ! Thighearna, 



NG SEALLADH DE NEAMH. 107 

naoimh, agusfhìrinnìcli, gus an toir thu breith 
eanas agus an diol thu ar fuil-ne orrasan a tha 
"chòmhnaidh air an talamh ?" 

Ephenet. Shaoil leam-sa gun robh a leithid 
de dh' fhois, agus de shuaimhneas, agus de dh' 
aoibhneas aig na naoimh uile ann an Dia an 
so, is nach robh e ceadaichte dhaibh smuaintean 
dioghaltach sam bith a bhi aca d'an co-chreut- 
airean: agus 'se thug dhomh a bhi cho mòr 'sa 
bharailsin, gu'n robh cho liugha dhiù'g ùrnaigh 
aìr son na muinntir a bha 'g an geur-leanmh- 
uinn 's an t-saoghal shìos, eadhon aig bonn na 
croiche, agus am feadh a bha iad fo làmhan an 
luchd-casgairt ; agus is iongantach leam gu 'm 
biodh a' chàil mhacanta sin air a h-atharrachadh 
an so. 

Màthair. Tha na naoimh gu fìrinneach a' 
mealtainn an so an f hois, agus an suaimhneas) 
agus an t-aoibhneas sin an Dia, agus se sin 
sùim an sonais uile : ach air dhaibh iad fèin a 
thoirt suas gu h-iomlan do thoil mhaith Dhè, 
cha 'n urrainn iad ach a bhi dùrachdadh gu 
'm biodh toil Dè air a co-lionadh anns na 
h-uile ni ; agus, uime sin, air dhaibh fios a bhi 
aca gure toil Dè «' àmhghar a dhioladh orra- 
san a chuir an teanndachd iad," agus gu' m 
beil a riìn air e fèin a ghlòrachadh, ann a 
bhreitheanas a leagadh sìos air an t-strìopaich 
ana-criosdail, a chuir i fèin air mhisg le fuil nan 
naomh, agus fuil naomh-fhianaisean losa, cha 
n-urrainn iad ach a bhi 'g iarraidh gu 'm biodh 



108 AN SAOGHAL A Ta RI TEACHD : 

toil Dè deanie, agus gu 'm bìodh ainm-san air 
a ghlòrachadh ; oir tha fios aca gur e so a' 
chrìoch a th' aige ann an cur breitheanais an 
gnìomh air an t-striopaich mhòir : oir an 
uair a bhitheas Babilon air tuiteam,bithidh òran 
nuadh air a chuir 'nam beul; agus an sin bithidh 
e air a ràdh, " Dean gàirdeachas os a ceann, o 
nèamh agus sibhse abstoil naomha agus f haidh- 
ean ! oir dhiol Dia sibhse oirre," seadh, an sin, 
seinnidhiad, "^ Aleìuia, slàinte, agus glòir, agus 
onair, agus cumhachd, do 'n Tighearna ar Dia! 
oir is fior agus is cothromach a bhreitheanas ; 
oir thug e breth air an t-strìopaich mhòir, a 
thruaill an talamh le 'strìopachas, agus dhiol 
e fuil a shèirbheisich fèin air a làimh ; agus 
uime sin molaibh ar Dia-ne sibhse uile is sèirbh- 
easich dha, agus air am beil eagalsan, eadar 
bheag agus mhòr !'' agus a rithist shèinn iad 
Aleluia. Mar sin cha n-eil an glaodhaich fo'n 
altair ! " Cia f had, O Thighearna, naomh 
agus fhìrinnich, gus an diol thu ar fuil-ne 
orrasan a ta chòmhnaidh air an talamh," o 
iarrtas sam bith air son dioghaltais, ach a chum 
is gu 'm bi Dia air a ghlòrachadh air son a 
bhreitheanas f irinneach. 

EphmeL Air dhomh innseadh dh'i gu'n 
robh mi làn thoilichte le 'freagradh, dh' iarr 
mi oirre innseadh dhomh ma bha na h-anm- 
annan beannaichte a tuigsinn nan gnothaich- 
ean a bh' air an cur an gnìomh 'san t-saoghal 
shìos, na'n robh buintinn sam bith aca riu. 



NO SEALLADH DE NEAMH. 109 

Màthair. Thug i ara freagradh so dhomh, 
's e 'n t-iomlan d' ar n-eòlas an so eòlas a chuir 
air Dia, tobar ar sonais uile ; ach a thaobh 
cùisean gach aon fa leth 'san t- saoghal, cha 
n-eil gnothach againne riu, 's cha n-eil 
fhios againn ciod iad, air dhuinn a bhi crìoch- 
naichte, ged a tha sinn air ar glòrachadh, ach a 
bhi làthair anns na h-uile àite, is buaidh 
shònraichte sin a bhuineas a mhàin do Dhia, 
"an Tì aig am beil na h-uile creutair follaiseach 
'na làthair/* Ged a tha socair agus dochair na 
h-eaglais air an talamh, ann a staid ainneart- 
aich air a nochdadh dhuinn leis na h-ainglean, 
a th' air an cur a mach " 'nan spioradan frith- 
ealaidh, chum frithealadh dhaibhsan a tha 'nan 
òighreachean air slàinte ;" agus leis na tha 
sinn a' fiosrachadh uap-san tha sinn air ar 
brosnachadh gu bhi 'g ath-nuadhachadh ar 
cliù dha-san a tha 'na shuidhe air an rìgh- 
chathair, agus do 'n Uan gu siorruidh feadh 
gach linn. Oir is ann air freasdal urramach 
Dhè, ann an teasairginn agus ann an dion 
eaglais, a tha sinn ag amharc leis an tlachd 
agus leis an toil-inntinn is àirde, agus a' moladh 
Dhè air son sin leis an aiteas ghràidh is ro mhò, 
a* mìannachadh mar an* ceudna gu 'm biodh 
a ghlòir-san agus sonas a phobuill, air an dean- 
amh iomlan le saorsa na h-eaglais uilc;, ni nach 
tachair gus an dean bean na bainnse i-fèin 
ullamh, agus gus am bi corp diomhair Chriosd 
air a dheanamh foirfe. 



110 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

EpheneL Thubhairt mi 'n sin rithe nach 
fheòraichinn ach aon ni eile (a thaobh s ^u 'n 
robh mi creidsinn gu 'n robh m' fhear-fùil ull- 
amh gu tighinn ga'm iarraidh leis,) agus is e 
sin, cionnus a bhaiad a' gnàthachadh na h<ùine 
san ionad àghmhor so, agus ciod e bu cho- 
luadar coitcheann dhaibh ri càch a chèile. 

Màthair. Fhreagair i mi 'g ràdh, O Ephe- 
netuis ! cia mar a tha 'n neul sin do bhàsmhor- 
achd a tha thu giiìlan fathast mu 'n cuart dut 
na leth-trom air do thuigse, eadhon anns na 
h-ionadan, dealrach so ! tha thu 'labhairt umainne 
mar gu 'm biodh sinne fathasd air ar còmh- 
dachadh le cuirp bhàsmhor, agus cha n-eil thu 
'toirt fainear gu'm beil " bàsmhorachd air a 
shlugadh suas le beatha" an so, agus gu 'm 
beil àm ar atharrachaidh gu siorruidh gun 
tighinn gun chrìoch. 'S fior gun amharas, 
gu'm beil moran ùine anns an t-saoghal shìos, 
a th' air a roinn 'na uairean, na laithean, 
'na sheachduinean, 'na mhìosan, agus 'na 
bhliadhnachan ; ach cha n-eil a leithid sin idir 
'an so, ni mò tha òidhche ann leis am biodh 
laithean air an comharrachadh, no idir 
reulltan cuairt-shiùbhlach chum àmanan na 
bliadhn' a riadhladh ; ach tha 'n t-aon ùine gun 
roinn de bhith-bhuantachd gun chrìoch an 
so ; uime sin, Ephenetuis, cha n-eil ùine r'a 
chaitheadh gu diomhain san àite so. 

Ach^a thaobh nah-earrainn eile de do cheist, 
Ciod e is còmhradh coitcheann dhuinn r'a 



NO SEALLADH DE NEAMH. 111 

chèìle ? 'se bith-bhuantachd a bheir freagradh 
iomlan do 'n cheist sin. Tha ni's leòir de dli' 
obair againn uile ra dheanamh tre linntean 
do-àireamh na siorruidheachd, agus sin cho ro 
thaitneach agus cho toillteannach, is gu 'm 
beil e araon a' ginntin ar gairdeachais, agus do 
ghnà 'ga mheudachadh. Ciod e is mò tait- 
neas do 'n anam no eòlas? Agus faodaidh tu 
an sin gu luath a thuigsinn cho anabarraeh 
fad' agus farsuinn 'sa tha 'n raon a th' againn' 
r'a shiubhal. Agus mar a tha ar n-eòlas a' fàs, 
is amhuil sin a tha ar cliù d' an Ughdar dhiadh- 
aidh ; oir is e so ar sonas sònraichte, gu 'm beil 
suidheachadh ar n-inntinnean uile anns an 
ionad &o, ge b' e air bith seòrsa, le rùn a 
bhi soilieireachadh ard-mholaidh agus cliiì na 
Trionaid do-labhairt. 

Ciacho liughade dh' iongantasan Dhè, Ephe- 
netuis, a th'air am foillseachadh ann an oibre 
na cruitheachd anns an t-saoghal, agus a tha 
fathast 'nan laidhe falaichte agus gun a bhi air 
an tuigsinn leis an luchd-rannsachidh is saoith- 
reachail! Cia iomadh ni a th' anns an t-saoghal, 
nach eil fhios agad-sa cionnas a tha iad air an 
deanamh, gidheadh tha fhios agad gu ro mhatli 
gu 'm beil iad deanta! Cò is urrainn innse 
cionnus a tha craobh a' fàs o ghrainein sìl, na 
flùran neònach iomadhathach a' cinntinn air 
cuiseig duaicnaidh meinbh, gun sgèimh sam 
bith ? Agus gidheadh, tha e soiUeir n'as leòir 
gum beil sud a' tachairt. 



112 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

Tha'n t-aobbar mu'm beil snàthad cùmpaisd 
a mharaich' a' ruith gu ard na cloich'-iìiil, agus 
mar thogas at t-òmar sràibhean o'n talamh na 
dhiomhaireachd a tha cuir boile air tuigse nan 
daoine bàsmhor' is geur-chuisich ged a tha e 
soilleir dhaibh gu*m beil iad mar sud a dlùth- 
achadh r'a chèile. Tha na nithe ud uile air an 
deanamh so-thuigseach dhuinne an so, agus 
tha.na crìochan diomhair air son am beil iad, 
fosgailte d' ar beachd ; mar an ceudna 'g ar 
gluasad suas chum a bhi le h-irioslachd nuadh 
a' cliìithachadh agus a moladh Dhè, a tha cho 
òirdhearc an gnìomh. 

Agus a rithist, tha ro mheud iongantach agus 
co-chòrdadh riaghailteach nan reulltan nèamh- 
aidh sin (a bhaspeuradairean baotha gu dhiomh- 
ain a gabhail os-làimh a bhreathnachadh), air 
am foillsachadh an so do' n t-sluagh bheann- 
aichte araon le 'n crìochaibh agus le 'n èifeachd, 
agus tha so g' ar lionadh leis an ioghnadh is 
mò, chum a bhi cliijthachadh an Dia a tha 
siorruidh beannaichte, air son oibribh iongan- 
tach uile. 

Cha n-e gu 'm beil an t-eòlas so againne le'r 
beachd-inntinnean a mhàin, ach tha e againn 
mar -an ceudna le tuigse ar ceudfathan ni a ta 
do ghnà a' meudachadh ar n-eòlais. Is cha 
n-eil mi idir ag ràdh, nach eil ar cumhachdan 
an so, air an cuir am farsuinneachd a' meudach- 
adh ar n-eòlais gu mòr le 'r beachd-inntinn mar 
iiia ceudna ; oir an so is urra sinne amharc 



NO SEAI.I.ADH DE NEAMH. 113 

le aon sealladh air ni 's mo na dheanamaid sa'n 
t-saoghal rè ioniadh bliadhna ; agus tha sinn air 
ar còmhnadh gu mòr a chum so a dheanamh 
le mòr luaths ar gluasaid. 

Ach a bharr air an sud uile, tha oibre freasd- 
ail cumhachdach Dhè, agus a ghliocas iongan- 
tach leis am beil e 'g àrd-riaghladh na h-uile 
cùis, na steigh a fhreagras ro mhath chum a 
bhi meòrachadh air do ghnà an so ; agus mar 
is mò a mheòraicheas sinn air 's ann is mò a 
gheibh sinn de dh* aobhar gu bhi do ghnà ag 
ardachadh ainm mòr glòrmhor Ughdair ar son- 
ais. Bha na beachd-smuaintean so, Ephenetuis, 
gu minig glè thaitneach dhomh-s' am feadh a 
bha mi anns an t-saoghal, far nach fhaca mi 
ach gu ro dhorch,agus anns an do chaillmimòr- 
an de am maise, do bhrìgh 's gu 'n robh mo 
thuigse ghearr-sheallach cho caochlaidheach is 
nach fhaicinn cian uam: ach a thaobh 's gu 'm 
beil mo cheudfathan beachdachaidh araon air 
air an cur am farsuinneach agus air an deanamh 
coimhlionta, agus gu 'm beil mi faicinn na nithe 
ud uile nach fhaca mi roimh ach gu ro neo- 
iomlan agus gu gearr-fhradharcach, nach saoil 
thu gur mò gu mòr mo thlachd agus mo thait- 
neas annta nise ? Cia mòr sa dh' f heumas 
gliocas a' Chruithear chumhachdaich a blii air 
ardachadh. air faicinn daoine gu dichiollach a' 
cur air adhaigh an innleachdan fèin, agus a' 
coilionadh an ana-miannan fèin gun spèis 
do ni sam bith eile ach iad eiki a thoileaeh- 



114 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD l 

adh ; agus gidheadh a bhi 'g amharc mar tha 
na nithe so uile air an ard-riaghladh chum a bhi 
'g oibreachadh amach toil mhaith Dhè, agus a 
toirt nithe gu crìch a bha o chian air an rùnach- 
adh leis, ged nach robh fhios aig na meadhon- 
aibh air a bheag sam bith dhe, is cubhaidh so 
gun amharas ris an Tì a tha '' iongantach 'an 
comhairle, agus òirdhearc an gniomh" — do'ri 
robh glòir, agus beannachd, agus moladh, rè 
linntean neo-chrìochnach na siorruidheachd. 

^S ann mar so a shònraich an t-Athair sìor- 
ruidh gu 'm bitheadh ar Slànaighear mòr air a 
bhreith ann am Betlehem, oir is amhail sin a 
chuir am fàidh Micah an cèill, ag ràdh, " Ach 
thusa a Bhetlehem Ephratah, ged a tha thu 
beagam measg mhìltean ludaih, gidheadh asad 
thig amach chugamsa, neach a bhios 'na uachd- 
aran air Israel, aig an robh a dhol amach o shean, 
o laithibh na siorruidheachd." Ach an uair 
a tharrainn an t-àmfagus 'san robh e gu bhi air 
a bhreith, bha 'n òigh bheannaichte a chòmh- 
naidh ann an Nasaret, maille r'a fear-pòsda, 
loseph, gun chrìoch 'sam bith eile ach gu 
'm biodh i air a h-aisead an.sin; ni a chuir- 
eadh an aghaidh na dh' innis am fàidh Micah, 
le deachdadh diadhaidh, o cheann fada; agus, 
uime sin, aig an àm-sa, chuir Ceasar Augustus, 
an t-ìompaire Ròmanach, òrdugh a mach gu 'm 
biodh a rìoghachd air a cìiir fo chìs, agus 
gach aon 'na bhaile fèin anns an d' rugadh e, 
agus sin araon daoine agus mnathan ; niar so 



NO SEALLADH DE NEAMH. 115 

b' eigin do *n òigh bheannaichte agus d' a 
fear-pòsda dol do Bhetlehem (leth-tromach 
mar bha i, agus fada mar a bha 'n t-astar) a 
chum is gu 'm bitheadh iad ann an sin air an 
cuir fo chìs a rèir mar dh' òrduich Ceasar, agus 
'an sin b' eigin gu 'm beirte Tighearna na beatha 
aig an àm sin, a rèir mar a rinn Micah an 
f hàisneachd. Cha robh ni sam bith a rùn air 
Ceasar, ach a mhàin airgead a thional ; agus 
gidheadb bha chrìoch sin a bh' aige-san, tre ard- 
riaghladh a' ghliocaisdhiadhaidhjairadheanamh 
na mheadhon gu coilionadh fàisneachd cìiis 
cho cudthromach a thoirt mu 'n cuairt ri 
breith a Mhesiaih. Tha leithid so de nithibh 
iongantach g' ar cur ann am fonn cumhachd- 
ach, gu 'bhi 'g àrdachadh a' ghliocais mhior- 
bhuileich leis am beil Dia ag ard-riaghladh a 
fhreasdail, an Tì sin a tha riaghladh na h-uile 
ni chum a ghlòire fèin, agus math a phobuill. 

B' aithne dhut-sa duine, Ephenetuis, anns an 
t-saoghal shìos, a rùnaich dol air turas a sheall- 
tainn air caraid, agus fuireach beagan laithibh 
'na thaigh, ach 'nuair a bha e dol air muin an 
eich, thuit e, agus bhrist e a chàs, ni a chuir 
stad air o' thuras, agus mheas e sin na dhoilgh- 
eas ro mhòr: ach ann am beagan laithean fhuair 
e sgeula gu 'n ghabh taigh a charaidMe sgioradh 
teine, is gu 'n do loisgeadh e leis na bh'ann 
de shluagh air an dearbh òidhche sin fèin anns 
an robh e 'n dùil cadal ann. Thugso air gu 'm 
fac e 'na thròcair, an ni a rnheas e mar ànihghar. 



116 AN SAOGHAL A TA RI TKACHD : 

agus gun do bhristeadh a chas chum a bhi mar 
mheadhon air a bheatha thearnadh. Dh' fhaod- 
adh iomadh sàmhla mar sud, de ghràdh agus de 
mhathas Dhè a bhi air an iomradh, ni air am 
beil beo-mhothachadh maireann aig na naoimh 
an so, 's a tha iad do ghnà ag aithris nan òran 
molaidh agus nan aleluaiah do Dhia agus do'n 
Uan. 

A rithist Ephenetuis, tha'n sluagh beann- 
aichte th' ann an so uile a buanachadh gu 
sior-mhaireanneach ann an sèinn ciiù do 'n 
Tì a thug iad 'na dheagh-ghean iongantach 
chum a ghlòire fèin. Tha sinne 's an ionad 
so a' faicinn gu soiUeir an t-sloc lèir>sgrios 
shiorruidh sin, 's an robh sinn cho ro choltach 
sinn fein a thilge, mar be gu'n robh sinn air ar 
bacadh leis-an. Is minig a dhùin e suas ar slighe 
le droighean, chum is nach rachadh sin air ar 
n-aghaidh chum lèir sgrios. Tha sinne, mar an 
ceudna, 'g aithris 'an so do chàch a chèile, gach 
caochladh dòigh leis an tug e sinn le' ghràs g' a 
ionnsaidh fèin, agus tha sinn a' co-fhreag- 
radh a chèile le aon luath-ghàire mhòir g'a 
chliùthachadh: agus am feadh a tha sinne mar 
so 'ga mholadh, tha e sruthadh a mach boisg- 
eanan de a ghràs oirnn, leis am beil sinn air ar 
co-chumadh n'is mò r' a choltas fein, an ni is e 
ar sonas is ro àirde. 

Mar so, Ephenetuis, fhreagair mi a' cheist 
mu dheireadh a dh' fheòraich thu dhiom, ceist 
a thuigeas tu ni'» fearr gu mòr 'nuair a bitheas 



NO SEALLADH DE NEAMH. IJJ 

tu air do chòmhdachadh le neo-bhàsmhorachd. 
Ach anns a' cheart àm, gluais gu cubhaidh air 
son an deagh-ghean a f huair thu ; agus na bi air 
do shèideadh suas leis na bha air fhoillseachadh 
dhut, ach thoir glòir a' ghràis do Dhia ; agus 
biodh an èifeachd so aig na chunnaic agus na 
chual thu, gu 'n gabh thu gràin dhiot fèin air' 
son cho dìblidh 's a tha thu. Tha abstol mòr 
nan Cinneach (a bha air a cheadachadh an so 
aon uair anns a choluinn, mar tha thu fèin) a 
cuir an cèill gu 'n tugadh dha sgolb ^san fheòil 
gu luath, air eagal gu 'm biodh e air 
ardachadh tliar tomhais le meud sa bh' air 
f hoillseachadh dha. Cumadh an eìseamplair so 
thusa mar an ceudna iriosal ; oir is e iriosìachd 
an dìdeann is fearr air do shon; oir iadsan atha 
'g an ìsleachadh fèin tha Dia 'g an àrdachadh, 
am feadh a tha e leagadh sìos nan uaibhreach. 
Ach tha mi faicinn V aingeal-iùil a' tighinn 
do t'ionnsaidh, agus uime sin, Ephenetuis, 
beannachd leat gus an tig thu rithist, agus 'an 
sin cha dealaich sinn tuille ni's mò. 

Ephenet, Cha luaithe a labhair i, na dh' 
f halbh i, agus bha*n cruth dealrach a thug suas 
o 'n t-saoghal shios mi gus an ionad shòlasach 
so a làthair maille rium, a thuirt rium, 'nuair 
a bha mi 'g ùmhladh dha — 

AingeaL Strìochd thu fèin do 'n rìgh-chathair 
(ars esan) agus ni h-ann dhomhsa — dh' innis 
mi dhut cheana gur mise do cho-chreutair, 
agus uime sin dean aodhradh do Dhia a mhàin, 



118 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

oir is Esan na aonar a tha aithrigh air aoradh. 
Na ghabh thu geur-bheachd air na h-ionadan 
nèamhaidh so a nise? 

Epkenet Fhreagair mi an sin, gu 'n do 
ghabh mi beaehd orra, agus gu 'n robh mi ach 
beag air m' èigneachadli gu dian le 'n glòir ; 
ach eadhon ann an so, nach b' urra mi amharc 
orra ach ann an cuid; bha 'n greadhnachas ro 
dhealrach, agus rolainnireach,air son mosheall- 
aidh gu amharc orra. Agus fòs, bha'nsealladh 
cho anabarrach taitneach, is gu 'm bu mhiann 
leam fuireach ann an àite gu siorruidh. 

AingeaL Tha òrdugh agam (ars an t-aingeal) 
gudoghiùlan arithistdo'nt-saoghalshios, is cha 
n-ann a mhàin a chum na talbhuinn o'n do thog 
mi thu, ach chum ionad phrionns' an dorchad- 
ais, gus am faic thu 'n sin duais a' pheacaidh, 
agus na dheasaich Ceartas air a bhros- 
nachadh, mar cheart bhreitheanas air son an 
ceannairc-san, leis am b' àiU iad fèin ardachadh 
os ceann rìgh-chathair an T: is ro airde. Ach 
na biodh eagal ort-sa air son sin, oir mar tha 
ìighdaras agam-sa gu do ghiùlan an so, 's 
amhail a th' agam mar an ceudna gu do ghiùlan 
a rithist air t' ais, agus t' fhàgail anns an 
t-saoghal shios o'n tug mi thu, gus an cuir thu 
dhiot do bhàsmhorachd ; agus an sin bithidh 
mise aon uairfathast' nam fhear-iùil dut gu do 
thabhairt do 'n ionad-sa, far am bi thu beò gu 
siorruidh maiUe ris an t-sluagh bheannaichte 
uile. 



NO SEALLADH DE NEAMH. 119 

Epkenet. Chuir na briathran m'a dheireadh 
a labhair an t-aingeal, mar gu 'm beadh, beatha 
nuadh annam ; ach' nam flaitheas fhàgail 
agus dol a rithist do 'n t-saoghal shìos, chuir 
so mulad mòr orm,. agus dh' fhagadh e ro 
dhubhach mi, mur b' e 's gu 'n robh f hios ag- 
am gu'm be toil mhaith Dhe a bh' ann. Ach 
dol a dh' fhagail nam flaitheas agus dol 
de dh' Ifrinn, 'se sin a thug air mo chridhe 
clisgeadh am chòm. Gidheadh, 'nuair a dh' 
fhiosraich mi gu 'm b' e sin toil mhaith Dhè 
gu'm bithinn air mo thoirt a rithist chum na 
talmhuinn agus an sin gu'n cuirinn dhiom bàs- 
mhorachd,agusarithistgubithinnair mo thogail 
suas do na flaitheas^ bha mi ann an tomhas 
beag air mo mhisneachadh, agus mhothaich 
mi annam fèin ìimhlachd iomlan do thoil Dhè; 
agus uime sin thuirt mi ri m' fhear-iùil, le 
ni-eigin dòchais, bithidh mise daonnan toileach, 
geilleadh do dh' òrdugh an Dè bheannaichte 
sin, a thug dhomh cheana fèin-fhiosrachadh 
cho mòr de a mhòr thròcair. 

Seadh an ifrinn iochdrach fèin 

Cha'n eagal leamsa beud 
Ma chì mi anns an àite sin 

Mòr làthaireachd mo Dhe. 

AingeaL Fhreagairm' f bear-coimhiddealrach 
mi, 'g ràdh, Ge b' e sam bith àite 'san deòn- 
aich an Dia beannaicht a làthaireachd, tha 
flaitheas an sin ; agus am feadli a bhios sinn 
an ifrinn, bithidh easan maille ruinn. 



120 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD: 

Ephenet An sin air ìimhladh sios domh fa- 
chomhairrìgh-chathairan Uile-chumhachdaich, 
ghiìilan m' aingeal-dhiona mi ni bu luaithe na 
smaoin, deich mìle 'ar f hichead de mhìltean fo na 
flaitheas rìoghail far am faca mi na lòchrain sin 
a tha sior lasadh anns nan nèamhan iormailt- 
each, 'nuair a chunnaic mi iad thuirt mi ri m' 
fhear-iùil dealrach, gu 'n cuala mi 'nuair bha 
mi air talamh gu 'n robh gach aon de na 
reulltan seasmhach ud 'nan saoghail, agus gu 'n 
robh mi creidsinn gu 'm faodadh iad a bhi mar 
sin, a thaobh am mòr mheud, gidheadh tha 
iad r an amharc o 'hj talamh ceart cho beag 
'sa tha 'n saoghal r'a amharc às an so, ged 
a tha 'n saoghal gun amharas, air f haicinn ni's 
dorcha an so na tha iadsan air am faicinn 
leo-san a th* air an talamh. Ach air dhomh a 
leithid de chothrom a bhi agam, bhithinn ro 
dheònach gu 'n innseadh tu dhomh am beil 
sud ceart. 

AingeaL Fhreagair m' fhear-coimhid deal- 
rach mi, 'g ràdh: Dha-san a tha Uile-cumhachd- 
achcha n-eil ni sam bith dodheanta; agus cha 
n-urrainnear crioch a chur roimh a neo-crìoch- 
nachd-san. Ghabh an Dia a tha siorruidh 
beannaichte ùine shea laithean a' cruthachadh 
an domhain, ach bha e comasach a dheanamh 
cho math ann an tiotadh, na 'm b' e sin a dheagh 
thoil fèin ; *s ann le neart a chumhachd a rinn 
se e; agus cha 'n urrainn neach sam bith innse 
na tha 'n comas a chumhachd-san ach e fèin. 



NO SEALLADH DE NEAMH. 121 

Ach air son a bhi dearbhadh o a chumhachd- 
san, gur e a thoil e, cha mhath am mìneachadh 
sin ann an ionad-fòghluim nam Flaitheas. Tha 
e deanamh na's àill leis, araon air nèamh agus 
talamh ; agus na nithe is àill leis f hoillseach- 
adh dhuinn, 's aithne dhuinne iad ; agus na 
nithe nach d' fhoillsich e mar sin, is diomhair- 
eachd iad a tha air an dùnadh suas 'na chomh- 
airle shiorruidh fèin, nithe a bhiodh na ladornas 
an-dana fheòraich le creutair sam bith. Cha 
n-eil teagamh nach eil e comasach cho liugha 
saoghal a chruthachadh 's a tha de reulltan anns 
an iormailt, na 'm b' e sin a thoil ; ach a thaobh 
is nacb d' fhoillsich e sin dhuinn fathast, cha 
n-e ar gnothach a bhi 'ga fheòraich. Am 
feadh a bha sinn a' còmhradh mar sud, ràinig 
sinn na crìochan as isle de 'n iormailt far ara 
faca mi àireamh mòr de chruthaibh uabhasach 
a bha oillteil dorcha 'nan coltas agus a theich air 
falbh o làthair m' fhir-iùil. 

Ephenet, 'Siadsudgu cinnteach, arsa mise, 
ciiid de dh' armailt na h-ifrinn, a tha cho dubh 
agus cho uabhasach 'nan dreach. 

Aingeal. 'S iad so, arsa m' f hear-iùil, cuid de 
na spioradan a thuit o'n chreideamh, agus a tha 
bith-shiubhal sìos agus suas *s an iormailt, agus 
air an talamh, mar leòghanan beucach, ag iarraidh 
cò a dh' fhaodas iad a sgrios ; agus ged a 
theich iad as a so, chì thu iad gu h-aithghearr 
^nan criochan cianaile fèin ; oir tha sinn a nise 
air eirthire sloc an dubh-aigin. 
u 



AN SAOGHAL A TA RI TEACHDj 



SEALLADH DE DH' IFHmN, 



PHEANAS AN T-SLUAIGH MHALLAICHTE. 



Chunnaic mì ann an ùine ghearr gu 'n robh 
briathran m' f hir-iùil ro f hìrinneach ; oir bha 
sinn gu luath air ar n-iathadh le dorchadas 
a bha mòran nì bu doilleire na*n òidhche, agus 
maiU ris a sin droch bhòladh mòran ni bu tachd- 
aidh na pronnasg loisgte; bha mo chluasan mar 
an ceudna air an lionadh le sgreadail uabh- 
asach nan spioradan mallaichte, air chor is 
gu 'n robh na pongan bu neo-fhonnmhoire, na 
cheòl binn an coimeas ris. 

AingeaL Tha thu nis', ars m' aingeal-dhion, 
air bruaich na h-ifrinn ; ach na biodh eagal 
ortsa o chumhachd an fhir-mhillidh, oir 
ni 'n t-ìighdarras a th' agamsa o rìgh-chathair 



124 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

ma glòire, do dhion o gach cunnart ; faodaidh 
tu chluinntinn an so bho dheamhnaibh, agus 
bho anmaibh dìte, na h-aobharan mallaichte 
thug a ehum lèir-sgrios neo-chrlochnach iad; 
agus mas math leat ni sam bith fharraid 
dhiù, feòraìch e, agus bheir iad freagradh 
dhut : cha 'n urrainn na deamhnan do dhoch- 
an, ged a b' àiU leo, oir tha iad ceanghailte 
leis an Tì sin a thug dhomhs an t-ùghdarras, 
ni air am beil fìos aca' fèin, agus air son am 
beil iad air chuthach, agus 'am frionas, a' 
beucail, agus a' cagnadh an slabhraidhean, ach 
sìn gu lèir an diomhanas. 

Bha sinn a nis' air teachd a steaeh do ehrìoch- 
an na h-ifrinn, a th' air a suidheachadh ann 
an doimhneaehd an dubh-aigein: an sin ann 
an loch de theine pronnaisg leaghta, ceanghailte 
le slabhraidh chruaidh le òrdugh seasamhach 
nam flaitheas shuidh Lucifer air eathair 
theinnteich ; agus a shiìilean uabhasach aMasadh 
ie corraieh ifrinneil, eho làn fraoieh 's a 
b'urrainn d' a phian elaoidhteach a dheanamh. 
Thug na spioradan bith-siùbhlach sin, a theich 
romhainn, mar a bha sinn a' tighinn o na 
Flaitheas, (mar thug mi fainear) sanas daibh 
gu 'nrobh sinne a' tighinn, agus chuir so ifrinn 
uile ann an comh-ghair, agus a thaobh so 
bhruchd Lueifer a mach na toibheuman a 
b'uabhasaich' an aghaidh an Dè bheannaichte ; 
air dòigh cho uaibhreach agus cho ardanach, is 
gu 'n robh e soilleir r' a fhaicinn gur e cumb 



NO SEALLADH DE DH* IFRIKN. J 25 

achd a bha dh' easbhuidh air, agus nach be fearg 
no gamhlas a dhùisg a mhiosgainn. 

Lucifer, Ciod e a b' àill le fear na stairirich 
a bhi aig' a nis' ? ars esan, tha mo f hlaitheas 
aige cheana, agus an t-slat rìoghail, shoill- 
seach sin^ a bhuineadh do 'n làimh so a ghiùlan: 
agus air son mo mhachraichean grianach neo- 
sheargta, m' òighreachd mhaiseach, tha e 'ga mo 
chumail ann an taigh dorch, dubhach, brònach, 
a' bhàis so ! Ciod, an àill leis ifrinn a thoirt 
uam cuideachd, *nuair a tha e 'g am mhaslach- 
adh an so? Och! na 'm faighinnse ach aon 
latha eile g' a fheuchainn, bheirinn crith air 
nanèamhan agus luasgainn a rìgh-chaithir dheal 
rach. Agus cha chuireadh a chumhachd uile 
eagal orm, ged a bhiodh lasraichean ni bu 
braise na iad so aige gu mo chuirannta. Agus 
ged rachadh an latha 'nam aghaidh, cha b' e sin 
mo choire-sa! Cha n-eil spiorad sgiathach fo 
chùpan nam nèamh is treubhaich a dhTheuch 
e fèin air son buaidh f haotainn na mise. Ach, 
Och 1 (ars esan le guth tiamhaidh) tha 'n latha 
sin air a chall; agus tha mis* air mo ghlasadh 
fo dhìte 'san àite chianail so; Ach tha e 'na 
nitheigin furtachd dhomh fathasd, gu 'm beil 
dòrainn a' chinne-dhaonna a' feitheamh air mo 
thruaigese; agusonachurrainnmi mochorraich 
a dhioladh air fear na stairirich, diolaidh mi 
orrasan e cho fad 's a th'ann am chomas. 

Ejìhenet, Bha mi fo uabhas le èisdeachd na 
cainnte mhi-naomha so ; agus cha b' urra nii 



i26 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

gun a rà'dh ri m' fhear-iùil, ** Nach ceart a tha 
'thoibheumai} air na dioladh !" 

AingeaL 'S e na chual thu o 'n spiorad 
€heannairceach so, araon a pheacadh agus a 
pheanas ; oir tha na h-uile toibheum a tha e 
brùchdadh an aghaidh nan nèamh a' deanamh 
ifrinn ni's teotha dha. 

Chaidh sinn an sin air ar n-adhart, am measg 
seallaidhean cianaile de dhoilgheas agus de 
dhòrainn neo-mheasgaichte, far am faca sinn 
dithis anmanan truagha air am pianadh le 
spiorad, a bha g'am bith-thumadh ann an loch 
teine agus pronnaisg a bha dol 'na chaoiribh, 
dearga am feadh a bha iadsan sa' cheart-uair a' 
"^oireachadh agus a' mallachadh a chèile, 
Aon dhiu ag ràdh r' a chomh-fhear-fulangais 
claodhte, " O gu ma mallaichte gu'n robh t'agh- 
aidh 's truagh nach robh mi gun mo shììilean 
a shocrachadh riabh ort! 'S e mo thruaigh- 
sa a bhi 'nad chuideachd; faodaidh mi a bhi 
'nad chomain-sa air son so, 'se do chomhairlean- 
sa a thug 'an so mi ; 's tus' a bhrosnaich mi ; 
's tu a chuir anns an ribe so mi, 's e do ghion- 
ach agus do mheaìltaireachd-sa, agus t' fhoir- 
neart agus do bhleth air na bochdan, a thug 
mis' an so. Na 'n robh thu air toirt eiseamplair 
mhath dhomh-sa, 'nuair thug thu 'n . droch 
eiseamplair dhomhdh' fhaodainn, air son na tha 
dh'fhios agam, a bhi anns na flaitheas, agus a 
bhi ann an sin cho sona 's a tha mi -nise cho 
truagh ; ach, Och an truaghan a tha mi ann 



NO SEALLADH DE DH' IFRIN^'. 127 

's e mi leantinn do cheuman-sa a thug gus 
an staid dhòrainneich so mi, chum an lèir- 
sgrios shiorruidh ! O nach robh mi riamh gun 
do ghnùis f haicinn! O nach robh thu fathast 
gun bhi air do bhreith, mu'm biodh m' anam air 
a mhilleadh leat, mar tha e!" 

Fhreagairan truaghan eile, "Agus nachfhaod 
mise do choireachad-sa cho math ? Oir nach 
cùimhne leat mar a rinn thu mo mhealladh 
anns an àite ud agus aig an àm ud, 'nuair a 
tharrainn thu mach mi agus dh' fheòraich ihu 
dhiom an rachinn còladh riut, an uair a bha mi 
mu thimchioll gnothaichean eile, agus a' feith- 
eamh air mo ghairm laghail ? Ach thugthusa 
leat air falbh mi, agus uime sin tha thu cho fad 
anns a choire rium-sa : ged a bha mise gion- 
ach, bha thus' ardanach ; agus ma dh' ionn- 
saich thusa gionach uamsa, tha mi cinnteach 
gu 'n d' ionnsaich mise uatsa ardan agus misg, 
ugus ma dh'ionnsaich thusa mealltaireachd 
liamsa, dh'ionnsaich mise strìopachas, breug- 
a»n, agus fanaid air maitheas Dè uatsa. Mar 
sin, ged a chuir mise mearachd thusa ann 
an cuid de nithe, gidheadh chuir thusa cho fada 
mearachd mise ann an nithe eiie ; agus uime 
sin ma tha thusa 'ga mo choireachadh-sa mar an 
ceudna. Agu^ ma 's èigin dhomh-sa freagairt 
air son earrann dhe do dhroch ghniomharradh- 
sa, 's eigin dhutsa freagairt air son earrann 
de mo chud-sa. B' fhearr ìeam nach robh 
thu rìamh air tighinn an so, tha do dhearbh 



128 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD: 

aogais a' lot m'anma, ann an toirt ciont as ùr 
gu'm inntinn: 's ann maille riut-sa pheacaich 
mi. O doilgheas m' anma! Agus o nach b'urra' 
mi do chuideachd a sheachnadh an sud, O 's 
truagh nach robh mi gun a mealltainn an so !" 

Bhreithnich mi air ball o'n chòmhradh mhul- 
adach so, gu 'm bi iadsan a tha peacachadh an 
comunn a' chèir air an talamh, air am pean- 
asachadh an comunn a chèir ann an ifrinn. 
Agus ged bu toigh leo a bhi 'n cuideachd a 
chèir air an talamh, gidheadh gur fuathach leo 
a bhi mar sin ann an ifrinn. Tha mi creid- 
sinn, gur e so an dearbh aobhar a thug air 
Dibhus, gu 'm bu mhath leis fo choltas spèis 
d' a bhràithrean, rabhadh athoirt dhaibh chum 
's nach tigeadh iad do 'n ionad phianail so; se 
ghràdh fèin, agus cha b* e gràdh dhaibh-san, 
a ghluais e ; oir na 'n rachadh iad an sud, 
bhiodh a mhualad-san air a mheudachadh, 

Ach bha seallaidhean ni bu chianaile de 
dhòrainn fathasd r'a f haicinn : oir air dhuinn 
an dà anam mhaliaichte so fhàgail a' coir- 
eachadh a' chèile, air son a bhi na 'n aobhar 
tiuaigh do chàch a chèile ; chaidh sinn ni 
b' fhaide air ar n-aghaidh ag amharc caoch. 
ladh seallaidhean cràiteach, agus, am measg 
chàich, bean aig an robh pronnasg lasarach 
air a chur sìos daonnan 'na slìigan le aon 
dhe na spìoradan peanajsachaidh ; nì a bha e 
deanamhle leithiddedh'an-iochd oillteil, gharg, 
is nach b urra mi gun a ràdh ris — 



NO SEALLADH DE DH* IFRINN. 129 

Ephenet. C'arson a tha thu gabhail a leithid 
de thlaehd ann ampianadh antruaghain bhochd 
sin, is gu ^m biodh tu mar so daonnan a' taom- 
adh an stùth lasaraich ifrinneil sin sìos *na 
slìigan ? 

Spiorad. Cha n-eil mi a' deanamh ach n'a 
thoiil i gu ceart, (ars an spiorad :) oir bha a' 
bhean so, am feadh a bha i anns an t-saoghal, 
na ban-daormunn cho spìocach, is ged a bha òr 
ni bu leòr aice, nach b* urrainn i bhi air a 
sàsachadh leis, agus uime sin tha mise nise ga 
thaomadh sìos 'na slùgan : bu choma le cò a 
mhealiadh i no cò a mhilleadh i, na 'm faigheadh 
i cuid òir; agus an uair a thòrr i r'a chèiie 
ionmhas na bu mhò na b'urrainn i chaitheamh 
gu bràth, cha leigeadh a gràdh do'n airgead 
leatha a chaitheamh urrad 's a bheathaicheadh 
i fèin leis na nithe a bhiodh feumail d'i ; oir 
is minig a shiubhail * le brù fhalamh, ged 
a bhiodh a pòcaid làn, mar deanamh i a 
lionadh air cosg neach eile ; agus air son a 
h-aodaich, cha d 'fhàs e riamh sean, no, ma 
dh' fhàs e mar sin, bha e air chuir le clùdan, 
cho tiugh 's gu 'n robh e cho duilich mir de'n 
cheud-aodach fhaotainn amach, 's a tha e 
am measg dhaoine fòghluimte na talamhuinn 
bun abhainn Nile fhaotainn a mach. Cha 
chumadh i taigh, air eagal gun togadh iad cìs 
dh'i : is cha ghleidheadh i a h-ionmhas fo 
làimh fèin, ìe eagal gu'n rachadh a creaeh ; 



130 AN SAOGHAL A TA KI TEACHD : 

's cHa chnireadh i mach aìr rìagh e gun bhann 
agus gun gheall math ga chionn, air eagal gu 
'm biodh i air a mealladh ; ged a bha i fèin 
mar bu tric a' mealladh na h-uile neaeh a b' urr- 
ainn i, bha i na ban-mhealltair cho mòr, 's gu*n 
mheall i corp fèin dhe a lòn, agus a h-anam 
de thròcair. Agus gidheadh cha robh aig an 
truaghan mhallaichte so ach aon phàiste nighinn 
'san t-saoghal shìos aig am f àgadh i e, agus thog 
i suas ì air doigh nach b' aithne dh'i feum a 
dheanamh dheth ni's mò na rinn i fèin. Agus, 
mar sin, o'n be'n t-òr bu dhia d'i air talamh, 
nach ceart gu 'm faigheadh i làn a broinne 
dheth ann an ifrinn. 

Ephenet. 'Nuair a sguir a fear-pianaidh de 
.abhairt, dh' f heòraich mi dh'i an robh na bha e 
'g ràdh mu dèighinn fior? Fhreagair i mi, 'g 
radh, Cha n-eil, cha n-eil mo chreach ! Cionn- 
as gu do chreach.^ (arsa mise.) Seadh, gu mo 
chreach (ars' ise); a thaobh 's na'm biodh na 
tha m'fhear-pianaidh 'g innseadh fìrinneach, 
gu 'm bithinn na bu toilichte na tha mi. Tha 
e cantainn gur òr a tha e taomadh 'n am 
shlùgan ; ach tha e na dhiabhol meallt' agus 
a' labhairt nam breug ; na 'm b' òr a bhiodh 
ann, cha deanain-sa gearan am feasd; ach tha 
e ga m' mhealladh, agus an àite òir, cha 'n-eil 
e toirt dhomh ach pronnasg gràineil breun ; 
na'm biodh m' òr agam, bhithinn sona fathasd, 
air am beil n'a h-urrad do dhèigh agam is nam 



NO SEALLADH DE DH' IFRINN. 181 

biodh e agam an so, gur gann a bheirinn *am 
malart e air son nam flaitheas, agus air son a 
bhi air mo ghiùlan às a' so. 

Cha b' urra rai gun innse do m' f hear-iiiil 
gu 'n robh uabhas orm ag èisdeachd creutair 
truagh, ann an ifrinn fèin, sl toirt a leithid so 
de ghràdh d'a h-earras, agus sin cuideachd am 
feadh a bha i an làmhan a fir-pianaidh. 

JingeaL Faodaidh so (ars' esan) a dhearbh- 
adh dhut gur peacadh e a tha na olc ni's mò 
na gach olc eile ; agus far am beil gràdh de 
stòras a buadhachadh, tha 'n t-anam sin caillte 
gu siorruidh ; agus uime sin 's e bhi air 
toirt thairis de ghràdh a' pheacaidh am peanas 
is mò de na h-uile peanas. Tha gràdh an òir 
(d' am beil an creutair mallaichte so air a tabh- 
airt thairis) na pheanas ni's claoidhtich' agus 
ni's pianaile dh'i, no am peanas leis am beil na 
spioradan mi-naomh-sa ga claoidh. 

Ephenet, O (arsa mise) na'm b'urrainn daoine 
eucorach an t-saoghail, ach an cluais a chumai) 
rè tiotadh ri beul an Topheit so, agus gu *n 
cluinneadh iad sgreudail uabhasach nan anmanan 
mallaichte, cha b' urrainn iad gràdh a thoirt do 
pheacadh a rithist. 

Aingeal, DhMnnis an fhìrinn an t-atharrach 
dhuinn ; oir iad-san air nach eil eagal a luchd- 
teagaisg-san, agus nach toir spèis do na th' air 
a chuir sìos 'na f hacal, cha ghabhadh iad sanas 
ged a thigeadh neach o ifrinn. 

Cha tainig sinn ach beagan air ar n-aghaidh 



132 AN SAOGHAL A TA Rl TEACHD: 

'nuair a chunnaic sinn anam brònach 'na laidhe 
air leabaidh do phronnasg loisgeach, air a 
thachdadh ach beag le bòladh gràineil, uabh- 
asach, agus a' buralaich mar aon ann an dòrainn 
mhuladaich, le gearan searbh ea-dochais, ni a 
thug dhomh iarraidh air m'fhear-iùil fuireach rè 
tacain, a chum 's gu 'n cluinninn ni b' fhearr 
na bha e 'g ràdh; agus air dhuinn fantainn, 
chuala mi e ri tuireadh truagh, mar a leanas — 
" Ah, is creutair truagh mi! Cailte gu bràth 's 
gu siorruidh ! O na briathran guineach so gu 
siorruidh ! nach leòir mìle de mhiltibh bliadh- 
na gus am pheanas so f hulang, pìan, na 'm 
b'urrainn mi a sheachnadh, nach f huiliginn aon 
tiotadh air son mìle de mhìltean saoghal ? Cha 
bhi ! cha bhil crìoch air mo thruaigh-sa gu 
siorruidh ! an deigh do na mhìltean de mhìl- 
tean bliadhna dol thairis, 'se gu sìorruidh a 
bhios ann do ghnà ! O staid gun sòlas, gun 
chòmhnadh gun dòchas d' a rìreadh ! *Se gu 
bith-hhuan so ifrinn nan ifrinn. O mo thruaighe ! 
mallaichte ! mallaichte I trid nan linntean sior- 
mhaireannach uile! Chotoileach 's a sgrios mise 
mi fèin I O an amaideachd anabarrach de 'n 
robh mise ciontach, roghainn a dheanamh de 
toilinntinn diombuan a' pheacadh, air chosg 
peanas siorruidh ! Cia tric 's a dh' innseadh 
dhomh gur ann mar so a thachradh ! Cia minig 
a sparradh orm ceuman a' pheacaidh a thrèig- 
sinn, a dheanadh gun teagamh mo ghiùlan 
a chum seòmaraichean a' bhais shiorruidh I 



NO SEALLADH DE DH' IFRINN. 133 

Ach bha mise, mar an nathair bhodhar, cha 
d'aom mi mo chkiais ris an luchd-ciùil ud, ged 
a chluich iad gu leadarra, binn. Dh'innis iad 
dhomh gu tric, gu 'n crìochnaicheadh mo thoil- 
inntinndhiombuan gu h-aighearr ann am peanas 
bith-bhuan ; agus a nise tha fèin-f hiosrachadh 
bhrònach ga innse dhomh, tha e ga innse dhomh 
d'a rìreadh, ach tha e ro anamoch gu leasach- 
adh, oir tha mo staid bhith-bhuan daighnaichte 
gu siorruidh. C'arson a thugadh ciall reusanta 
dhomh? C'arson a rinneadh mi /nam anam 
neo-bhàsmhor, agusgidheadh gu 'n cuirinn cho 
beag suime ? O cia mar tha mo neo-chùramfèin 
ga mo lot gu bàs, agus gidheadh tha fios 
agam nach urrainn mi, nach fhaod mi bàsach- 
adh! ach a bhi beò da m' chlaoidh gu siorruidh 
ni tha ni's measa na deich mile bàs ; agus gidh- 
eadh, dh' fhaodainn aon uair so uile a leasach- 
adh, ach cha b'àill leam ! O 's e sin a chnuimh 
chnàmhain nach bàsaicham feasd! — Dh' fhaod- 
ainn aon uair a bhi sona ; bha slàinte air a 
tairgse dhomh, agus chuir mi cùl rithe. Och ! 
ged nach biodh i am thairgse ach aon uair agus 
gu 'n diùltainn i, b' amaideas e nach robh 
aithrigh air mathanas, ach bha i air a tairgse 
dhomh mìle uair, agus gidheadh (an truaghan 
a bha mi ann) dhiìilt mi cho tric sud i. O 
am peacadh mallaichte, a tha le a thoiHinn- 
tinn mheallt' a' cur a' chinne-dhaonna chum 
sgrios bith-bhuan! Ghairm Dia gu tric, ach 
dhiùlt raise e cho mini^^ ; shìn e mach a làmh, 



134 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

ach cha do chuir mise suina 'an sin. Is tric a 
chuir mi suarach a chomhairl ! Cia cho tric 's a 
dhearmaid mi achmhasanl Ach a nis' tha 'n 
sealladh air a mhùghadh, agus a' chùis air a 
h-atharrachadh ; oir tha e nis' a' gàireachdaich 
ri mo thruaighe, agus a' fanaid air mo lèir-sgrios. 
Bheireadh e cobhair dhomh aon uair, ach aig 
an àm sin cha ghabhainn còmhnadh uaithe, agus 
uime sin na truaighean bith-bhuan-sa tha mi 
gu f hulang fo bhinn mo dhìtidh, cha n-eil annta 
ach ceart dhioladh air son na rinn mi fèin. 

Cha b' urrainn mi 'n tuireadh dòlasach so, 
a chluinntinn gun a bhi beachd-smuaineachadh 
air an deagh-ghean iongantach a nochd an Dia 
a tha siorruidh beannaichte dhomh fèin : cliù 
shiorruidh gu 'n robh d' a ainm naomha-san ! 
Oir dh'innis mo chridhe dhomh gu 'n robh mi 
ceart cho toillteannach air a bhi am chusbair 
d'achorraich bhith-bhuan ris an truaghan dhona 
so. agus 's e dheagh-ghean a mhàin a rinn an 
' (^adar-dhealachadh. 

O 's do-rannsaicht' a chomhairl' chaomh ! 
Cò thomaiseas a reachdan naomh' ? 

An deigh dhomh a bhi beachd-smuaineach- 
adh mar so, labhair mi ris an truaghan dhòlas- 
ach, ghearanach ud, agus dh* innis mi dha gu'n 
cuala mi a thuireadh tùrsach ni leis an do thuig 
mi gu 'n robh a mhulad ro mhòr, agus a chall 
do-leasaichte, agus thubhairt mi ris gu 'm bith- 
inn deònach gu 'n innseadh e dhomh ni bu 



NO SEALLADH DE DH' IFRINN. 135 

rabionaidiche mu thimchioU : ni a dh' f haodadh 
theagamh a dhòrainn a lùghdachadh. 

Anam mallaichte, Cha lùghdaich, cha lùgh- 
daich idir : tha mo phiantan cho truagh is 
nach ceadaich iad lasachadh sam bith ; cha 
cheadaich, cha cheadaich air son an tiotaidh is 
lugha. Ach leis a cheist a dh' fheòraich thu, 
tha mi tuigsinn gur coigreach an so thu ; agus 
gu m bi thusa mar sin gu siorruidh. Och I 
nam biodh agamsa fathast ach an dòchas bu 
lugha air f hàgail, cia mar a strìochdainn, 's mar 
a ghlaodhainn, agus mar a bithinn gu siorruidh 
*g ìirnaigh air son gu bithinn air mo shaoradh 
o'n ionaddhòrainneachso! Ach,Och: isdiomh- 
ainn sud uile. Tha mi caiUte gu siorruidh 
Ach a chum is gu 'm bi thusa air t' fhaicill. 
o theachd do'n ionad-sa, innsidh mi dhut na 
tha 'mhuinntir mhalhdcht' a' fulang an so. 

Tha ar dòlasaibh anns a' ghainntir ifrinneil 
so de dha ghnè, 'se sin, na chaill sinn, agus na 
tha sinn a' fulang, agus cuiridh mi sìos gach aon 
dhiù fo cinn air leth; ged a bhitheas mo mhulad 
leis an eachdraidh dhubhach air amheudachadh. 

Anns d ckeud àite, uime sin, mu na ehaill 
sinn. 

1. Anns an ionad dhoilleir, chianail so de 
mhulad agus de dhòrainn, chaill sinn lathair- 
eachd an Dè tha siorruidh beannaicbte; agus 
'se sin a tha deanamh a' ghainntir so na ifrinn. 
Ged a chaiileamaid mìle saoghal, cha biodh e 
na chall eho mòr ris an aon chaiì so: oir na 'm 



136 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

biodh e so-dlieanta gn 'n tigeadh am boi!I. 
sgeadh bu lugh de a dheagh-ghean an so, dh' 
f haodadh sinn a bhi sona ; ach chaill sinn sin 
gu ar doilgheas siorruidh. 

2. Chaiil sinn mar an eeudna ann an so 
comunn naomh agus aingeal, agus cha n'-eil ag- 
ainn 'nan ionad-san ach aibhistearan claoidh- 
teach. 

3. Chaill sinn na flaitheas cuideachd an 
so, suidheachan nam beannachd. Tha sloc 
dhomhainn eadarnanèamhan agus sinne,ionnas 
gu 'm beil sinn air ar druideadh a mach a's an 
àit' ud gu siorruidh. Tha na dorsan siorruidh 
air am beil an sluagh bheannaicht'a'dol a steach 
gu sonas, air an dùnadh a nise gu bràth ann ar 
n' aghaidh-ne a ta chòmhnaidh an so. 

4. Chaill sinn 'an so mar an ceudna na h- 
uile co-mhothachadh ; agus tha so na chall ro 
mhòr do 'n t-sluagh mhallaichte : oir *s e gu'm 
beil an Dia sin, a tha cho iochdmhor do 
pheacaich, is gu 'n tug e a Mhac ionmhuinn 
i'èin gu bàsachadh air an son, cho fada bho cho- 
bhaigh a bhi aige dhuinn is gur ann a tha e a' 
deanamh gàirdeachas ri ar mulad, agus gii 'n 
dean e sud gu siorruidh, se sin a tha g'ar lot 
a dh'ionnsaidh ar cridhe, agus a thaobh so tha ar 
dòlas thar tomhas muladach. Agus ciod e as urr- 
ainn a bhi ni's an-iochdmhoir' agus ni's claoidh- 
tiche, no gu'm beil am Fearsaoraidh, a tha 
toirt a dhearbh fhuil air son muinntir eile, 
'g aicheadh bhàigh dhuinn ; ni mò bhith- 



NO SEALLADH DE DH* IFRINN. 137 

eas co-mhothachadh aig naoimh no aìng- 
lean ruinn, ach am feadh a tha sinne a glaodh- 
aich fo'r truaighe an so, fo chorraich Dhè bros- 
naichte, bithidh na naoimh mar an ceudna a^ 
deanamh gàirdeachais air son gu 'm beil sinn 
air ar dìteadh, agus tha Dia air a ghlòrachadh 
ann ar lèir-sgrios. Feuch toradh uabhasach ar 
peacannan I 

5. Chum a leigeadh ris dut gu 'm beil ar 
cor truagh n'as muladaiche na sud uile 
chaill sinn ar dòchas am a bhi tuilleadh ni's 
mò air n-ar n' aisig gu staid na's fearr, agus 
tha so a' fagail ar staid tur ea-dòchasach. Esan 
a tha 'san staid is deuchainnich' air an talamh, 
tha fathasd earbs' aige. Agus uime sin, tha e 
'na ghnà-fhacal coitcheann, " As eugmhais 
dòchais hristidh an cridhe» Cha n-ioghnadh 
mar sin ge do bhristeadh ar cridhe-ne, oir tha 
sinn an so araon gun chobhair gun dòchas. 

'S e so na chaiU sinn; agus is leòir a smuain- 
eachadh, chum ar n-anmaibh truagh' a reubadh, 
a bhioradh, agus a chnàmh gu siorruidh. 
Gidheadh, O nam b' e sud uile e ! Ach tha 
mothachadh againn air peanas mar a th' ag- 
ainn air call : agus o na leig mi ris dhut na 
chaill sinn, nochdaidh mi nise dhut na tha 
sinn a' fulang. 

Agus, anns a cheud àite^ Tha sinne ann an 
so a fulang iomadaidh ; tha sinn 'an so air ar 
claoidh air mìle, ni-eadh, ach air deich mile 
dòigh eugsamhail. Is ainneamh leo-san a tha 



138 AIS SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

fulang aìr an talarnh a bhi fulang ach o aor 
ghalar aig an aon àm : ach ged a bhiodh iad 
air am pianadh leis a phlàigh, le galar nan 
alt, galar-fuail, agus leis an teasaich, an aon 
uair, air cho muladach 's a mheasadh iad an 
staid, gidheadh cha n-eil iad sud uile 
ach mar sgobadh cuileig an coimeas ris na 
piantan guineach do-ghiùlain, a tha sinne a' 
fulang. Tha sinn a cruaidh-ghleachd ri 
gràinealachd eugsamhail na h-ifrinn uile % 
tha teine do-mhùchta 'an so g'ar losgadh ; 
ioch de phronnasg lasarach g'ar sìr thachd- 
adh ; slàbhraidhean bith-bhuan 'g'ar nasgadh ; 
tha dorchadas iomalach an so g'ar cur fo 
gheilt, tha cnuimh cogais g'ar cagnadh do 
ghnà, agus tha aon sam bith dhiù so na 's 
claoidhtiche r' am fulang, no na piantan ud 
uile a mhothaich an cinne-daonna gu lèir riamh 
air an talamh. 

2. Ach, mar tha ar piantan iomadaidh, is 
amhail a tha iad coitcheann mar an ceudna a' 
cràgh gach buill fa leth de 'n chorp, agus 
a claoidh uile bhuadhan an anma, ni a tha 
deanamh na tha sinn a' giùlan do-f hulang anns 
an tomhas is ro mhò. Anns na galairean sin 
uile do 'm beil sibhse a dhaoìne buaiheach a 
th'air an talamh, ged' fhaod cuid de bhuill 
a bhi fulang, gidheadh tha cuid eile saor o 'n 
phian ; ged bhiodh do chorp tinn faodaidh 
do cheann a bhi slàn ; agus ged bhiodh do 
cheann goirt, gidheadh faodaidh do chol- 



l 



SEALLADH DE DH* IFRINN. 139 

ann a bhi saor; agus ged bhiodh do cholann 
a' h òrdugh, faodaidh do làmhan agus do 
chàsan a bhi slàn. Ach tha e air mìighadh 
dòigh an so, oir tha gach ball fa leth de 'n 
jinam agus de 'n chòrp air an claoidh aig an 
aon uair. 

Tha *n t-sùil air a cràdh le amharc nan 
diabhol, a tha r'am faicinn anns na h-uile cruth is 
uabhasaich,agus gach dreach is duaicnidh, anns 
an urrainn am peacadh an cur. Tha 'chluais 
do ghnà air a bioradh le sgreadail oillteil agus 
ulfhartaich gun sgùr an t-sluaigh mhallaichte. 
Tha na cuinneinean air am mùchadh le caoiribh 
pronnais ; an teanga le builg loisgeach ; agus 
an corp uile air ioman ann an lasraichean de 
theine leaghta. Agus tha uile chumhachdan 
agus bhuadhan ar n-anmaibh air ampeanasach- 
adh air a mhodh cheudna; tha ar mac-meanm- 
ainn air a chlaoidh le smuaineachadh air ar 
pian 'sa cheart àm, tha mheoghair air a call le 
smaointeachadh air na flaitheas shòlasach a 
chaill sinn, agus na cothroman a bh' againn air 
a bhi air ar sàbhaladh. Tha ar n-inntinnean 
air an claoidh le a bhi toirt fainear cho diomh- 
ain sa chaith sinn ar n-ìiine luachmhor, agus 
mar a mhi-ghàthaich sinn ar cothroman. Tha 
ar tuigse air a cràdh le smuaineachadh air na 
cusbairean taitneach a bh' againn 'san t-saoghal, 
agus air ar pian a nis: agus na dòrainnean a tha 
ri teachd 'sa mhaireas gu siorruidh; agus tha 



140 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

ar cogaisibh aìr an claoidh le cnuimh a tha 
g'an sìr chnàmh. 

3. 'Se ni eiìe a tha deanamh ar truaighean 
do-ghiiìlain, anabarr meud ar peanais : tha 'n 
teine tha g' ar losgadh cho garg, is nach b'urr- 
aìnn na tha dh'uisge 'sa chuan gu bràth a chasg; 
tha na piantan a tha sinn a' fulang an so cho 
anabarrach is gu 'm beil e do-dheanta do 
neach sam bith an cuir an cèill ach iadsan 
a mhàin a tha 'g am mothachadh, ni as gann a 
b' urrainn neart aingil a ghiùlan. 

4. 'S ni muladach eile de ar truaighean buan- 
tas ar dòlasan : cho eugsamhail, cho coit- 
cheann, cho dian gharg 's tha iad, tha iad 
buan-mhaireannach cuideachd; is cha mhò 
a tha 'm fosadh is lugha againn uapa ; tha ar 
dòrainnean araon dian-gharg agus sin do ghà. 
Na 'm biodh an lasadh bu lugh' againn uapa, 
dh'fhaodadh gu'm biodh rudeigin saors'againn; 
ach is ann a tha ar staid ro bhrònacn, do bhrìgh 
is nach eil am faothachadh is lughaagainn fo ar 
fulangasaibh, agus na dòlasan fo 'm beil sinn 
gur eigin duinn am fulang trid uile linne na 
bith-bhuantachd. 'Se so is aobhar do 'n mhi- 
rùn a tha 'g èirigh ann ar cridheachan an 
aghaidh Dhè, agus tha ar fuath do Dhia a 
cumail ar dòlais oirnne gu siorruidh. 

5. Tha 'n comh-chomunn a th' againn 
an so mar an ceudna na earrann eile de ar 
iòlas. ""be aibheistearan peanasachaidh, agiis 



NO SEALLADH DE DH' IFRINP9, 141 

anmanan cràiteach, as cuideachd dhuinn; agus 
'se ulfhartaich agus sgreadail uabhasach, le 
ro mheud ar pèin, agus mionan oilìteil malì- 
aichte an aghaidh an Tì gur e a chumhachd 
agus a cheartas a tha g' ar coimhid an so, 
ar coluadar uile. Agus tha peanas ar co-luchd- 
fulangais an so, cho fada bho ar truaighe a lìigh- 
dachadh is gur ann a tha e gu ro mhòr a' meud- 
achadh ar piantan. 

6. Tha 'n t-ionad 'sam beil sinn a fulang na 
earrann eile dhe ar cruaidh-chas : is e co- 
thional gach truaighe, prìosan dorcha dubh- 
aigin, ìoch de theine agus de phronnasg, 
àmhuinn theinteach a tha dian lasadh gu siorr- 
uidh, dubh dhoilleireachd dorchadais bith-bhuan ; 
agus fa dheireadh, ifrinn fèin a th' ann. Agus 
is èigin gu 'm meudaich ionad cho dòlasach so 
ar dosgainn. 

7. Tha ain-iochd ar luchd-pianaidh na ni eile 
tha meudachadh ar dòlais ; tha ar luchd- 
claoidh 'nan diabhoil anns nach eil tliis, ach, 
air dhaibh fein a bhi air an cràdh, tha iad mar 
sin a' gabhail tlachd ann a bhi g'ar claoidh-ne 
mar an ceudna. 

8. Tha gach ni fa leth dhiìi sud a dh'ainm- 
aich mi ro chràiteach ; ach 's e tha g' an dean- 
amh ni's ro chràitich, gu 'm bi iad mar sin gu 
siorruidh ; agus gu mair ar fulangasaibh is do- 
iomchair uile, fad uile bhith-bhuantachd. O 
staid thruagh dhaoine ! a bhi 'nan cusbairean 
sior-mhaireannach air ceart dhioghaltas Dhè. 



142 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

" Imicbìbh uam, a shluaigh mallaichte, a dh' 
ionnsaidh an teine shiorruidh 1" 's e sin a tha 
na shèirm do ghnà am chlwasan. O nach ann 
a b' urra mi a' bhinn mharbhtach sin atharrach- 
adh ! O na 'm biodh e ach air eigin so-dheanta! 
Ciod e nach deanainn agus nach fhuiliginn 
chum a h-atharrachadh ? Agus gidheadh cha 
n-eil e 'n comas an Uile-chumhachdaich mo 
pheanasachadh ann an tomhas n' as mò na tha 
mi nis' a' fulang. Ach 'se gur eigin gu 'm 
fuilig mi e mar so gu siorruidh, an ni nach 
f hios domh cionnas a ghiùlanas mi e ; agus 
gidheadh feumaidh mi fhulang tre bhith-buan- 
tachd gun chrìch. Mar so nochd mi dhut an 
staid dhòrainneach 'sam beìl sinne, agus anns 
am bi.sinn, gu siorruidh. 

'S gann a chuir an t-anam truaghsa crìoch 
air na bha e 'g ràdh, mu 'n robh e as ùr air a 
phianadh le spiorad ifrinneil,a thuirtrisle bagar 
sgur de ghearan, oir (ars esan) tha e dlomhain 
dhut ; agus a thuilìeadh air sin, nach eilf hios agad 
gu 'm beil thu ro thoillteannach air so uile ? Cia 
minig a dh'innseadh dhut roimhe mu 'n staid so, 
ach cha b'àill leat an uair sin a chreidsinn? ìs 
ann a bha thu fanaid orra-san.a bha 'g innseadh 
dhut mu ifrinn, agus cha n-e sin a mhàin,.>ach 
bha thu cho ladorna 's gu 'n robhthu toirt dùlan 
do cheartas an Uile-chumhachdaich, agus g'a 
bhrosnachadh gu do sgrios ! Cia tric s'a dh'iarr 
thu air Dia do mhallachadh ? agus am beilthu 
nis' a' gearan air son gu 'n d' f huair thu freag- 



JVO SEALLADH DE DH' IFRINN. 143 

radh a rèir na bha thu guidhe^? nach mi-reus- 
ant' an ni gu 'ni biodh tu cho tric ag iarraidh do 
mhallachadh, agus gidheadh a nise cho anshoc- 
rach g'a ghiiìlan? Tha thu fèin ag aideachadh 
gu n robh slàinte ann a d' thairgse, agus gu 'n do 
chuir thu cùl rithe ; ciod an aghaidh uime sin, 
leis an urrainn thu a bhi gearan air do phian ? 
Tha n'as mò de dh' aobhar gearain agam-sa no 
th' agad-sa, oir bha ùine f hada air a bàirigeadh 
ortsa chum aithreachaìs, ach bha mis' air mo 
thilgeadh do dh' ifrinn cho luath 'sa pheacaich 
mi ; bha slàint' air a nochdadh dhut-sa, agus 
mathanas gu tric' air a thairgse dhut ach cha 
robh tròcair riamh air a tairgse dhomh-sa, 
agus bha mi air mo tabhairt thairis cho luath 
'sa pheacaich mi do pheanas siorruidh : na 'm 
biodh slàinte am thairgse, cha chuirinn cho 
suarach i 'sa chuir thus ; agus b' fhearr 
dhut nach robh i riamh 'na d' thairgse, oir 
an sin bhiodh do pheanas ni bu sho-iomchair 
Co a tba thu a smuaineachadh aig am 
biodh truas riut, leis am b'àill a bhi air do 
mhallachadh a cheart aindeoin nam flaitheis 
fèin ? 

Thug so air an truaghan glaodh amach, O na 
bnanaich mar soair mochlaoidhl tha fhiosagam 
gur ann uam fèin a thamo sgrios : O nach ann 
a b' urrainn mi sin a dhi-chùimhneachadh ! 'Se 
na smuaintean sin mo phlàigh is ro mhò an so: 
b' àiU leam a bhi air mo mhallachadh, agus uime 
sin 's amhail a ta mi nise gu ro cheart 



144 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD 

An sìn air dha tionndaidh ris an Spiorad a bha 
ga phianadh,thubhairt e, Ach'sanntriddo bhu- 
airìdhean-sa, a dhiabhoil mhallaichte a thainig 
mi'nso; 'stusabhuairmi chum na h-uile peacadh 
a chiontaich mi ; agus am beil thu nise g am 
mhaslachadh air a shon ? Tha thusa 'g ràdh nach 
robh Slànaighear riamh'na d' thàirgse, ach thig- 
eadh dhut a thoirt fainear, nach mò a bha buair- 
eadar agad, mar a bhathus 'g am bhuaireadhsa 
do ghnà, agus cha b' urrainn mi idir teicheadh 
as o do dian-iarrtas. 

Fhreagair an deamhainn e gu sgeigeil, ag 
ràdh, Tha mi 'g aideachadh gu 'm b'e sin mo 
ghnothach do thàladh an so, agus is tric a chaidh 
sin innseadh dhut le do luchd-teagaisg : dh' 
innis iad dhut soilleir gu .eòir, gu 'n robh 
sinne 'g iarraidh do sgrios, agus gu'n robh sinn 
do ghnà a'dol mu 'n cuairt mar leòghanan beuc- 
ach,ag iarraidh cò a dh' fhaodadh sinn a sgrios, 
agus is tric a bha eagal orin gu 'n creideadh 
tusa iad,mar a rinn iomadh eiìe, gu arduilichinn 
mhòr ; ach bha thusa deònach na dh' iarr sinn 
ort a dheanamh ; agus a chionn gu 'n d'oib- 
rich thus a rèir ar n-iarrtais, is ceart a ni 
gu 'm pàigheadh sinne dothuarasdal dhut. 
Agus rinn an Spiorad an sin a phianadh as ùr, 
agus thug so air gun bheuchd e amach cho 
uabhasach, is nach b ' urra' mi fuireach n'a 
b'fhaide 'ga èisdeachd, agus uime sin chaidh mi 
seachad air. 

Ephenet. Nach cianal (arsa mise ri m' f hear- 



NO SEALLADH DE Dh' IFRINN. 145 

ÌLiil) staid nan anamannan inallaichte ud ! 'S 
iad tràillean an diabhoil am feadh a tha iad air 
an talamh, agus thae'gancoireaehadh agus'gan 
pianadhaira shon,'nuair a thèid iaddo dhMfrinn. 
AingeaL Tha'm mi-run do shliochd Adhaimh 
uile(arsam'fhear-iùil) anabarramòr, do bhrìgh 
's gu n bhàsaich am Fear-saoraidh beannaichte 
chum an teasairginn, agus gu 'm beil iad a 
mealtainn an t-sòlais o 'n robh na Spioradan-sa 
air an tilgeadh sìos. Agus ged a tha e do- 
diieanta gu 'm buadhaich iad air a' phobuU 
taghta, ionnas gu 'n rachadh aon dhiù a sgrios, 
gidheadh o nach aithne dhaibh cò iad, cha 
n-eil iad a sgur a bhuaireadh nan uile gu peac- 
adh, leis na h-uile innleachd is urrainn iad a 
chleachdadh, a thaobh is gu 'm beil f hios aca 
gur e sin slighe am millidh ; agus do bhrìgh is 
gu 'm beil cho liugha anam aineolach mu *n 
cùilbheartan, tha iad gu ro-f hurast a' buadh- 
achadh orra chum an lèir-sgrios siorruidh. 
Agus chunnaic thu cheana mar tha iad a' buin- 
tinn riuthe 'an so, air son èisdeachd a thoirt do 
'm buairidhean, agus chì thu tuille gu h-aith- 
ghearr. Agus ged a tha iad 'ga dheanamh chum 
an corraich na 'n aghaidh a shàsachadh, do 
bhrìgh 's gur daoine iad, gidheadh anns an ni- 
sa is gnìomharran an Uile-chumhachdaich iad, 
agus luchd-coilionaidh a cheart dioghaltais an 
aghaid pheacach a sgrios iad fèin gu toileach, le 
bhi' g èisdeachd ri mealltaireachd an diabhoil. 
Air dhuinn dol beagan ni b' f haide air ar n' adh ^ 



146 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

aidh, ehunnaic sinn àireamh mòr de dh' anmannan 
mallaichte cuideachd, a gìosgan le 'm fìaclan le 
To-mheud an corraich agus am pèin, am feadh 

bha na Spioradan peanasachaidh le lasan 
Ifrinneil a' taomadhxeine leaght' agus pronnasg 
orra daonnan ; agus iad-san anns a'cheart uair 
a' mallachadh Dhè iad fèin, agus iad-san a bha 
timchioll orra, le toibheumibh air modh ro 
ghairisinneach. 

Cha b'urrainn mi gun f heòirich de dh'aon de 
na Spioradan a bha 'g am pìanadh, cò iad 
sud a bha iad a cràdh air dòigh cho an- 
iochdmhor? Ars esan, 

Spiorad. 'Se so iadsan is ro mhath a thoill 
am peanasachadh : 's iad so na truaghanan mall- 
aicht' a sheòladh an t-slighe chearta dh'ionnsaid 
nèimh do mhuinntir eile^ am feadh a bha iad 
fèin cho fada 'n geall air an ionad-sa, is gu 'n 
tainig iad a nis* ann. 'S iad so na h-anmannan 
sin a bha 'nan ard'sheamarlanan air ifrinn air 
an talamh, agus uime sin is ro thoillteannach 
iad air spèis shònraichte na h-ifrinn a nise. Tha 
sinn a' cleachdadh ar n' uile diiichioll chum an 
cuibhroinn fèin de pheanas a thoirt do gach 
aon fa leth 'an so, ach bithidh sinn cinnteach 
gu 'n toir sinn an àire nach bi uireasbhuidh air 
a h-aon dhiù sud ; oir cha 'n e mhàin gu 'm 
beil aca-san ri freagairt air son am peacannan 
fèin, ach air sonpheacannan na muinntir a thug 
iad air seacharan mar an ceudna le 'n teag- 
asg agus le 'n eiseamplair mi-naomha. 



NO SEALLADH DE DH' IFRINN. 14? 

EpheneU O 'n bha iad 'nan seamarlanan clio 
dìleas do dh' ifrinn, 'sa tha thu 'g ràdh, shoilinn 
gu 'm bu chomg^in duibh buinntinn riubhe beag- 
an ni bu chaoimhneile. 

Spiorad, Thug an Spiorad ladorn freagradh 
dhomh air an dòigh sgeigeil so, ** ladsan a tha 
'n dùil comain am measg dhiabhol, chì iad 
gu'm beil iad am mearachd ; oir.tha comain no 
taingealachd na shùbhailc ; agus is gràin leinne 
na h-uile sùbhailc, agus tha nàimhdeas neo- 
bhàsmhor againn dhaibh ; thuilleadh air sin, is 
fuathach leinn an cinne-daonna gu lèir agus 
na'm biodhe'n arcoraas,cha bhiodhah-aon diu 
sona. Tha e fior, nach eil sinn ag innseadh 
sin daibli air an talamh, do bhrigh 's gur e ar 
gnothach an sin a bhi miodal riu agus 'ga 
mealladh ; ach 'nuair a gheibh sinn 'san ionads 
iad,far am beil iaddaingean,teann (oir an ifrinn 
cha n-eil saoradh) leigidh sinn ris dhaibh gu 
h-aithghearr an amaideachd air son gun chreid 
iad sinn. 

Ephenet. O 'n chainnt a chuala mi o'n 
Spiorad-sa agus o Spioradan eile, cha b'urra' 
mi gun bheachd smuaineachadh gur e mòr gràs- 
an do-labhairt leis am beil peacaich bhochda 
sam bith air an toirt do nèamh, 'nuair a 
bheir sinn fainear cho lion ceap-tuislidh agus 
inneal thàlaidh a th' air a chuir rompa le easca- 
raid nan anmannan,chum an cur an sàs air an t- 
slighe ; agus uime sin is obair a tha ro aithrigh 



148 AN SAOGHAL A TA RI TF.ACHD : 

air Mac beannaichte Dhè, a phobull a shàbhal- 
adh o 'm peacannan, agus an teasairginn o 'n 
fhèirg a ta ri teachd. Ach is amaideachd 
agus cuthach gun chomais an duine, a bhi 
diùltadh tairgs a dheagh ghean-san, agus a bhi 
dlù-cheangal ris an fhear-mhiUidh. 

Aingeal. 'Se am peacadh a tha cruadhach- 
adh an cridhe agus a' dalladh an sùilean mar so, 
ionnas gu 'm beil iad neo-chomasach air cùisean 
a thuigsinn gu ceart, gus an tig an Spiorad 
Naomh' agus gu 'n \xng e ansùilean le sàbh-shul, 
a bheir air lannan an aineolais agus nam mear- 
achdtuiteamdhiù,agusleis am beil iad a' teachd 
gu nithe f haicinn 'nam fior sholus. 

Ephenet Air dhuinn dol air ar n' adhart ni 
b'fhaide, chuala mi truaghan le guth brist- 
chritheach a coireachadh na muinntir a thug le 
foill do 'n ionad so e. 

Anam mallaichte. Bha e gu tric air innseadh 
dhom.h, leo-san, (ars' esan,) anns an robh mo 
mhuinghinn, agus a shaoil leam a b' urrainn 
cunntas f ìrinneach a thoirt dhomh, ged nach 
abrainn 'nuair a bhithinn a' basachadh, ach, A 
Thighearna dean tròcair orm, gu 'm bu leòir 
sin gu mo shàbhaladh : ach O cho truagh sa 
tha mi nis' a' faicinn mo mhearachd, gu mo 
dhorruinn shiorruidh ! Mo thruaighe ! dh' èigh 
mi air son tròcair air mo leabaidh-bàis, ach 
chunnaic mi gu 'n robh sin ro anmoch ; an 
diabhol mallaichte so, a dh' innis dhomh beagan 



NO SEALLADH DE DH' IFRINN. 149 

roimhe sin, gu 'n robh mi tearuinnte na bu 
leòir, dh' innis e an sin dhomh, gu 'n robh e ro 
anmoch ; agus gu ^m b' eigin gu 'm b' e ifrinn 
mo chuibhrionn, mar a tha mi nis' a mothach- 
adh gu dòlasach. 

Diabhol. Tha thu faicinn gu 'n d' innis mi'n 
fhìrinn dhut fà dheireadh ; agus an sin cha 
chreideadh tu mi. Gnothach ro cheutach ! 
saol thu nach eadh ? Chaitheadh tu do laith- 
ean ann an toilinntinn a' pheacaidh, agus ga 
t-aoineagaich ann an salachar, agus rachadh tu 
do nèam'h'nuair adh' eugadh tu ! Ansmuainich- 
eadh neach sam bith ach duine air chuthach 
gu'n deanadh sin gu bràth an gnothach ? Cha 
smuainicheadh ; esan a tha cheart rìreadh an 
geall air dol do nèamh 'nuair a dh'eugas e, 
feumaidh e imeachd ann an slighe na naomh- 
achd agus nan subhailc am fad s'as beò e. 
Tha thu 'g ràdh gu'n robh cuid dhe do chomp- 
anaichneo-gheamnaidhag innseadh dhut, gu'm 
bu leòir a radh, aig uair a' bhàis, A Thighearna 
dean tròcair orm^ leth-sgeulro cheutach ! Dh' 
fhaodadh tu fhiosrachadh, na 'n robh thu air 
ùine a ghabhail gu d' Bhìoball a leughadh, 
" nach f aic a h-aon an Tighearna as eugmhais 
naomhachd!" Uime sin 'se sosùim na ciàis' uile; 
bha thu deònach a bhi beò 'na d' pneacannan 
cho fad ^sa b' urrainn thu ; agus ciia b' ann do 
bhrìgh is nach bu toigh leat iad a thrèig thu 
iad fa-dbeòigh ach a chionnis nach b' urrainn 



150 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

thu cumail suas riu ni b* f haide : tha fios 
agad gu 'm beil so fior. Agus am b' urrainn 
thu a bhi cho ladorn^ is gu 'n smuainicheadh 
tu gu 'n leigte do nèamh thu le gràdh a' pheac- 
aidh 'na d' chridhe ? Cha leigadh, cha leigadh, 
cha deanadh a leithid gnothach ; fhuair thu 
sanas tric ni bu leòir, gu'm bu chòir dhut an 
aire thoirt nach biodh tu air do mhealladh, 
oir cha deanar fanaid air Dia : ach do rèir mar 
chuir thu, 's ann deth bu chuibhidh dhut buain ; 
ionnas nach eil aobhar agad neach sam bith a 
choireachadh ach t' amaideachd fèin, a tha thu 
nis' a' faicinn 'nuair tha e ro anmoch. 

Ephenet. Bha achmhasan an deamhain ro 
gheur do'n truaghan bhochd chlaoidhte, (arsa 
mise ri m' f hear-iùil) ach bha fìr chòr iomadh 
neach air an talamh, air a nochdadh leis, cho 
math ri staid nan anmannan truagha tha'n 
ifrinn. Ach O an caochla barail a tha aca 
^san ionad-sa, seach mar bh' aca air an talamh ! 

AingeaL 'S e is aobhar d' a sin, (arsa 
m'aingeal diona) nach ceadaich iad dhaibh fèin 
beachd a ghabhail air an toradh a bheir am 
peacadh amach, no 'n t-olc mòr a ta ann am 
feadh a tha iad air an talamh : se neo-chùrara 
a tha sgrios nam mìltean, nach eil a' toirt 
fainear ciod e a tha iad a' deanamh, no c'àit 'am 
beil iad a' dol, gus am b i ro anmoch air son 
a leasachadh. 

Cha deach siun fad air ar n-aghaidh mu 'n 



NO SEALLADH DE Dh' IFRINX. loi 

cuala sinn truaghan eile *ga chradh fèin, agus 
a' meudachadh a' dhòrainn le smaointeachadh 
air sòlas nan anmannan beannaichte. 

Anam mallaichte. Nach dealrach, (ars esan) 
a tha na naoimh anns na flaitheas a' soiU- 
seachadh le glòir na h-ìomaigh dhiadhaidh, am 
feagh a tha mise cho duaicnidhl agus gidheadh 
bha mi aon uair cho comasach air ruigheachd 
air a* ghlòirud riu-san; bha'n aon nàdur riu-san 
agam, an t-aon reusan agus na h-aoncheudfath- 
an: — ach O ciod an uile-bheist uabhasach a tha 
mi ann a nis ! gu 'm fuathaichinn, le fuath siorr- 
uidh an t-oirdhearcas bhith-bhuan, th' am peac- 
adh agus am bàs a nis' air mo sgrios 1 agus O ro 
mheud an eadar-dhealaichidh a tha eadarainn ! 
Tha gnè na daonnachd aca-san anns a mhais' 
agus anns an iomlanachd is ro ardaichte ; am 
feagh a tha mise, mise, mallaichte leis a' ghnè 
ceudna anns an staid is ro grhàineile agus is 
gairsinnich a tha deanamh an eadar-dheal- 
achaidh do-labhairt ni 's neo-chomhaisich, na 
bhiodh am pearsa is àillte agus is ro sgiamh- 
aiche leis na h-uile greadhnachas agus cridh- 
ealas ann an àird a neart agus am mais' òige, 
an taice ri closach sgreamhail bhreun air a 
deanamh duaicnidh le truaiUeachd uaghach 
ghràineile. Och 1 cia uaithe a tha 'n t-eadar- 
dhealachadh uabhasach so, ach tre mise pheac- 
achadh gu mallaichte agus gu toileach ? 'S 
e am peacadh, 's e am peacadh, a mhàin, a 



152 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD . 

chreach mi, agus a thug 'an so mi chura a bhi 
fulang mar duais, dioghaltas uabhasach teine 
siorruidh. 

Ephenet, Bha ar n-aire air a tionndadh o bhi 
'gèisdeachd an anma chaillte thruaigh so, ga 
choireachadh fèin gu goirt le dearcadh dhuinn 
airàireamh mor de spioradan peanasachaidh, a 
bha sior sgiùrsadh cuideachd lion-mhor de dh' 
anamaibh truagha, le sgiùrsairean snuimeach de 
stailinn theinteich; am feadh a bha iadsan a' 
beucail gu h-ard le buaralaich cho garg, agus 
cho muladach, is gu 'n do shaoil leam gu 'n 
tugadh e tioma air a' chridhe bu chruaidhe, gu 
nitheigin de bhàigh ; agus a thaobh so thuirt mi 
ri aon denaclaoidheadairean," O cùm air ah-ais 
do làmh, agus na buin cho an-iochdmhor riu 
san is co-chreutairean dhut, agus theagamh, 
creutairean a rinn thu fèin a mhealladh gus 
an dòlas so uile. 

DiabkoL Cha chùm (ars' an claoidheadair 
gu fòil) olc mar tha sinn, cha robhdiabhol riamh 
cho olc riu-san, no ciontach dhe a leithid de 
pheacadh is de an robh iadsan ciontach : oir 
tha fhios againne uile gu 'm beil Dia ann, ged 
is fuathach lemn e ; ach 's iad so a leithid sin 
de dh eucoraich nach creideadh riamh (gus an 
tàinig iad m so) gu *n robh a leithid do bhith 
ann. 

Ephenet. Mar sin is luchd-àicheamh Dhè iad 
(arsa mise) seòrsa truadh de dhaome gun amh- 
aras ; agus seòrsa a bha gu h-inbhe bhig ro 



NO SEALLADH DE DH' IFRINN. 153 

choltach ri mi fèin a sgrios aon uair, mar b'e 
gu 'n do chuir an gràs siorruidh bacadh orm. 

Cha luaithe a labhair mi, na ghlaodh aon de 
na truaghanan claoidhte amach, le guth tùrsach, 
dubhach. 

Anam mallaichte. Is cinnteach gu 'm bu 
chòir dhomh an guth sin aithneachadh : 's 
feudar gur e Ephenetus a th' ann gun teagamh. 

Bha mi fo uabhainn iomradh chluinninn 
air m' ainm le aon dhe luchd-aiteachaidh an 
t-sluic; agus, uime sin, air dhomh bhi deònach 
f hiosrachadh cò a bh' ann, fhreagair mi, Is mi 
Ephenetus gun amharas, ach cò thusa, a th' 
anns an staid mhuladaich chaillte so aig am beil 
eòlas ormsa ? 

Anam mallaichte, Fhreagair an t' anam 
caillte, ag ràdh, Bha mi aon uair glè eòlach ort 
air an talamh, agus is beag nach d' aom mi thu 
gu bhi dhe 'n aon bharail rium fèin. Is mise 
ughdar an leabhair ainmeil sin, do'n ainm an 
" LsehhiatanP 

Ephenet, Ciod ! Hobs mhòir (arsa mise) am 
beil thusa air teachd do n ionad so ? Tha do 
ghuth air atharrachadh cho mòr, is nach 
d'aithnich mis' thu. 

Hobs. Mo thruaighe ! (ars' esan) is mis' an 
duine dona sin gun amharas. Ach tha mi cho 
fada bho bhi mòr a nis' is gu 'm beil mi measg 
na mhuinntir is ro dhòlasaich a ta anns na 
h-ionadan dòrainneach so uile. Agus cha'n 
iongantach idir gu 'm beil mo ghuth air 



]54 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

caochladh ; oir tha mi a nìs' air m' atharrachadh 
nam' bharaì.1, ged is ann ro anmoch air son 
math sam bith dhomh; oir tha fhios agam a nis* 
gu 'm beil Dia ann ; ach, O ! b' f hearr leam 
nach bitheadh, oir tha mi nise glè chinnteach 
iiach nochd e tròcair dhomh-sa; 's cha mhò is 
aithrigh air a thròcair mi, oir tha mi 'g aideach- 
adh gu 'm bu mhise a nàmhaid-san air an talamh, 
agus a nis' is esan mo nàmhaid-s'ann an ifrinn, 
i'hr am beil e 'ga 'm chlaoidh leis na tha 'n 
comas an Uile- chumhachdaich mo pheanasach- 
adh, no 's urrainn creutair a ghiùlan. Tha 
mi nis' a' mothachadh gu mo dhòlas bith- 
bhuan, gur cusbair mi do na chumhachd sin 
air an d' rinn mi aon uair gu h-an diadhaidh 
tarchuis ; agus is e an dòchas mhallaichte 
sin a chuir mi 'n am ghliocas fèin, a mheall 
mi mar so. 

Ephenet, Tha do staid ro dhòlasach gu 
deimhin, agus gidheadh is eigin dut aideach- 
adh gu 'm beil thu gu ceart a' fulang ; oir bha 
thusa gle shaoithreach gu iompaidh a chur 
air muinntir eile, chum an toirt fo 'n aon 
dìteadh riut fèin. Agus cha n-eil a h-aon aig 
am beil fios air a sin ni's fearr no mise, a bha 
gu h-inbhe bhig air mo ghlacadh, agus air mo 
mhiUeadh gu siorruidh sa'n ribe cheudna. 

Hohs. 'Se sin (ars' esan) a tha 'ga 'm lot a 
dh'ionnsaidh a' chridhe a' bhi smuaineachadh 
cho liugha 'sa mhilleadh le mo theagasg ; bha 
eagal orm, 'nuair a chuala mi do ghuth-s' air 



NO SEALLADH DE DH' IFHINN. 155 

tùs an so, gu 'n robh thu air do thoìrt 
thairis do'n pheanas cheudna. Cha n-e gu 'm 
b'e mo dhùrachd-sa gu 'm biodh aon air bith 
sona, oir *s e sin mo mhòr-mhulad gu 'm biodh 
a h-aon sòlasach, am feadh a tha mi fèin dòlas- 
ach ; ach do bhrìgh 's gu 'ra beil gach neach a 
th' air an toirt thairis do 'n ionad sa, trid 
mo mhealtaireachd-sa, am feadh a bha mi air 
talamh, a' deanamh mo pheanas ann an ifrinn 
dà-fhillt. 

Ephenet. Ach bu mhath leam fhiosrachadh^ 
ma dh' innseas tusa dhomh, Na chreid thu da 
rìreadh, 'm feadh a bha thu air an talamh, nach 
robh Dia ann? Am d urrainn thu dhealbh na 
t' inntinn gu 'n robn e an comas an t-saoghail e 
fèin a chruthachadh, agus gu 'm b' ann leo fèin a 
dh'fhàs na creutairean? Nach robh cagairagad 
os n-iosal na d' chogais fèin, a bha 'g innseadh 
dhut gur e bith eile a chruthaich thu, is nach bu 
tu fein agus nach robh amharas riamh ann ad 
chridhe mu'n chùis ? Chuala mi air a ràdh gu 
minig, nuair bha mi air an talamh, ged a bha 
lion-mhorachd ag àicheadh nach robh Dia ann, 
gidheadh nach eil a h-aon ann a tha smuain- 
eachadh mar sin da rìreadh; agus b' iongantach 
gu 'm bitheadh, a thaobh is nach eil naach sam 
bith nach eil a' giùlan fianais 'na cridhe, air 
taobh an Dè sin a tha e 'g àicheadh. A nis 
's urrainn thusa innseadh, am bheil no nach eil 
e mar sud ; agus cha n-eil aobhar sanr bith 



156 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

agad a nis' air son gu 'n ceileadh tu do 
bharail. 

Hohs, Cha mho a ni mi, Ephenetuis (ars' 
esan) ged tha bhi smuaineachadh air ga m* 
lot as ùr, Chreid mise air tùs gu 'n robh Dia 
ann, agus gu'm b'e an t-ard-uachdaran sin e, a 
bh' air chumail suas le' chumhachd fèin, a's a 
thug bith do gach creutair eile: ach air dhomh 
claonadh an deigh sin gu caithe-beatha mi- 
chneasda a dh' fhàg buailteach d' a chorraich 
mi ; b'e mo dhùrachd gu tric os n-iosal nach 
bitheadh e ann ; oir tha e do-dheanta gu 'n 
smuainaicheadh neach sam bith gu 'm beil Dia 
ann, agus nach biodh e f ìrinneach agus ceart, agus 
uime sin gu 'm feum e luchd-bristidh a reachd a 
pheanasachadh ; agus air dhomh a bhi fiosrach 
annam fèin gu'n robh mi fo bhinn a cheartais, dh' 
f huathaich mi mar sin e, agus bu mhiann leam 
nach biodh a leithid de bhith ann. Air dhomh 
mar so buanachadh ann an chaithe-beatha mi- 
chneasda, agus nach robh ceartas 'g am ghlac- 
adh, bha mi 'n sin an dòchas nach robh Dia 
ann: agus a' dealbh barailean 'nam chridh fèin 
freagarrach ris an dòchas a bh' agam : air 
dhomh, mar so, riaghailt nuadh a dhealbh mu 
cheud-thùs an t-saoghail 'nam bharail fèin, a 
co-dhùnadh nach robh bith Dhè 'ann, dh' f hàs 
mi cho beadarrach mu na h-iìr bheachdan-sa, 's 
gu 'n bhuadhaich mi fa-dheòidh orm fèin gu 
creideas a thoirt dhaibh, agus rinn mi an sin 



NO SEALLADH DE DH' IFRINN. 157 

m' uile dhìcheall a chleachdadh chum an sparr- 
adh air muinntìr eile. Ach mu 'n tàinig mi 
gus an airde so, is eigin domh aideachadh gu 'n 
d' f huair mi iomadh cronachadh o m* chogais 
fèin air son na rinn mi, agus bha mi fad m' 
ùine anns an t-saoghal an dràst agus a rithist fo 
dhragh le smuaintean iongantach an-shocrach, 
mar nach bithinn a' faighinn gach cùis freag- 
arrach fa dheireadh ; dh' fheuch mi gu tric ri 
na smuaintean-sa a crathadh dhiom, cho fada 's 
a b' urra mi. Agus tha mi nis' a' mothachadh 
gur e na h-achmhasanan cogais so, a dh' f haod- 
adh a bhi feumail dhomh an uair ud, na nithe 
is mo a tha 'g am chlaoidh 'an so uile. Agus 
feumaidh mi aideachadh gu 'n chruadhaich 
gràdh a pheacaidh mo chridh an aghaidh mo 
Chruthadair, agus b'ann mar sin dh' f huathaich 
mi e air tùs agus a rithisd dh' aicheadh mi a 
bhith. 'S e am peacadh, do 'n tug mi caid- 
reamh am uchd cho dlù a b'aobhar mallaichte 
do 'n dòrainn so uile, agus an nathair a lot m' 
anam gu bàs ; oir tha mi nis' a' mothachadh, a 
dh' aindeoin m' fheallsanachd fhaoin, agus nan 
ùr riaghailtean, a dh'oitheirpich mi gu dichioll- 
ach a sparradh air sluagh an domhain, gu 'm 
beil Dia ann, agus an Dia sin mòr agus ùabh- 
asach. Tha mi faicinn a nise cuideachd, nach 
deanar fanaid air Dia, ged bu chleachdadh 
dhomh-sa gach latha anns an t-saoghal a bhi 
fochaid air nèamh, agus a' deanamh tarchuis 
air na nithe a bha naomha, agus b' iad sud na 
p 



158 AN SOAGHAL A TA RI TEACHD : 

meadhonan a bha mi gnàthachadh, chum mo 
bhaìrealan mallaichte fèin a chraobh sgaoileadh 
feadh an t-saoghail, meadhonan a fhuair mi 
daonnan gle bhuadhach chum mo riìin a' cur air 
aghaidh. Oir mheas mi am bitheantas, gu 'n 
robh iadsan a bha deanamh tarcuis air na 
sgriobturan naomha air slighe dhìreich gu bhi 
na 'm fòghlumaich agam. Ach a nise tha bhi 
smuaineachadh air na nithe ud, ni's ro claoidh- 
tiche dhomh no na piantan so uile, a ta mi a' 
fulang o sgiiirsair cruaidh ain-iochd ifrinn. 
Oir cha n-eil ni sam bith a tha brosnachadh 
Rìgh mòr fearg-bhrosnaichte nam flaitheas ni*s 
mò na bhi fanaid mar so air na rinn e cho ro 
urramach. 

Ephenet. Tha e glè fhurast a thuigsinn leis 
an nith sin a thubhairt thu, gur mòr gamhlas a' 
pheacaidh anaghaidhan Dètha siorruidh beann- 
aichte, agus gur claonadh o 'reachd agus o 
'thoil naomha th' ann. Agus 's ann a mhàin 
air son gu 'n tug thusa slighe rèidh do 'n pheac- 
adh, a dhaighnaicheadh do dhòlasaibh uile ort ; 
agus, gun teagamh, is ni muladach claoidhteach 
dhut a bhi smuaineachadh, gu 'm beil na tha 
thu fulang ro cheart. Ach cha 'n e mo rùn-sa 
do dhòlasaibh a mheudachadh, a mhàin gu 'm 
feòraichinn ceist eile do 'm bu mhath leam 
freagradh f haotainn : agus 'se sin gu 'n cuala 
mi thu fèin agus muinntir eile anns an aon chor 
riut a' glaodhaich a mach mu losgadh, mu 
theine, agus mu lasraichean : agus gidheadh 



NO SEALLADH DE DH' IFRINN. 159 

cha 'n urrainn mis' an teine sin f haicinn : far am 
beil teine, is eigin gu 'm birud-eigin desholus; 
agus gidheadh, air son n'as urra mis' fhaicinn 
de sholus an so, tha sibh fathast ann an dorch- 
adas iomallach. 

Hobs. O na'm b' urrainn mis' a ràdh nach robh 
mi a' mothachadh teine ! Cia cho so-iomchair 
'sabhitheadh mo phiantan, an coimeas ris na tha 
mi nis' a' fulang ! Ach, mo thruaighe! tha teas 
an teine 'sam beil sinne a' fulang, deich mìle 
uair ni 's gairge na na h-àmhainean is teotha a 
th' air an talamh ; agus tha e buileach de chaoch- 
ladh ghnè ri teine talmhaidh, mar a thug thu 
fèin gu ceart fainear cheana ann an aon phuing, 
agus 'se sin nach eil solus a' lasadh uaithe, mar 
tha e o 'n teine ta losgadh air an talamh ; 
ach a dh'aindoin na tha de theine an infrinn;, 
tha sinne ann an tùr dhorchadas. Ach a rithist 
tha 'n teirie tha sibhse a' losgadh air an talamh, 
de nàdur a loisgeas agus a chaitheas às; oir ge 
b'e sam bith a ghlacase, loisgidh se e guluaithre ; 
agus an uair nach fhaigh e tuiUe r'a losgadh, 
thèid e fèin às. Ach cha n-eil e mar sin an 
so; oir ged a tha e losgadh leis a chaoir ghailbh- 
eich sin, nach fiosrach do neach sam bith ach 
dhaibh-san a mhàin a tha 'ga mhothachadh, 
gidheadh cha n-eii e caitheamh às, is cha 
chaith am feasd: bithidh sinne gu siorruidh a' 
losgadh, agus gidheadh gun a bhi air ar losgadh 
air fabh: is teine claoidhteach e, ach cha tHeine 
caiteach e. Is teine corporra tha losgadh air 



160 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

an talamh, agus cha chomasach dha lasadh ri 
brìgh neo-chorporra ; agus is amhail sin anm- 
annan : ach anns an ionad-sa tha 'n teine 
fadadh riar anmannan, agus 'g an cràdh le 
pìan cho dian loisgeach aguschoclaoidhteach,is 
nach urrair cainnt a chur air. 'Se m' aineolas 
sa mu' n chùis so thug orm, 'nuair a bha m* 
air an talamh, a bhi fanaid air a bharail sin 
gu 'n loisgeadh brìogh neo-chorporra le teine ; 
barail a tha ro cheart, agus a tha mis' a' moth- 
achadh a nise gu daor air mo chosg I Agus 's e 
so eadar-dhealachadh eile tha eadar teine ifrinn 
agus an teine talmhaidh, gu 'm faod thu an 
teine sin araon fhadadh, agus a chur às 'nuair 
is àiU leat : ach tha e air dòigh eile 'an so ; 
oir tha 'n teine so air f hadadh le anail nam 
flaitheas, mar shruth pronnaisg, agus tha e 
losgadh gu saoghal nan saoghal ; agus mar sin 
is ro f hreagarrach a theirear ris, an teine nach 
fhaodar a mhùchadh a bhios dhuinne 'an so 
na chuibhroinn shiorruidh. Agus 'se so na 
tha agam-sa r'a ràdh mar fhreagradh do na 
cheist mhuladaich mu dheireadh a dh' f heòraich 
thu dhiom. 

Ephenet. Muladach gu deimhin ! arsa mise. 
Feuch am pheanas atha'n t-Uile-chumhachdach 
comasach a leagadh orrasan a tha brist- 
eadh a reachd naomha! Bha mi a' toirtfainear 
nitheigin eile a chuàla mi, 'nuair a chuir an 
spiorad neo-iochdmhor a bha roimhe 'ga 
phianadh, stad orm mar so : — 



NO SEALLADH DE Dìl IFRINN. J6l 

DiabhoL Tha thu nis' a* faicinn ciod an seòrsa 
dhaoine a bh'annta 'nuair bhaiadair an talamh; 
agus nach saoil thu fèin gur ceart a thoill iad 
am peanas a tha iad a nis' a' fulang. 

Ephenet. Fhreagair mi 'g ràdh. Gun teag- 
amh is e tuarsdal a' pheacaidh a tha iad a 
nis* a' fulang, agus a dh' fhuilingeas tusa an 
deigh so, mar an ceudna, oir pheacaich thu 
amhail mar iadsan, an aghaidh an Dè tha 
siorruidh beannaichte, agus fuiligidh tu ceart 
dioghaltas teine bith-bhuan air son do pheac- 
aidh. Agus cha leth-sgeul dhut idir a ràdh 
nach do chuir thu riamh an teagamh bith Dhè ; 
oir ged a bha fios agad gu 'n robh Dia ann, 
gidheadh rinn thu ceannairc 'na aghaidh, agus 
uime sin bithidh tu gu ceart air do phianadh, 
le leir-sgrios siorruidh o làthaireachd an Tigh- 
earna, agus o ghlòir a chumhachd. 

DiabhoL Thug an diabhol am freagradh 
so dhomh : Is fior e ; tha fios againn gu 'm bi 
sinn air ar peanasachadh mar a thubhairt thu, 
ach ma bhios e na aobhar gu 'm bi tròcair air a 
noch'dach do 'n ohinne-dhaonna, gu 'n thuit 
iad tre bhuaireanean an diabhoil, is amhail sin 
's mar thachair dhomsa, agus do'n chùid eil dhe 
na spioradan is ìsle, oir bha sinn air ar buair- 
eadh le grian dhealrach na maidne, gu cuir 
leis ; agus uime siìi, ged a tha so a meudachadh 
cionta Lucifer, bu chòir dha ciont nan spiorad 
is ìsle a lùghdachadh. 

AingeaL Fhreagair m'fhear-iùil dealrach 
(nach do labhair riu o 'nuair a thainig mi 



162 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

do 'n ionadsa gu so) ag ràdh le gnùis ghruamaich, 
f heargach : O thus a spioraid chul-sleamhnaich 
bhreugaich, agus an-diadhaidh ! An comas 
dhut na ni-se a chuir an cèill^ agus thu ga 'm 
f haicinn-s* an so ? Nach eil fìos agad gur e 
uaibhreachas do chridhe, a thug ort taobh a 
ghabhail le Lucifer an aghaidh an Dè bheann- 
aicht' a cruthaich thu a d' chreutair glòrmhor? 
ach air dhut a bhi deanamh uaill 'na d' mhaise 
fèin, b' àill leat a bhi os-ceann do Chruithear 
beannaichte, agus mar sin bha thu ullamh gu 
taobh a ghabhail le Lucifer, agus is ceart a 
tha thu air do thilgeadh sìos do dh' ifrinn: agus 
a chaidh do cheud mhais' agus t-àillteachd ath- 
arrachadh chum a' chruth uabhasaich oillteil 
sam beil thu r'a t' f haicinn a nise, mar dhioladli 
air son t' uabhar ceannairceach. 

DiabhoL Cha do labhair an spiorad cul- 
sleamhnach tuille, ach a mhàin so, gu 'n tubhairt 
e, C'arson a tha thu a* bristeadh a steach air 
ar crìochan mar so? 'g ar pianadh roimh 'n 
àm ? agus an uair a thubhairt e so, shliab e air 
falbh, mar nach bu dàna leis fuireach ri freag- 
radh a thoirt seachad. 

Ephenet. An uair a dh' fhalbh an spiorad 
(arsa mise ri m' f hear-iùil) chuala mi nitheigin 
cheana mu thuitim nan spiorad cùlsleamhnach, 
agus tha mòr iarrtas agam air son gu 'm faigh- 
inn cunntas ni b' iomlaine mu'n timchioll. 

Aingeal. Thug *m aingil-dhion am freagra' sa 
dhomh : An uair a chuireas tu dhiot do bhàs- 
mhorachd, agus a bhitheas tu air do ghiiìlan a 



NO SEALLADH DE DH' IFRINN. ] 63 

dh'ionnsaidh nan ionadan beannaicht bithidh 
aithne agad an sin air nithe nach urrainn dhut 
a thuigsinn an dràsta. Agus, uime sin, na iarr 
san staid ^sana beil thu nise gliocas os-ceann 
na tha sgrìobhta. Is gu 'm bitheadh f hios agad 
gu 'n pheacaich cuid dhe na h-aingeal, agus 
air son sin gu'n thilgeadh sìos do dh' ifrinn iad. 
Ach cionnas a dh' eireadh smaoin ann an cridhe 
spioradan fior-ghlan, an aghaidh na naomhachd 
shiorruidh a chruthaich air tùs iad, is ni sin 
nach comasach dhuts a thuigsinn an dràst. Tha 
na spioradan nèamhaidh uile nan gnìomharan 
saor ; air an cruthachadh mar sin leis an Uile- 
chumhachdach, leis an àill saor sheirbheis 
thoileaeh fhaotainn o chreutairean uile ; mar 
a tha na sgriobturan naomh' ag innseadh dhut, 
gu*m beil sin na shèirbheis reusanta ; agus 
bha àm dearbhaidh aig na h-ainglean, anns 
na flaitheas, amhail mar a bh' aig Adhamh 
ann am Pàrrais, agus bha iad coltach ri-san, air 
an cruthachadh ann an staid gu 'n robh e so- 
dheanta dhaibh tuiteam. Ach mar a bha cionta 
Adhaimh air ath-leasachad"h tre gealladh mòr 
a Mhesiaih bheannaichte, s amhail a tha na 
spioradan beaonaichte ud uile, a chum an inohe 
ann an àm mòr cheannairc nan aingeal a thrèig 
an creideamh, air an daighneachadh 'na n staid 
gu siorruidh, tre dheagh-ghean iongantach an 
Fhir-shaoraidh ghlòrmhoir, a chum 's gu 'm 
bitheadh è na Cheann os-ceann nan aingeal, 
amhail mar a tha e os-ceann dhaoine, agus gu 'm 



164 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

biodh ard-cheannas aige os-ceann nan uile nith 
maris ro chumhaidh de Mhac siorruidh Dè; 
ach chunnaic thu n'as leòir anns n.a h-ionadan 
dubhach so de mhulad agus de dhorainn, chum 
glòir a cheartais shiorruidh a nochdadh, ni a 
tha eadhon na spioradan mallaichte fèin ag aid- 
eachadh. Oir an uair a thig an latha mòr 
sin, *san toirear breith air na h-uile ni, agus 
anns an èirich cuirp nam marbh, gu bhi air 
an aonadh r'an anmaibh a rithist, 'nuair a 
thaisbeanar iad fa chomhair cathair bhreithean- 
ais, cha n-eil a h-aon dhe na h-anmannan 
dubha so naeh aidich an cionta, agus nach 
tìrìnnich breitheanas an dìteadh a chuireas Dia 
an cèill 'nan aghaidh. 

Ephenet. Thug mi fanear (arsa mise) gur e 
am pian a tha 'g èiridh o 'm mothachadh fèin 
air an ciont is mo a tha iad gu leir a' gearan 
an so, ni a tha fìreaneachadh ceartais am pean- 
ais. — Cha n-eil sgàthan 's am fearr am faicear 
am peacadh na fhior choltas fèin, no anns a' 
ghainntir ghruamach so ; oir mar biodh an 
gamhlas is mò anns a' pheacadh, cha bhiodh e 
air a dhioladh le peanas cho cràiteach so. 

Aingeal. 'S ceart do bhaireal (ars' esan), 
ach tha sgàthan n'as fhearr no sin ann chum 
c*^art thoillteanas a' pheacaidh fhaicinn, agus 
'se sin, a bhi 'g amharc le beachd-smuain- 
eachadh air Mac beannaichte Dhè air a' 
chrann-cheusaìdh : 's ann an sin a chì sinn 
toradh uabhasach a' pheacaidh ; agus is ana an 



NO SEALLADH DE DH' IFRINN. 165 

sin a dh' f haodas sinn am fior-ghamhlas fhaic- 
inn. Oir cha n-eil uile fhulangas na muinntir 
mallaichte an so ach na 'ra fulangas chreutair- 
ean a mhàin, ach air a chrann-cheusaidh tha 
thu faicinn Dia a' fulang. 

Epkenet. Is cinnteach (arsa mise) nach d' 
rinn ceartas agus tròcair riamh a leithid de 
bhuaidh-chaithream agus de phògadh, s a' rinn 
iad anns an uair mhuladach sin. Oir an so 
bha ceartas gu h-iomlan air a sàsachadh ann 
an diol peanais a' pheacaidh ; agus rinn tròcair 
caithream, agus bha i toilicht' a chionn 's 
gu 'n robh slàinte air oibreachadh a mach mar 
so do pheacaich dhìblidh. Agus O cliù bhith- 
bhuan gu 'n robh d'a ainm naomha gusiorruidh, 
air son gu 'n d' rinn e mise toileach, trid a 
dheagh-rghean, gu gabhail ris an t-slàinte so, 
agus le sin gu 'm beil mi air teachd gu bhi 
a'm òig.hre air glòir; oir tha cùimhne agam gu 'n 
cuala mi cuid de na truaghain chaillt' ud nan 
tuiridhean searbha, a'caoidh gu goirt, gu 'n do 
dhiùlt iad slàinte 'nuair a bha i gu saor' nan 
tàirgse. Uime sin 'se a dheagh-ghean-san a 
mhàin a neartaich mise gu gabhail. 

Dh' innis m fhear-dion dealrach dhomh a 
nise gu 'm feumadh e mo threòrachadh a rithist, 
a chum na talbhuinn agus m' f hàgail an sin a 
chum 's gu feithinn le creideamh agus foighidin, 
gus an tigeadh àm sòlasach m* atharrachaidh 
ris an robh mo sùil. Agus thabhairt e rium 
mar an ceudna, gu 'm b'e mo ghìiocas gu 'm 



166 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD : 

biodh mothachadh dligheach agam daonnan am 
bheachd air mo neo-f hiùghalachd fèin ; oir gu 
'ni b'e a bhi tàireil 'nam bheachd fèin a dhean- 
adh luachmhor mi ann an sealladh Dhè ; agus 
nach tigeadh dhomh an sanas so a ghabhail gu 
h-olc, do bhrìgh 's gu 'm beil eas-caraid anm- 
annan mòran ni's ullamh chum a mhuinntir sin 
a shèideadh suas le 'bhuairidhean ; is mò a 
fhuair dedh'fhoiilseachadh agus de shealladh a 
dh' inntinn Dhè ; oir cha n-eil nith sam bith 
air am beil an diabhol cho fad an geall ri sgrios 
na muinntir sin is ro ionmhuinne le Dia ; agus 
gedathaesiorfhàilinneachadh'naionnsaidhean, 
gidheadh tha e gun sgìos a' ghabhail de shaoth- 
air, agus tha e gu tric a buadhachadh cho fada 
'nan aghaidh is gu 'm beil e cur ìmpidh.orra 
gus na peacannan sin a chur an gnìomh, a bheir 
air falbh iad fadheòigh gu tùrsach sìos do'n t- sloc. 
Thug mi taing dha air son a dheagh chomh- 
airle, agus thubhairt mi ris gu'm bithinn fad an 
èis deth mar gabhainn ride leis a chaoimhneas 
bu mhò. Tiugainn a nis' (ars' esan) agus fàgam- 
aid na h-ionadan gruamacha, dòlasach' so d' an 
luchd-àiteachaidh dubha fèin. Agus ann an 
ùine glè ghearr bha mi rithist air an talamh, 
agus anns an dearbh àite 'san do shònraich mi 
am peacadh oillteil sin fèin-mhort a chur an 
gnìomh tre buairidhean an diabhoil, a sparr 
orm nach robh Dia idir ann, mar a tha air 
athris an toiseach an leabhair so. Ach ciod an 
dòigh air an tainig mi gu ruige sin, cha chomas- 



NO SEALLADH BE DH' IFRINrC. 167 

acn dhomh innseadh. Cho luath 'sa bha mi aÌF 
a' bhruaich air na shuidh mi roimhe, thubhairt 
an cruth dealrach leis an robh mi air mo threòr- 
achadh fad na h-ìiine, rium. 

AingeaL A nis',Ephenetuis/s aithne dhut an 
t' àite 'sam beil thu, agus cha 'n f haod mise 
fuireach na 's fhaide mailleriut, oir thateachd- 
aireachd eile agam r'a dheanamh thòir cliù do'n 
Tì a tha na shuidhe air an rìgh-chathaìr gu 
siorruidh, aige am beil na h-uile cumhaciid 
anns na flaitheas, air talamh, agus an ifrinn. 

Air son uil' iongantais a ghean 'sa ghràis, 
A nochd e dhut an ùine bha cho gearr ! 

Ephenet. Mar a bha mi 'ga f hreagradh chaidh 
m' fhear-iiìil dealrach às m' fhianais, agus dh' 
fhàgadh mise a 'm aonar. Agus mar a bha 
mi a' toirt fainear rè tacain nan seallaidhean 
iongantach a chunnaic mi, agus na nithe uabh- 
asach a chuala mi, 's gann a chreidinn gu 'n 
robh mi air an talamh, 's cha mhò a bha fhios 
agam cia fada an ùine a bha mi air falbh às an 
t-saoghal. Agus an sin air dhomh rùnachadh 
pilleadh chum mo dhachaigh fèin, thuit mi air 
mo ghlììinean agus ghuidh mi nach caiUinn gu 
bràth beò mhothachadh air na nithe iongantach 
ud uile a bh' air an nochdadh dhomh : an sin 
dh' èirich mi suas a! beannachadh agus a' mol- 
adh Dhè air son a mhaitheas uile, agus fo mhòr 
ioghnadh r'a dheagh-ghean iongantach, agus 
r'a iriosleachd. 

'Nuair a chaidh mi dhathigh, bha mo theagh- 
ach fo mhòr ioghnadh air dhaibh athaiTachadh ' 



168 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD ". 

cho mòr agus cho neònach f haicinn am' aogais, 
agus dh' amhairc iad orm mar nach biodh iad, 
ach gann 'g 'm aithneachadh. 

Dh' fharraid mi riu ciod bu chiall daibh 
le bhi 'gam amharc le leithid de neò- 
nachas ? 

Thuirt iad rium, gur e 'n caochladh a bh'ann 
'am ghnùis a b'aobhar dhaibh. 

Ciod an dòigh (arsa mise) 'sam beil mi mar 
sin air m' atharrachadh ? 

Dh' innis iad dhomh, gun robh m' aogais an 
dè cho anabarrach gruamach,agus cho dubhach, 
is gu 'm bu midearbh iomhaigh an-dòchais; ach 
gu 'n robh mo ghnùis a nise r'a h-amharc mòran 
ni b 'àillte, agus gu 'n robh gach coltas suilbhir- 
eachd agus toileachas-inntinn iomlanair fhaic- 
i'nn 'nam aghaidh. 

Na 'm faicibh sibh (arsa mise) na chunnaic 
mis' an diugh, cha bhiodh iongantas oirbh air 
son a' chaochlaidh a tha sibh a' faicinn orm. 
An sin air dol do m' sheòmar uaigneach, ghabh 
mi mo pheann agus mo dhubh, agus sgrìobh 
mi sìos an sin na chuala agus na chunnaic mi, 
a' cuir an cèill nan aisling gu h-iomlan o thùs 
gu deireadh ; a^us nan dàna leannas mu 
nèimh agus mu ifrinn : agus tha mi 'n dòchas 
gu 'm bi an èifeachd ceudna ac' orra- 
san a leughas iad, 'sa bh' ac' orm-sa 'nan 
sgrìobhadh. 

A nise do 'n Rìgh shiorruidh, neo-bhàsmhor, 
neo-fhaicsinneach, an t-aon Dia ghc, gu 'n robh 
glòir gu bràth. Amen, 



NO SEALLADH DE NEAMH. 109 



SEALLADH DE NEAMK. 

L 

Tba 'n tìr ud maìseacli sòlasaeh, 
'S a naoimh a' riaghladh 'ghnà : 

Tha 'n dorchadas air dol a mach, 
'S tha solus glan 'na àit.' 

IL 

Tha sàmhradh bìth-bhuan ann gu'n chfann. 

Fo blàth gu h-àluinn nuadh ; 
Tha 'm bàs, mar chaolas mara roinn 

Na 'n diÀthcha neamnaìan uainn. 



Tha faiche cheutach thar a' chuain, 

Fo thrusgan ùrair glàs ; 
Mar thìr Chanain do 'n luchd -cuairt, 

Ri taobh shruth lordain bhràis. 

IV. 

Tha daoìn' bàsmhor fo gheilt chrith 

Dhol thairìs air a' chaol 
Mall air a bhruaich, 's gun chàil sain biih 

An àm dol às an t-sàogh*l. 

V. 

Na* n deanadh sinne niar rinn Maoi», 
'N Am dearcadh air an f hoau 



170 AN SAOGHAL A TA RI TEACHDI 

Cha chiiireadh lordan sinne fo gheilt, 
Le eagal dol a nuU. 

VI. 

Tha sìth a's sàmhchair anns an sud, 
G'a mhealtainn leis na saoidh ; 

Cha 'n f haic le sùil, 's cha bhlais le'm bèul, 
Luchd-do-bheart air a chaoidh. 

VIL 

Chi sinn *an sin na naoimh gu h-àrd, 

Na 'n cruth ro àluinn fèin, 
Fo iongantas gu n tug smn gràdh, 

Do phàillinn bhochd na crè. 

VIIL 

O Thighearn ionmhuinn ! greas an là, 

San ruig smn t~àros shuas ; 
'S gu 'n seinn sinn ann do chliù gu bràth, 

Le glòir is àirde fuaim. 



SEALLADH DE DH' IFRINN. 
I. 

Le eagal naomh 's le òran ciùin, 

Molaibh-se Dia ro mhòr ; 
A' luaidh a chumhachd 's cubhaidh dhuinn 

Le urram teachd fa chòir. 



NO SEALLADH DE DH' IFRJNN. l^l 

II. 

'S an aigin chian le duibhre tiugh, 

Tha oillteil dubh do ghnà; 
Rinn Ceartas ifrinn do luehd-uilc, 

Le dioghaltas a's cràgh. 

III. 

Tha plàighean bith-bhuan, daìghean, teann, 
Tha tein, is saighdean cruaidh, 

Aig bàtan thilgeas e 'nan deann, 
Air anmaibh mallaicht' truagh. 

IV. 

Tha 'n Diabhol an ceud pheacach mòi, 

A' cagnadh a ghlais fèin 
Gu faoin a' strìgh ri èiridh fhs 

O cheartas glòrmhor Dhè. 

V^ 

Tha ciontaich ann an sud ro thruagh, 

Ag ulartaich fo phian, 
Rinn aon uair tàir air Criosd nam buadh, 

'S chuir fearg a's gruaim air Dia. 

VI. 

Tha àireamh mòr de pheacaich olc, 

Nàisgte 's an dorch gu teann, 
Gun earbsa a' glaodhaich mach gu goirt, 

'S gun sùil r'a furtachd ann. 



172 AN SAOGHAL A TA RI TEACHB. 

VII. 

Cha dean an dòrainn ud, no 'n claoidh 
Mòr chiont nan daoidh a dhiol ; 

Air meud na sgairt da 'n dean iad caoidh, 
Cha chluinntir iad le Dia. 

VIII. 

O staid ro thruagh ! bhi faicinn Dhè, 

G'a f halach fèin do ghnà ; 
'S ìadsan ann an ifrinn shìos, 

Gu'n èiridh nios gu bràth ! . 



CRIOCBL 



F:XrNTED BY NETLL AND COMPANT, EDINBURGH. 



Gaelic Boohs Sold hy Maclachlan and Stewart, 

HaH's (Newman) Come to Jesiis, 

Harp of Caledonia, Gaelic Songs, 32mo, sewedj 

History of Animals Named in the Bible, 

History of Prince Charles, with Jacobite Songs, 

and Portrait, fcap. 8vo, cloth, 

Ditto ditto cheap edition^ sewed, 

James' Anxious Enquìrer, 12mo, seìced, 

Joseph, Life of, by Macfarlane, 18mo, cloth^ 

Joseph, History of, 18mo, sewed, 

Laoidhean Eadar-Theangaichte o'n Bheurla,12mo. cZ. 
Lessons on the Shorter Catechism and the Hoiy 

Scriptures, by Forbes, 18mo, 

M'Alpine's Gaehc Grammar, 12mo, cloth, 

M'Callum's History of the Church of Christ, 8vo, 

The Catholic or Universal Church, 

Maccoll's Mountain Minstrel, English Edition, ... 
Macdonald's (Mac Mhaistir Ahstir) Gaehc Songs, 
Macdonald's (Rev. Dr) GaelicPoems, 18mo, cloth, 
Waters of Jordan, 18mo, sewed, ... 
M'Gregor's (Rev. Dr) Gaeh'c Poems, 18mo, cloth^ 
M'Intyre's (Duncan Ban) Poems and Songs,- with 

an English Translation of '' Coire Cheathaich" 

and "Ben Dorain,"18mo, „ 2 

M^Intyre (Rev. D.) on the Antiquity of the Gaelic 

Language (in English), 

Mackay's (Rob DonnJ Songs and Poems, i8mo, 
Mackenzie's (A.) History of Scotland, Eachdraidh 

na H-Alba, 12mo, cloth^ 

Mackenzie's Beauties of Gaelic Poetry, rl. 8vo. ... 

Gaelic Melodist, 32mo, 

Macleod, Rev. Dr., Sermon on theLife of the late, 

by Rev. John Darroch, 8vo, sewed, Is. foi 6 
M'Lauchlan's (Rev. Dr) CeUic Gleanings, or 

Notices ùf the History and Literature of tlie 

Scottish Gael (in English), fcap, 8vo, cloth, 2 6 
M'Naughton (Peter) on the Authenticity of the 

Poems of Ossian (in English), 8vo, G 

MacneiU's Neniae, and other Poems, cloth, ... 2 



s. 


d. 





G 





3 





6 


o 





1 


6 


1 





1 


6 





2 


:.0 


6 





4 


1 


6 


4 








6 


1 


6 


2 





2 


6 





2 





8 



1 


6 


2 


6 


3 


6 


2 








4 



64 South Bridgej Edinhurgh, 



2 





6 








6 


4 





2 








4 


3 





12 


6 





6 



GaelÌG BooJcs Sold hy Maclachlan and Stewart, 

s. 
Macpherson's " Duanaire," a New Collection of 

Songs, &c., never before publlsJied, 18mo, cl. 
Menzies' Collection of Gaelic Songs, 8vo, clothj 
Mountain Songster, Collection of Original and 

Selected Gaelio Songs, 

Munro's Gaelic Grammar, 18mo, bound, 

Gaelic Primer and Vocabularj, 12mo, ... 

Selection of Gaelic Songs, 32mo, 

Ossian's Poems, revised by Dr M'Lauchlan, clotJi, 
Ossian and the Clyde : Fingal in Ireland, Oscar 

in Iceland, by Dr H. Waddell, 

Peden's Two Sermons and Letters, 18mo, sewed, 
Philipps' Seven Common Faults, translated by Rev. 

H. Maccoll, 12mo, 1 6 

Prayers and Admonitions, (series of sìx, large type,) 

in packets of 2 dozen, sorted, 6 

Psalm Book, (General Assembly's Version), large 

iyTpej iSmo, bound, gilt edges^ 

Do. do. 18mo, clotJi, 

Do. Smith's or Ross's .large type, 18mo, bd. 
Do. Gaelìc and English, on one page, 
Ross's (William) Gaelìc Songs, 18mo, clotJi, 

Sinner's (The) Friend, 12mo, seived, 

Sixteen Short Sermons, 12mo, 5e?6W, 

Smith's (Dr) Sean Dana, with English Translation 

and Notes, by C. S. Jerram, 

Sum of Saving Knowledge, 12mo, sewed 

Thomson's (Dr) Sacramental Catechism, 18mo, sewed, 
Willison's Sacramental Catechism, 12mo, sewed^ 

New Testament for Schools, 12mo, bound, 
Job to Ecclesiastes, (for the use of Schools), 
Proverbs of Solomon, do. do. 



2 


6 


1 





2 





1 


6 


1 


6 





3 





2 


2 


6 





4 





2 





8 


1 








2 





2 



BIBLES, TESTAMENTS, AND PSALM BOOKS, 

AT VARIOUS PRICES. 



64 SoutJi Bridgej EdinburgJi.